[34]

FACAL NA COMHAIRLE

le Tormod Domhallach

Anns na làithean dòruinneach anns an robh gorta agus iomadh uireasbhuidh ann an eileanan taobh an iar na h-Alba, dhfhalbh gille òg ar sgeòil, mar a rinn iomadh fear eile, á aon diubh a shireadh cosnaidh agus beòshlainte, gu tìr-mór.

Mu dheireadh thall, an déidh móran siubhail a dheanamh a chaith a bhrògan bharr a chasan, thàinig e gu tigh tuathanaich air an do dhiarr e muinntireas. Thubhairt an tuathanach ri:— “Tha thu làn -beadaidh fuireach an seo cho fad’ ’s a thogras thu, gheibh thu do bhiadh agus do leabaidh ach duais eile chan urrainn mi thoirt dhuit. An uiridh thainig earchall air mo spréidh leis an ghalar-ghreadhain, a dhfhàg mi gu ìre bhig cho bochd riut féin.”

Chòrd coltas an tuathanaich agus aideachadh onarach cho math ris an òganach agus gun do dheònaich e fuireach maille ris air achùmhnant a chuireadh mu choinneamh.

Chuir an sgalag suas ri bliadhna seachad san dachaigh ùir anns an do mheal e araon sonas is caidreabh. Cha robh dìth no deireas air ann an dòigh sam bith. Ged a fhuair e an obair car trom anns acheud dol a-mach, chan fheumte a bhi an gréim innte tuilleadh is moch no anamoch.

Air do hearann a mhaighistir a bhi dlùth do phort mara, fhuair an t-eileanach eòlas air na h-uiread de òganaich eile a thàinig gu bhinam fìor chàirdean dha. Thachair do chuid dhiubh seo a bhi aig muir, aseòladh do chaochladh àiteachan ach mar bu trice do dhùthchannan fadás na h-àirde an ear. Rinn an cuid sgeulachdan taitneach mu na tìrean céin uiread de ghréim air inntinns gun do chuir an òigear roimhe gun leigeadh e dheth obair an fhearainns gun leanadh e amhuir maille ri a chomh-aoisean eile.

Cha robh sin doirbh a dheanamh oir fhuair caraid àite dha maille ris féin air soitheach a bhair bheul seòladh.

Nuair a chuala an tuathanach na bha ann an rùn a sheirbhisich a dheanamh, thubhairt e ris— “Bidh mise da-rìribh gad ionndrain


[35] is bidh aobhar agam, bha thu an chuid cho gnìomhach, dìleas agus nach bu thuarasdal dhuit òr no airgiod nach eil agam. Ach bheir mi dhuit Facal Na Comhairle is ma tha thu toileach ionnsachadh bidh agad buaidh a bhios nas feàrr dhuit na fortan saoghalta, oir gheibh thu ann cuideachadh is seòladh nach dìbir anns gach imcheist, gàbhadh is cunnart a thachras riut. Dhionnsaich mise am Facal seo nuair a bha mi a cheart cho òg riutsa agus chan urrainn mi an diugh innse cho fìor fheumails a bha e dhomh bhon uair sin agus a bhitheas e fathast dhomh cho fad’ ’s is beò mi.

Chuireadh bòid orm mun tréig mi an saoghal seo gum fàg mi Facal Na Comhairle aig aon fhear eile, a dhfheumas thusa thu féin a dheanamh ma ni thu ionnsachadh bhuam. A bhàrr air sin bheir thu leat an cat glas a rinn a leithid de thaobh riut bhon a thàinig thu do mo dhachaigh. Tha fios agad mar a bha e ga do choinneachadh leitheach slighe a h-uile oidhche nar a bhiodh thu atighinn dhachaigh bho tobair. ’Se brod an t-sealgair a tha ann dheth a gheibh thu féin is càch ro fheumail anns an t-soitheach seòlaidh oir tha iad ag innse dhomhsa gu bheil iad uile glé làn de rodain.”

