[95]

An Sgeilp Leabhraichean

Kenneth MacKinnon, The Lion’s Tongue.Club Leabhar Inbhirnis. 1974. £1.00 (£2, còmhdach cruaidh).

Tha Coinneach MacFhionghuin air leabhar feumail a sgrìobhadh ged is ann am Beurla a tha e, agus ged is ann bhon taobh a-muigh a tha e fhéin, agus rud math den fhiosrachadh aige bhon taobh a-muigh. Chan eil teagamh nach fhaodadh an leabhar a bhi na bfheàrr, agus na bfheumaile, nan robh an t-ùghdar air a bhi na bfhosgailte ri fiosrachadh a fhuair e, ach tha leabhraichean eile ann a bheir iomradh nas coimhlionta do dhaoine. Bheir mi eiseamplairean an seo air na rudan sònraichte tha fo maire, agus beagan iomraidh air na rudan matha cuideachd.

Tha an leabhar air òrdachadh ann an riochd eachdraidheil, ach tha e soilleir nach eil an t-ùghdar ro eòlach ann a seann eachdraidh na Gàidhlig agus nan cànanan a tha air am bruidhinn ann am Breatainn. Tha e den bheachd gur h-e na Gaidheil a thug fiosrachadh air sgrìobhadh agus foghlum eile do na h-Anglo-Sacsaich cho fada deas ri Lunnainn. Cha bfhuilear dha gabhail air a shocair, ged a bhiodh criomag bheag den fhìrinn aige! Tha e acur nan laoidhean Oiseanach don aon linn ris na seann sgeulachdan (sàgachan) agus acur nam bàrd os cionn nam filidh. Is dòcha gun robh an leabhar air a bhi na bfheàrr atòiseachadh san t-seachdamh linn deug. Co-dhiù tha cùisean adol nas fheàrr leis bho àm Laghan Idhe(Statues of Iona)an 1609, agus tha cunntas an ìre mhath cothromach aige air suidheachadh na Gàidhlig anns an 18mh agus an 19mh linn, ’s e aruith gu cabhagach air beachdan an Ollaimh MhicIain (a bha air taobh na Gàidhlig) agus air an obair theagaisg a rinn an S.S. P.C. K na Comunnan airson sgoiltean Gàidhlig (Glaschu, Dun-Eideann, Inbhirnis), Comunn nam Ban, na h-Eaglaisean, agus Comunn Gàidhlig Lunnainn. Tha e feumail eadhon eachdraidh chabhagach a bhi ann den t-seòrsa seo,


[96] ged a tha feum againn cuideachd air eachdraidh mhionaidich. Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil Fear Chanaidh (Iain Latharna Caimbeul) air déiligeadh ri pìos math den raon seo mar thà(Gaelic in Scottish Education and Life) .

Tha beagan de choltas na cabhaig air na sgrìobh e mun fhicheadamh linn, agus tha e soilleir nach eil làn fhiosrachadh aige mu gach cùis. Chan eil guth air na cruinnichidhean feumail a chuir an Comunn Gaidhealach air adhart eadar 1920 agus 1939, no air na Còmhdhailean a chuir Colaisde Jordanhill air adhart eadar 1955 is 1965. Geci tha iomradh air obair aChoimitidh a chuir ri chéileGaelic -speaking Children in Highland Schools,chan eil fios aige mun cheangal a bha eadar an Coimitidh sin agus na poilisidhean ùra Gàidhlig an Siorrachd Inbhir-Nis, agus cha chreid mi gu bheil iomradh idir air an Ollamh Iain MacGillEathain, a rinn uiread gus na poilisidhean sin a chur an gnìomh.

Cha mhotha tha guth air an obair a rinn an Coimitidh airson Leabhraichean-sgoile Gàidhlig, obair fheumail gu h-àraidh anns na ciad bhliadhnachan, nuair a bha iad ag obair an co-bhoinn ri Clò-bhualaidhean Gairm agus acur leabhraichean ùra an tairgse nan sgoiltean. Bha Roinn nan Cànanan Ceilteach an Obar-Dheadhains an Glaschu air beagan a dheanamh an seo cuideachd. Chan eil guth a rithist air Bòrd aCheusnachaidh, is Gaidheal math air a cheann, agus am Pannal Gàidhlig aig aBhòrd, air a robh mi fhìn mar fhear-cathrach grunn math bhliadhnachan. Ach is gann gu bheil guth air Gairm fhéin, agus air Clò-bhualaidhean Gairm, agusse eachdraidh annasach a leigeadh an leithid troimh a làmhan. Ach fuirich ort, tha eachdraidh aChlub Leabhair ann, agus ann an dealbh de leabhraichean ùra Gàidhlig chì thu seachd bhon Chlub agus trì bho Ghairm, mar gum biodh an duine a thagh iad an dòchas gun togadh daoine gur h-ann mar sin tha cùisean. Cha ghabh eachdraidh a fiaradh cho furasda sin.

Tha rudan nas feumaile ann far a bheileas asgrìobhadh air beachd an t-sluaigh air aGhàidhligs air aBheurla, agus mar a ghabhas staid na Gàidhlig neartachadh an diugh fhéin agus anns na bliadhnachan tha romhainn. Air sgàth nan rudan sin tha mi amoladh an leabhair, agus aguidhe gun dean e feum. Agus tha min dòchas gu faic sinn cunntas bho làimh eile, a bhios nas cunbhalaiche, ’s nach bi cho leth-oireach ris achunntas seo.

RUARAIDH MACTHOMAIS

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 89 %p

parent textGairm 89
<< please select a word
<< please select a page