[65]

AM BAILE AGAINNE

le Ruaraidh Iain MacLeòid

Tha seachd tigheannan sreath bhon chidhe chun achladh anns abhaile againne. Tha iad a sin an nochd, biùgan soluis anns gach fear, mar sreath rionnagan.

Anns achiad tigh bha Mòrag is Coinneach sàmhach aig an teine; Catrìona, a nighean a bshine leatha féinna guraban air abheinge; Fionaghal, a nighean a bòige, acluich air an làr le sligean a lorg i feasgar air achladach. Bha Catrìona acaoineadh. Bha h-athair fiadhaich, bha màthair duilich. An ceann ùine thubhairt Coinneach, “ ’S fheàrr fhios a bhi aig an dotair, ’s aig a mhinistirchan fhada gum bi e air feadh abhaile co-dhiù. Teaghlach gun thaing. Mises do mhàthair nar cuis-nàire. ’S iongantach gum faigh e a bhaisteadh co-dhiù nuair a thig e.” Bhan tigh sàmhach, feargach, duilich. Farmad gu robh a latha féin do thogail cloinne seachad agus latha eile tòiseachadh . . . . ’sann a bu chòir dhith a bhi air a dòigh, ach bha i asmuaineachadh gur i féin a bha air a dhol ceàrrs nach bi Catrìona, air dòigh a choireigin. Mu dheireadh thubhairt i; “Tha min dòchas gur e balach a bhitheas ann: chan eil afeitheamh air boireannach anns an àite seo ach obair is bròn.”

Anns an dara tigh bha Sandy agus Mairead agabhail an Leabhair. Salm, soisgeul is ùrnuigh. Nuair a dhéirich iad far an glùinean thubhairt Mairead, “Bu chòir dhut innseadh dhan mhinistir.” “ ’S iongantach mar a bheil fios aige.” “Bhiodh e coltach dhutsa leigeil fhaicinn dha na tha dol air adhart sabhaile seos tu nad eildeir. Mar a leig, leigidh mise.” “Tha fios aige glé mhathchluinneadh tu an eughach a bhair Coinneach feadh abhaile.” Leis a sin chaidh iad a chadal. Bhan tigh socair, tèaruinte, mar anam air a theàrnadh. Cha robh teaghlach aca.

Anns an treas tigh bha Banntrach Mhurchaidh an Iasgair ariarachadh suipeir air seachdnar mhac. Bainne teth agus aran. Eóghain a bu shineochd-bliadhn’ -deug, làidir, sèimh, stòlda, coltach ri athair. Domhnall Iainsia-bliadhn’ -deug— ’se bha math anns an sgoil! “Eóghain, nach cùm thu bhiadh ri Dollaidh.” Niallceithir-bliadhn’ -deugcha robh ann an Niall ach lethchiallach, ach dheanadh e pàigheadh-seachdain air anSilver Darlingfhathast, ’s bhiodh cuibhreann air a chur a-mach dhàsan cuideachd. Murchadhtrì-bliadhn’ -deugàrd, caol, dorch, ’se cìobair a bhiodh ann . .


[66]

Alasdairseachd bliadhnabàn agus ao-coltach ri càchbha e bruidhinn air a bhina mhinistiraig aois! Donnchadhcóig bliadhnaaghràin a bhaige air an sgoil! Dollaidh a bòigecha robh ann ach leanabh fhathast, chan fhaca e athair riamh, cha robh ach trì mìosan eadar am bàthadhs am baisteadh. Mas deach iad a chadal las Seonag coinneal san uinneig, dhfhàg i na cùirtearan gun tarruing, ’s an dorus gun ghlasadhgun fhios nach tilleadh Murchadh. Bha Dollaidh air tuiteamna chadal nuair a chuir i dhan leabaidh e anns an rùm aig Eóghain, Dòmhnall Iain is Niall. “Gu robh Dia ga ar beannachadhs gar gleidheadh, Amen.” Dollaidh, an seachdamh gille— ’se bhiodh annsan dotair.

Anns acheathramh tigh bha Calum Ailein acur leabhraichean na bùtha air dòigh. Cùnntasan gan deanamh an àird, òrduighean afalbh gu na buidsearan, muinntir an arain, muinntir an uisge-bheatha. Bha e afàs doirbh, baraill-bhròg, ràcain-feòir, làmpaichean-parafin agus pumpaichean bhìosagail fhaighinn. “Bha bhùtha fada na bfheàrr ann a linn tathar,” bha Annag air a ràdh ris an latha sin féin aig a van. Cha robh uimhir seo do dhobair leabhraichean aige co-dhiù. Ach nuair a dhùin e an leabhar aig leth-uair an déidh aon-uair-deug mhothaich e gu robh a phrothaid an àird an t-seachdain seo rithist. ’Se na bha e reic de dheoch a bha ga dhèanamh. Thug e thuige Leabhar eile.