Se saoidh a bhanns an tuathanach, a theagaisg don sgalaig na seachd ceuman dìomhair bhon dfhuair e Facal Na Comhairle.

Air an latha a màireach, an àm beannachd a ghabhail le a sheann mhaighistir, thug Taog, oir be seo a bainm dha, leis an cat glas a ghiùlain e gu cùramachna achlais gus an do ràinig e an long.

Sheòl na maraichean anns an òg-mhios is thug an long cóig mìosan air an turas mun do ràinig i a ceann-uidhe. Nar a chuimhnichear air a liuthad port air am béiginn tadhal agus amhaille a chuireadh orra le droch shìde, is ann a rinn an soitheach cala dheth ann am fior dheagh àm.

Mar a thubhairt an saoidh, rinn an cat glas beartan mìorbhuileach air bòrd abhàta nach robh seachdain air sàl nar a mharbh i a h-uile rodan a bha air a feadh ged nach bu bheag an àireamh. Dhfhàs na seòladairean uile, bhon an sgiobair thun achòcaire, cho miosail oirres nach burrainn iad ach air éiginn a leigeadh ás an sealladh.

Nuair a rànas port crìche an turus cuain, far am feumte fuireach eadar cóig-latha-deug agus trì seachdainean, acur a-mach luchd agus agabhail luchd eilena broinn, chaidh na gillean air tìr cho luaths a fhuair iad an tuarasdal. Mar a chleachd, rinn iad air achiad tigh-òsda is thug iad leotha an cat, a chionns nach leigeadh an eagal


[36] leotha a fàgail anns an luing gun fhios nach siolpadh i air tìr agus air chall.

O a rìgh, is ann rompa-san a bha an sealladh anns an tigh-òsda le luchainnnan ceudan, air an ùrlar, air na sgeilpichean, a-measg nan soithichean dighe is air na bùird thalls a-bhos. Chan fhac Taog an leithid riamhna bheatha. Am beagan luch a chunnaic esan an Alba theicheadh iad cho luath ris an dealanach roimh bheathach no roimh dhuine. Cha be sin dhaibh seo e, bha iadsan cho callda, tàideach, dànas nach mór nach toireadh iad an gréim á beul neach, is ged a rinneadh iomadh innleachd airson cuir as dhaibh, dhfhairtlich siod gu tur air daoine.

Cha bfhada, co-dhiù, gus am faca an òsdair is a mheuds a bha an làthair de a cho-luchd-dùthcha rud nach faciad riamh roimhe. Leum an cat glas á lamhan Thaoig, siod am bad nan luchainn e, ga marbhadhnam ficheadan mar gum biodh le aon bhuille de a spòig. Cha robh fios aig muinntir an àite am beathach a bha ris an léir-sgrios. Chan fhac iad cat roimhe siod, cha robh a leithid de chreutair ri cat anns an dearbh cheàrn ud.

Mun deach uair an uaireadair seachad cha robh aon luch air fhàgail beò chan ann a-mhàin ann an seòmraichean an òil, ach anns achuid eile den tigh còmhnuidh. Nam bu rud es gun do thàrr ás le a beathas e falbh gun tilleadh a bha ann. Bhon àm ud a-mach cha do mhothaich neach a bhuineadh don tigh-òsda do luch no do bhlàth lucha.

Chaidh sgeul an àigh gu grad air feadh an àite. Cha robh latha nach robh tadhal sluaigh air an luings a h-uile neach, òg is inbheach, àrd is ìseal, bochd is beartach airson aon sealladh fhaicinn den bheathach annasach a rinn glanadh cho mìorbhuileach air an tigh-òil. Cha burrainn an òsdair a bhuidheachas a chur an géill mar bu mhiann leis ach chuir e ceud guinea òir ann an làmhan Thaoig.

