[18]

TAIBHS AON OIDHCHE

le Coinneach Mac a’ Ghobhainn

Chan fhaca mise taibhs a riamh. Co-dhiù, cha shaoil leam gu faca, ach chan eil mi cinnteach. Agus a leughadair, ma their thu féin gur e briathran neònach a tha sin, éisd ri mo sgeul, agus thoir breith air gu a chunnaic mise air oidhche bhriagha foghair, agus minam bhalachan òg ann an Eilean Leódhais.

Bha mi ma aon bliadhna deug a dhaois aig an àm, agus mo bhràthair, a bheir co-dhearbhadh air mo chunntas, bhliadhna na bòige. Bha sinn ri còmhnuidh ann am baile beag air taobh siar an Eilein, achsann as baile eile, mu thrì mìle astar tron amhòinteach, a thainig ar pàrantan a dhianamh an dachaidh agus a thogail an teaghlaich anns abhaile ùr seo. Bhiodh e mar sinna chleachdadh againn, aig saor-làithean an t-samhraidh, a bhi ri cur seachad cea-la-deug no fichead latha ann an cuideachd ar càirdean anns abhaile sin. ’Se tigh ar seanar ar n-àite còmhnuidh air achuairt-samhraidh seo, còmhla ri peathraichean agus bràithrean ar n-athar. Ged a bhiodh sinn aig amannan gu trang le obair mòine agus gnothaichean eile croit, bhiodh sinn gu toilichte a-measg ar luchd-dàimh, agussann le duilgheadas a thigeadh ar turas gu ceann. Thogadh sinn oirnn dhachaidh le cridheachan


[19] trom, air ar chois-ruisg, ri coiseachd a rothaid na trì mìle tron amhonadh, monadh a bha bòidheach, maiseach air latha samhraidh, ach a bha iomallach, aonranach air an oidhche.

Se sin na faireachdainnean a bhagainn air feasgar Di-Sathuirne sònraichte ma mheadhan mìos Lùnasdal, nuair a leig sinn soraidh le ar càirdean, agus a chuir sinn aghaidh air ar dachaidh agus air asgoil a bha ri fosgladh air Di-luain. Bha am feasgar ri ciaradh agus gealach-àbachadh-an-eòrna ri togail a maoil fos cionn na beanntan air chùl na mòintich, nuair a chuir sinn cùl ris abhaile.

Bha sinn ri coiseachd gu socair, sàmhachas na h-oidhche ri bualadh a-steach oirnn, nuair a thainig neach nar cuideachd, agus a choisich e ceum air cheum rir taobh. Ged a bha e neo-àbhaisteach a bhi ri tighinn ann an comunn duine air an astar seo cho anamoch, ’se a chuir oillt oirnn nach do labhair a neach seo focal còmhraidh. Thug mi sùil a-null air mo shocair, gu faicinn an e duine nàdarach e, agus shaoil leam gur fireannach fearachail e. Bha e còmhdaichte ann an deise dhorch, le léine gheal, agus bonaid soilleir air a cheann. Bha brògan faileasach dubh air a chasan. Bha mi ri miannachadh gum bruidhinneadh a neach gus sealltainn gur e duine talmhaidh a bhann, ach smid cha digeadh bho lipean. Leis aghréim a chuir mo bhràthair orm thuig mi gu robh esan fon aon bheachd. Bha mi a nis cinnteach gur e tàibhs a bhann, agus dhiarr mi gu teich air falbh, ach bha fios agam le sin a dhianamh gun tugainn oilbheum dha, agus gun dianadh e cron dhomh. Co-dhiù, bha nis meagal cho mór agus nach toireadh mo chasan air falbh mi.

Bha mi ri rannsachadhnam inntinn air dòigh a chuireadh astar eadar sinn agus an tannasg a bha seo, nuair a chuimhnich mi air a chuala mi gu tric, ’se sin nach rachadh taibhs thairis air uisge. Bha allt aruith tro shaibhear fon arathad mu cheud slat air adhart. ’Se seo an dearbhadh. Chùm sinn ri coiseachd, mo chridhe ri plosgartaich, agus mi ri cunntadh na ceumannan, airson minntinn a chumail fo rian. Sud, bha sinn fos cionn an uisge, agus anns an tiotadh sin a bha sinn air druim an t-saibhear, stad an neach. Stad e, bhuail e a dhà bhròig ri chéile mar saighdear air cabhsair, chuir e car timcheall gu sgairteil, agus chaidh e ás ar sealladh.

Thubhairt mi rim bhràthair air mo shocair, e gréim daingeann a chur orm agus, gun sealltainn nar deidh, thog sinn air falbh. Thog sinn ás mar fiadh le mìol-chù aig earball, na casan againn ri spradadh grabhail an rothaid, agus iad ri teasachadh leis a rubaidh. Ruith sinn


[20] na trì mìle dhachaidh, agus cha do stad, eadhon airson geata abhaile a dhùnadh, ach a shadadh nar deidh. Stad sinn aig an tigh airson greis, ri faighinn ar n-anail air ais, agus nuair a chaidh sinn a-steach, chuir ar pàrantan fàilte oirnn. Nuair a thubhairt iad gu robh sinn anamoch gun ruighinn dhachaidh fhreagair mise nach dug sinn fada air an t-slighe, ach nas motha na sin cha do dhinnis mi. Bha mi airson beagan tìde agus tuilleadh rannsachadh a dhianamh air achùis mas aithrisinn do dhaoine eile e.

Chaidh an tìde seachad ach cha deach an tuiteamas ás mo chuimhne. Beagan ùine ás deidh an àm, thachair gu robh sinn air chuairt ghoirid an tigh ar seanar. Air an Di-Sathuirne a bha sinn ri fàgail, rinn sinn ullachadh airson falbh tràth air a latha, ach chomhairlich piuthar-mathar sinn fuireachd gu feasgar agus gum biodh sin tràth gu leòr dhuinn falbh. Fhreagair mise gum bu chaomh leinn sin a dhianamh, ach gu robh feagal an taibhs oirnn. Dhfheòraich i dhiom tuilleadh innse dhi, agus air dhi éisdeachd rim sgeul, thòisich i ri gàireachdaich agus cha deigheadh aice air sgur. Nuair a fhuair mi cothrom air focal còmhraidh, thubhairt mi nach do shaoil leamsa gur e aobhar ghàire a bhann taibhs fhaicinn. Ma thubhairt, chaidh sin gu tuilleadh gàireachdainn dhìse, le na deòir aruith sìos air a gruaidhean. “Taibhsarsa piuthar-mathar, “abair thusa taibhs. Uilleam Chaluim ri suirghe air Cairistiona Bheag. Bidh e dha coinneachadh aig ceann a rothaid ùir, gu minic air oidhche Shathuirne.”

Chuir so fo ioma-cheist mi. Thug mi greis ri smuaineachadh air achùis agus thubhairt miAn e balbhan a thann an Uilleam Chaluim mata.” “Cha e, gu deimhinn, ach ceart aghaidh sin, fear aig a bheil làn a chinn do chòmhradhfhreagair i.

Uill, bha fios agam gu robh gille fo shìos san sgìre ri suirghe air Cairistìona Bheag agus gun phòs iad goirid ás deidh an àm ud, ach chan fhaca mise an oidhche ud e. Mar a thubhairt mi anns an tòiseachadh, chan fhaca mise an duine a riamh. Co-dhiù, cha shaoil leam gu faca, ach chan eil mi cinnteach.

titleTaibhs aon Oidhche
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 89 %p

parent textGairm 89
<< please select a word
<< please select a page