Anns achóigeamh tigh . . . . well, cha chanadh tu tigh ris. Bha Raghnall an Ròn beò fo mhullach sinc am broinn bhallachan cloiche, le bhocsa-sgadain far an do chleachd na h-uinneagan a bhi agus poca canabhas acrochadh ris an dorus. Bha teine mór am meadhon an làir, leabaidh anns achornair. Bha Raghnallna shuidhe cho faisg air an teines a dheidheadh aig air, ’na dheise ghorm a chleachd a bhi air aseòladh, gu ruig a bhonaid-bhiorach—“Cheese cutter”. ’Se latha math a bha air a bhi aige an diugh, latha an Allowancesin a dhfhàgna dheise e. Bha e air cuairt a ghabhail chun achidhe feasgar agus air feed chudaigean a thoirt dhachaidh leis. Bha leabhar mór fosgailte air a ghlùinean, peansailna dhorn agus seann phaidhir ghloinneachan crochte mu amhaich. Cha robh duine acur dragh airbha sin cho math oirsann a bhan duine stiùradh cùrsa gu CapetownCapetown, abair àite mathtìde mhath, a dhuine! Thog e shùil. “Keep her set at that for the rest of the watch, Smith. We should be off Capetown at first light. Its been a good voyage. ”Dhùin e an leabhar, smàl e an teine, ’s chaidh e chadal. ’Se latha


[67] math a bhann an Di-Luain gun teagamh. Latha an Assistance, na bùtha, ’s an ruma.

Anns an t-siathamh tigh bha Ceit Anna adeanamh cupa tea do Evelyn. Dithis bhoireannach òg, man deich air fhichead. Bha Evelyn aotram, sgiobalt, ach bha Ceit Anna air tuiteam ann a feòil bho phòs i. ’Sann á Dun Eideann bha Evelyn, ’s bha i féins an duine air tighinn a dhfhuireach dhan eilean airson a bhi faisg air a h-athair, ’s a màthair a bha air feu a ghabhail aig ceann eile abhaile. “I cant get used to Jock being out late like this; he says hes working but he smells of drink. All he wants when he gets home is his dinner and his bed. ”Bha Ceit Anna féin air a bhi pòsda aig Seonaidh cóig bliadhna. Bhiodh Seonaidh ag iasgach, nuair nach biodh e slupraich anns a hotel. Bha ceathrar chloinne aca, triùir nighean is balach. “Its like thisars ise, “men are like that. My father was the same, so Im used to it all right. As long as Johnny keeps me in money and the kids decent I dont mind. Theyll be back at twelve. ”Chuir i cupa air abhòrd mu choinneamh na ile, le pìos céic, bhriosgaid is sgona gu cùramach ri thaobh. “I must learn how to make scones like yours, Kate Annars ise.

Anns an t-seachdamh tigh, bha Alasdair Ogs a bhean air a dhol dhan leabaidh. Tigh ùr math. Am fearann air a dheagh chumail. Cha robh iad ach air pòsadh. Bha bùtha aig athair Bhellag ann am Portrìgh, ’s mar sin cha robh dad a dhìth orra. Bha Alasdair air a bhi troimhn fhoghlum an Dun Eideann, agus bha e air tilleadh dhachaidh a dhobrachadh an fhearainn. Shealladh esan dhan bhaile ciamar a dhobrachadh tu crodh is caoraich, mar a bhan duine bochd air a chumail sìos, ’s nach robh feum air Dia. Cha robh e air guth a ràdh ri duine ach bha ena bheachd seasamh airson aChouncil as t-earrach. Cha robh a bheachdan acòrdadh ris amhinistir, na ri móran eile. Cha robh na ri athair Bhellagbesan an Councillor.

Anns amhansa bha Mgr. MacDhòmhnaill acur crìoch air searmon. Searmon math cruaidh, smiorail. Dhfheumadh e am baile seo a thoirt gu rathad. Searmon an aghaidh adhaltranas, an aghaidh teagasgan-mearachdach, an aghaidh miann an airgid, searmon an aghaidh a bhi beò air an Assistance, an aghaidh deoch làidir, searmon an aghaidh creidimh gun tigeadh na mairbh air ais bho ghrunnd na mara . . .

Bha Seumasna shuidhe air baraille aig achidhe, acoimhead na rionnagan. Cha robh gan coimhead ach e féin. Ma bha an Ròn


[68] bochd ceàrr anns acheann bha fear-sa craicte buileach glan. Bha e smuaineachadh chanadh Maighstir MacDhòmhnaill nan canadh e gu robh:e am beachd eaglais na Ròimh a leantainn. ’S dòcha gu robh e na bfhasa maitheanas fhaighinn san eaglais sin air dòigh air choireigin. Dhfheumadh e maitheanas fhaighinn bho chuideigin.

titleAm Baile Againne
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Ruaraidh Iain MacLeòid in Gairm 89 %p

parent textGairm 89
<< please select a word
<< please select a page