Cha bfhada gus an do ràinig an deagh sgeul lùchairt an rìgh. An taobh a-stigh de chóig latha thàinig an uidheam ghiùlain bu bhriagha air a tarruing le ceithir each gheal thun na lamraig gu cliathach na luinge, ’na broinn bha ceathrar theachdairean bhon rìgh le cuireadh dùrachdach gu Taog bho a mhórachd, e féin agus an cat a thighinn maille riutha thun achaisteil.

Cha robh a dhol ás aig Taog, cha deanadh diùltadh feum. Dhfhalbh esan agus an cat glas maille ris na teachdairean. Cha robh comhradh aige ach ri aon den cheathrar do bhrìghs gur e an aon


[37] duine dhiubh aig an robh Beurla, air dha a bhina eadar-theangadair.

Mun deach iad a-steach air cachaileith achaisteil, stad fear stiùiridh na còmhdhail air beulaibh tigh ìseal anns am faca Taog dithis de fhreiceadanan fon làn armachd. Thubhairt an eadar-theangadair ris— “feumaidh thu tighinn a-mach a nis agus dol a-steach an seo airson gun téid do thomhas,” briathran a chuir ìoghnadh gu leòr air an t-seòladair. Rinneadh seo. Sheas Taog air slige meidh iaruinn agus thugas fa-near gu robh clachan deug de chudthrom ann. Air ball chaidh a threòrachadh do aon de sheòmraichean an rìgh.

Is ann an siod a bha an lùchairt rìomhach le seallaidhean nach do smaoinich an aoidh gu faiceadh e anns an t-saoghal seo ged a bhiodh e ann gu sìorruidh.

Bha an ùrlar air a chòmhdach le bratan ioma-dathach bho Persia, gach ball àirneis adeàrrsadh leis agheiltrigeadh a bàille. An teis meadhon an ùrlair chunnaic e tùisear àrd alabastorna sheasamh air ceithir chasan de umha fìorghlan, is air gach cas ìomhaigh nathrach ga h-amaladh mun cuairt.

Cha bfhada gus an do dhfhosgail dorus eile ann an cliathach an t-seòmair agus feuch an rìgh le cuideachd sgairteil de luchd frithealaidh.

Chuir an rìgh aig an robh gu leòr de Bheurla, fàilte chridheil air Taog agus mar a bfheàrr a baithne dha rinn esan ùmhlachd mhodhail do a mhórachd.

Thug an rìgh sùil le ìoghnadh air achat ghlas, oir ged a bfhileanta a Bheurla, cha robh e riamh ann an tìr anns am faiceadh e an dearbh sheòrsa beathaich. Labhair e ris an aoidh mar a leanas— “Ged is iomadh neach a thadhail air mo dhachaigh, cha do sheas fathast aon air mùrlar ris an do rinn mi uiread de thoileachadhs a rinn mi riutsa. Tha mo chaistealan-sa agus taighean mo shluaigh gu léir air am milleadh le plàigh de luchainn agus de rodain. Tha iad anns a h-uile h-àitena mo sheòmraichean bidh, ’na mo sheòmraichean cadail. Is ann an cisteachan iaruinn a tha ar biadh gu léir an gleidheadh. Tha iad air tuill a dheanamh troimh na cisteachan fiodha anns am bheil mo dheiseachan aodaich an gleidheadh agus air an fheadhainn as feàrr dhiubh sin a mhilleadh, ach rud as caillte buileach, fhuair iad air feadh mo leabhraicheans a-measg phaipearan luachmhor air an do rinn iad mìn chagnadh.

Chuir mi tagradh gu muile chomhairlichean is thun nan daoine as glice thanns an rìoghachd airson am burrainn iad seòl fhaotainn


[38] air aphlàigh ghràineil a sgrios, ach bu dìomhain gach oidhirp, tha na luchain agus na rodain a sìor dhol nas lìonmhoire.

Tha mi nis air gealltanas a chraobh-sgaoileadh gu faigh duine sam bith a sgiùrsas na rodain agus na luchainn bhom dhachaigh a chudthrom féin de bhuinn òir agus ma dhfhuadaicheas e an t-iomlan diubh an ceann trì seachdainnean gheibh e a roghainn de mo shé nigheanan airson a pòsadh, le a cudthrom féin de òr agus an treas cuid de mo rìoghachd mar thochradh.”

