[348]

CUIMHNEACHADH M’ OIGE

Le Pàdruig Moireasdan (Uibhist-a- tuath)

’S iomadh atharrachadh a ghabh àite nar dùthaich on a bha misòg. Cha bann an bha sean ann. Chan eil teagamh, nach robh iomadh aobhar a bhana mheadhain air gach seann chleachdadh laghach a bha ri fhaicinn, agus pàirt a ghabhail annta o chionn ceithir fichead bliadhnair ais, a chaidh gu tur á bith, agus nach eil idir lorg orra san latha diugh, agus nach tig an àird tuilleadh. Ann an aon de ar n-Eileanan tha làn mhothachaidh aig an t-seann aois, air gach ceum mar a ghabh àite dhionnsaidh an latha diugh. Ri mòige fhéin còrr math is ceithir fichead bliadhna air ais, bha gàirdeachas mór aig an òigridh ri tighinn agheamhraidh. Be seo àm achéilidhmar a theirte ris. Ach cha bàm dìomhain, a bhaig daoine san gheamhradh idir, ged a bha cothrom a dhol air chéilidh ann, na bfheàrr na mìosan eile na bliadhna. Bha móran gnothaichean ann a dhfheumadh sealltainn riutha, mas tigeadh an oidhche, fhada, dhorcha, stoirmeil, bha sùil ris sagheamhradh. Bhiodh na Bodaich trang asniomh an fhraoich, sàs gu dìchiollach san eallach de fhraoch fhada mhìn a thug iad ás abheinn san t-samhradh, airson gabhail gu math aig tughadh nan tighean. ’Se fraoch bu chòta-dìon air amhór chuid de thighean còmhnaidh an àm ud. An tigh-dubh, mar a theirte riutha. Ach bha mathas fhéin ri aithris orra. Seo e, bha iad fionnar san t-samhradh agus blàth sa gheamhradh. Cha bhiodh na h-òganaich an tàmh na bu mhò na na bodaich. Bhiodh iadsan a-mach aig iasgach, airson a dheagh ghiollachd mar bu mhath abaithne gus am biodh e freagarrach gu ghleidheadh seachad mar a thigeadh feum air. Cha bhiodh an dachaidh far nach robh iasgair air am fàgail falamh. Bha coibhneas is bàigh ann ri chéile nas nas san latha diugh. Bha gainne annann an cuid. Ach bha sin anngràdhaich do choimhearsneach mar thu féin. Bha feum fhéin ga fhaighinn ás an oidhchfhada stoirmeil nach biodh creasda muigh. Bha chruach mhór eòrna ri spiolladh, gum biodh an diasna gràn-cruaidh, freagarrach airson a bleith samhuilinn. Ach facal beag san dol seachadBha pàirt dhan ghràn seo nach rachadh gu bhleith


[349] idir. Innsidh an rann, ’s tric a chuala sinn tha mi ciallachadh. Ach bha seo roimhn àm seo

Mac na poite duibhe mi
M shuidhen oir a ghealbhain
Sen t-eòrna buidhes athair dhomh
Sen atharnach mo shean-mhathair.

Nam biodh ceàrnag-chóig-siollachan dhith ri fhaighinn san latha diugh airson tasdan! ’Si bhiomaid uile ag òl an àite tea, ’s iomadh uair a chuala sinn bha beannachd aig amannan ann an diar beag de shùgh-an-eòrna, ged a bha tupaisdean co-cheangailte ris aig uairean eile. ’S tric a chuala mi air aithris aig banais na bliadhna-ùir neach a toirt iomradh air. “Ministeirann an aon de cheàrnaibh na Gàidhealtachd. Bhan duine còir cho mollachail gach madainn Sàbaid, nach leirigeadh en soisgeul dhan choimhthional cho maths bu mhath leis. Mar seo bha e ag òl dramana thigh fhéin mas fhalbhadh e dhan eaglais. Thòisich cuid dhan choimhthional air cur an aghaidh a leithid do chleachdadh aig duinena dhreuchd. Nuair a chuala e seo leig e brathna measg, nach òladh e drama air madainn Sabaid tuilleadh. An ath Shàbaid, dhfhalbh e cuairt a-mach air amhonadh roimh àm dol don eaglais. Gu thachair, ach thainig e air buidheann a bha baisteadh uisge-beatha bha iad féin air a dheanamh. Bha iad air an nàrachadh gu do ghlac am ministeir iad. Achse thubhairt eNa biodh nàir oirbh fhearaibh” —dhinnse dhaibh gu chuir cuairt air amhonadh mas rachadh e dhan Eaglais. Dhfhoighneachd fear dhan chuideachd dhaAn gabh am ministeir drama bhuainne air abhonn a dhinns sibh dhuinn”. “Gabhaidh,” ars esan. “Tha mi faicinn gu bheil uairean ann a cheadaicheas an Spiorad-Naomh a bhios air a thoirmeasg le daoine. Bha mise air mo threòrach ugaibhse diugh. Dhinns e roimhn t-searmon mar a thachair dha. Is bha e air aithris san sgeul, gu robh mór dhùsgadh spioradail sa choimhthional a thoradh air searmon an latha sean.

titleCuimhneachadh m’ Oige
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Pàdruig Moireasdan in Gairm 88 %p

parent textGairm 88
<< please select a word
<< please select a page