CEARTACHADH NA RIAGHALTAS DUTHCHAIL
le RUAIRIDH TORMOD MACPHADRAIG (Inbhirnis) agus DOMHNALL MARTAINN (Na Hearadh)
Ann an Aireamh 78 de Ghairm (An t-Earrach 1972) chaidh sgrìobhadh mu dheidhinn na sgìreachan ùra a bha Wheatley a’ dol a thoirt a-steach agus bha a’ fear-sgrìobhaidh ag innse mu na h-ainmeannan Gáidhlig a bu fhreagarraiche aig an àm sin.
Bhon uair sin chaidh cuid de na tionnsgalan agus na h-ainmeannan atharrachadh agus chuir a’ Phàrlamaid a-mach a’ Local Government Reform (Scotland) Act 1973.
Bhon t-seachdamh latha de’n Chéitean 1974, tha naoi Roinnean ùra gu bhith ann, air am bristeadh sìos gu 54 ùghdarrasan dùthchail. Tha Sealtainn, Arcaibh agus na h-Eileanan an Iar air an cur fa leth ann an trì ùghdarrasan eileanan.
Airson aon bhliadhna bidh na seann siorrachdan, etc., agus na Roinnean ùra, etc., am bith taobh ri taobh còmhladh agus an deidh sin bidh na Roinnean an àite nan siorrachdan.
Tha comhairlean nan Roinnean freagarrach airson dealbhadh (planning), iomrachan (transport), cuisean talmhainn (land use), uisge (water) agus timcheallachd (environment).
Bidh iad mar an ceudna freagarrach airson obair ceannsachadh dùthchail, comunn ri cis, a’ lagh, teine, foghluim agus obair chomunnach.
Bidh na Sgìreachan ùra freagarrach air son a’ chòrr, e.g. , cùisean thaighean, eiridinn agus iomadh rud eile.
Tha na trì Roinnean eileanan—Sealtainn, Arcaibh agus na h-Eileanan an Iar—gu sònraichte freagarrach airson a h-uile cùis de obair ceannsachadh dùthchail ach cùisean lagha agus teine. Bidh na dhà sin fo Roinn Tìr Nam Beann.
Tha comhairlean beaga dùthchail gu bhith air an cur air chois airson muinntir na dùthcha a tha airson rud sam bith a thoirt an àird no a dheanamh air sgàth na dùthcha gu léir.
Tha na h-ainmeannan Gàidhlig airson na h-ùghdarrasan Roinnean, Dùthchail agus Eileanan air an sealltainn anns an ainm-chlàr an seo agus tha an dealbh dùthcha a’ sealltainn far an bheil gach àite.
AINM CHLAR
A. SEALTAINN
B. ARCAIBH
C. NA H-EILEANAN AN IAR
Roinn Tìr nam Beann
1. GALLAIBH
2. CATAIBH
3. ROS (AGUS CROMBA)
4. AN T-EILEAN SGIATHANACH
5. INBHIR NIS
6. NARUNN
7. LOCH ABAR
8. BAIDEANACH AGUS STRATH SPE
Roinn Sear a thuath
9. MOIREABH
10. BANBH AGUS BUCHAN
11. GORDAN
12. (CATHAIR) OBAIR DHEATHAIN
13. CINN CHARDAIN AGUS BRUAICH DE
Roinn Bruaich Tatha
14. AONGHAS
15. PEART AGUS CEANN ROIS
16. (CATHAIR) DUN DEAGH
Roinn Fiobha
17. FIOBH SEAR A THUATH
18. CATHAIR CALADAIGH
19. DUN PHARLAIN
Roinn Meadhonach
20. SRUICHLEA
21. CLACH MHANAINN
22. AN EAGLAIS BHREAC
Roinn nan Crìochan
27. SRATH TUAIDH
28. EADARAIG AGUS LABHARDAL
29. SIORRACHD BEARUIG
30. ROSBROG
Roinn Srath Chluaidh
31. EARRA-GHAIDHEAL
32. DUN BREATUNN
33. BRUAICH CHLUAIDH
34. COS NA MATH GAMHAINN AGUS MUILEANN DHAI
35. DROCHAID AN EASBUIG AGUS CATHAIR CEANN TULAICH
36. COMAR NAN ALLT
37. MANACHLANN
38. TOBAIR NAM MATHAR
39. LANNRAIG
40. HAMALTON
41. (CATHAIR) GLASCHU
42. CILL BRIGHDE AN EAR
43. COILL’ AN EAR
44. RINN FRIU
45. INBHIR CHLUAIDH
46. CUINNEAGAN
47. CILLE MHEARNAIG AGUS LUGHDUN
48. A’ CHUMANAG AGUS GLEANN DUIN
49. CUILL AGUS CARRAIG
Roinn Dun Phris agus Gallobha
50. A’ MHEURAG
51. AN STIUBHARDACHD
52. SRATH NUADH
53. SRATH ANANN AGUS GLEANN UISGE
Roinn Lodainn
23. LODAINN AN IAR
24. (CATHAIR) DUN EIDEANN
25. LODAINN MEADHONACH
26. LODAINN AN EAR
title | Ceartachadh na Riaghaltas Dùthchail |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruairidh Tormod MacPhàdraig and Dòmhnall Màrtainn in Gairm 88 %p |
parent text | Gairm 88 |