O a rìgh,” fhreagair Taog, “theid agamsa air an gnìomh ceudna a dheanamh roimh mheadhon na h-oidhche an nochd!” “Cuiridh sinn dearbhadh air do chomasan,” ars an rìgh, a thug àithne do a chòcairean trinnsear de chàise a thoirt a-steachs a chur air an làr agus uile dhorsan nan seòmraichean fhosgladh. Rinneadh mar a dhiarradh, thugadh air adhart an càise, dhfhosgladh na dorsans a-steach thàinig sgaoth an uamhais de na luchainn. Ma thàinig, siod an cat glasnam bad is mar a thachair san tigh-òsda, cha bfhada gus an robh iadnan cùirn marbh aige air an ùrlar. Thachair seo mu ochd uairean anns an oidhche agus mu dheich cha robh luch no rodan, no blàth a h-aon diubh ri fhaotainn anns achaisteal.

Is gann gun creideadh an rìgh a shùilean. Fhuair a lùchairt cùidhteachadh iomlan oir chan fhacas luch no rodan inntena dhéidh siod tuilleadh.

An sin thuirt an rìgh ri Taog— “Seasaidh mise an nochd féin ri mo ghealladh. Chuir e neònachas ort carson a chaidh do thomhas mun tàinig thu thar starsach mfhàrdaich. ’Se seo an aobhar, tha thu nis adol a dhfhaotainn do dhuais clachan deug de bhuinn òir, ’se seo do chudthrom. A thuilleadh air sin gheibh thu do roghainn de mo shia nigheanan ri a pòsadh agus an treas cuid de mo rìoghachd.

Mun gabh am pòsadh àite tillidh thu do do dhùthaich féin, a tha mar a chaidh innse dhomh-sa cian fadás. Bheir thu leat tiodhlac òir bhuam-sa don tuathanach chòir bhon dfhuair thu an cat luachmhor. Thig thu air ais dom dhùthaich-sa leis achiad luing a gheibh thu agus bheir thu leat leth-cheud cat, cóig thar fhichead dhiubh fireann agus cóig thar fhichead boireann.”

Le siod a ràdh thionndaidh an rìgh ri aon de a luchd frithealaidh air an do dhiarr e dol do sheòmar an àrd dhraoidh agus impidh a chur air e a thighinn gu gradna làthair-san, e a thoirt tùis na draoidheachd leis agus lasadair. Chuireadh teachdaire eile do sheòmar nan sia bana-phrionnsachan airson iadsan cuideachd a thighinn an làthair an righ.


[39]

Thàinig an àrd dhraoidh am follais agiùlain anns an dàrna làimh adharc achinn agus nam bannan airgid anns an robh an tùis is anns an làimh eile lasadair fada céire, laiste.

Thuirt Taog ris féin nach fac e neach riamh cho flathailna choltas ris an draoidh. Cha robh timcheall air nach do thog aireàirde, suas ri seachd troigheanaodach, culaidh cho geal ri sneachd na h-aon oidhche sìos gu a shàiltean is crios òir mu a theis meadhonfhalt tiugh, geal mar bhainne, aruigheachd a ghuaillibhfheusag chas den aon ghile, acòmhdach bràighe a bhroillich.

Air do inbhe an àrd dhraoidh a bhi air a mheas os cionn rìgh talmhaidh, cha do chrom se e féin idir nar a choinnich iad ach thuirt e— “Sìth gu robh dhuit O a rìgh!”

Cha bfhada gus an do nochd na bana-phrionnsachan, a sheasnan sreath air beulaibh an athar. Am meadhon nan cóignear aca bha hùman mór caillich agus moiresann oirre féin a bha an dronnag thomadach air an seasadh an cliabh mòna gun chunnart taomaidh ged nach biodh iris idir ann ga cheangal mu a guaillibh. Bha, aodann na caillich gnutha, grathail, a sròn cho fada ri sgonn de churran gàraidh is air bàrr na sròine balldòrain mór is trì gaoisdeanan fada, dubh afàs a-mach ás.

Thionndaidh an rìgh ri Taog agus thubhairt e ris— “Tagh an nis an ás feàrr leat de mo nigheanan!” a chuir an seòladair fo imcheist throm oir bha na cóignear aca cho maiseachs nach robh taghadh idir soirbh, ach bha achailleach cho grànnda ris aMhac Mhollachd!

Anns an dearbh mhionaid thàinig Guth Na Comhairle a chagair ann an cluas Thaoig— “Gabh achailleach, gabh achailleach, gabh achailleach. Cuimhnich a tochradh, cuimhnich a tochradh, cuimhnich a tochradh. A cudthrom féin de òr, a cudthrorn féin de òr, a cudthrom féin de òr. Tha i cho trom ri triùir de a peathraichean, cho trom ri triùir de a peathraichean, cho trom ri triùir de a peathraichean. Chan e an seanmhair a thann, mar a tha thu an dùil, chan e an seanmhair a thann mar a tha thu an dùil, chan e an seanmhair a thann mar a tha thu an dùil. Chan eil an fhìor mhaise ach fon achraiceann, chan eil an fhìor mhaise ach fon achraiceann, chan eil an fhìor mhaise ach fon achraiceann. Cha bhi achailleach beò gu sìorruidh, cha bhi achailleach beò gu sìorruidh, cha bhi achailleach beò gu sìorruidh!”

Thubhairt Taog ris féin gu robh rud anns aghuth agus air dha comfhurtachd nach bu bheag fhaotainn bhon dearbhachd— “Cha bhi


[40] achailleach beò gu sìorruidhis ann a fhuair e de mhisneachd a thubhairt ris an rìgh— “Le cead bhur mórachd agus mo làn bhuidheachas fhìn, gabhaidh mi achailleach!”

Ille òig”, fhreagair an rìgh, “tha do thaghadh acur an géill gliocas nach eil coitcheann aig òige no aig aois. Chan eil thu afaicinn de chomharradh maise air do rogha céile ach an taobh a-stigh de dheich mionaidean, atharraichidh thu do bheachd!”

Thug an rìgh àithne don draoidh e a losgadh tùis na draoidheachd. Chaidh an draoidh naoidh uairean deiseil air an tùisear, (naoidh, àireamh ro dhìomhair, anns am bheil araon dàn agus cumhachd mar bu mhath a baithne don fheallsanach Pythagoras agus do sheann Cheiltich Ghalatia). An sin dhòirt e taom den tùs bhon adhairc a-steach don tùisear. (Bhuineadh an adharc cheudna uaireiginn do tharbh geal anns nach robh aon bhall dubh, nan robh, cha bhiodh a bheag sam bith de bhuaidh leatha).

Chuir e an lasadair céire ris an tùis bhon do dhéirich baideal de cheò dubh-ghorm a chaidh ann an cumadh com boireannaich. Rinn an ìomhaigh cheò air achaillich, chaidh i naoidh uairean deiseil orra is anns an naoidheamh uair shìolaidh achailleach tur á sealladh isna h-àite chunnacas an òigh bu bhriagha air an do dhamhairc sùil duine bho thoiseach achruthachaidh. Bheireadh amhaise cheudna dùbhlan do na samhlaidhean as àille anns an t-saoghal nàdurra a cur an géill gu h-iomlan.

Ma ghlacadh sùil Thaoig cho mór agus nach burrainn dha a priobadh ach asìor amharc na h-ighne, ghlacadh a chridhe a theab stad fo luchd a shòlais.

Labhair an rìgh a rithist ri Taog— “tha mo nighean agad an nochd fo ghealladh pòsaidh. Fuirichidh thu maille rinn féin ann an seo gus an seòl do long. Fàgaidh thu againn an cat glas is bheir mi dhuit mo ghealladh gum bi e air a dheagh bheathachadh, gu nochdair gach coibhneas dha gus an till thu air ais.”

An ceann cóig latha sheòl Taog do Alba maille ri a luchd eòlais. Air don aimsir a bhi soirbheachail, cha tug an soitheach idir cóig mìosan air a turus dhachaigh.

Cho luaths a fhuair Taog gu port, rinn e air tigh a sheann mhaighistir a ghabh ìoghnadh nar a chunnaic e an t-atharrachadh a thàinig air a sgalaig bhon a dhealaich iad. Dhinnis an t-eileanach sgeul fhada mu gach a chunnaic e, mar a chaidh dha fo bhuaidh dhìomhair Facal Na Comhairle is mu euchdan foghainteach achait ghlais.


[41]

Tha cuimhne agaibh,” ars esan, “nar a bha sibh atoirt eòlais dhomh air Facal Na Comhairle, gun do dhinnis sibh cho feumails a bha e dhuibh féin an àm càis is imcheist anns na bliadhnachan a chaidh seachad. Thubhairt sibh cuideachd— “agus a bhios e fathast dhomh cho fad’ ’s is beò mi”, “seo agaibh dearbhadh air an sin,” is esineadh tiodhlac an rìgh don t-seann duine, ultach tàbhachdach da rìreabh, anns an robh trì mìle punnd Sasunnach ann am buinn òir. Air don eallach a bhi cho trom bfheudar do Thaog each fhaighinn a chum a ghiùlain bhon phort.

Cha robh fios aig an tuathanach gu a theireadh e. Cha robh cainnt aige anns am burrainn dha a bhuidheachas a chur an ìre. Thàinig luchdna amhaich air chor is gun do thòisich e air sileadh nan deur le meud a ghàirdeachais.

Dhinnis Taog don t-seann duine gum feumadh e sgrìob a thoirt do eilein a bhreith, a choimhead air athair is a mhàthair.

Fhuair e iadsan gu slàn, fallain. ’Se a thuirt athair nar a thug e a chiad sùil air— “O a Thaoig, nach thu féin a thog orts dhfhàs dòmhail, trom ann am bodhaig seach mar a bha thu cho neulach, caol nar a dhfhàg thu an dachaigh.” “Tha clachan deug de chudthrom annam, athair,” arsa Taog, “ach bheir mi an nochd ceithir dhiubh seo dhuibh féin is dom mhàthair.”

Bha thu riamh loma làn fealla-dha, a Thaoig”, fhreagairathair.

Mhìnich Taog gur e bha e ciallachadh cudthrom ceithir chlachan de bhuinn òir, gu robh esan air fhortan saoghalta a dheanamh, gun do choisinn e làmh nighean rìgh an dùthaich na h-àird an ear agus an treas cuid de rìoghachd a h-athar is gu robh e atilleadh a phòsadh cho luaths a ghabhadh e dèanamh.

An déidh do Thaog athairs a mhàthair agus a chiad mhaighistir fhàgailnan daoine beartach chuir e cùl ris an dùthaich seo.

Thug e leis mar thìodhlac don rìgh an a gheall e, leth-cheud cat glas, tìodhlac luachmhor do-labhairt, a thug an taobh a-stigh de thrì bliadhna, sgrìob liath an earraich air na luchainn is na rodain.

An diugh chan eil cuimhne aig aon de luchd àiteachaidh na dearbh chuid ud den t-saoghal air aon de na creutairean caillteach fhaicinn riamhna bheatha.

Phòs Taog abhana-phrionnsa. ’Se an draoidh a rinn am pòsadh agus cho fad’ ’s is fiosrach mise, tha na fionn-oghaichean aige ann thun an latha an diugh agus fhuair gach oighre a thàinig a-mach bhuaithe eòlas air Facal Na Comhairle.

titleFacal na Comhairle
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 89 %p

parent textGairm 89
<< please select a word
<< please select a page