FACAL THALL ’S A-BHOS
le Ceiteag M. NicChriogair
Chan eil fhios agam am bi seo a’ tachairt dhuibhse ach bidh muinntir na Beurla glé thric a’ faighneachd dhìomsa dé a’ Ghàidhlig a th’air sud is seo—a h-uile rud as neònaiche na chéile, ’s dòcha“dandelion”no“nuclear fission. ”Bidh mi ’n uair sin a’ gabhail a’ chothroim innseadh dhaibh gu bheil dhà no trì fhaclan Gàidhlig againn airson móran de na facail Bheurla. Mholainn an cleas seo do dhuine sam bith. Tha e uabhasach feumail ann an dòigh no dhà.
Sa’ chiad àite tha e leigeil fhaicinn dh’an cheistear cho saibhir ’s a tha ar cainnt. A bharrachd, ma tha do Ghàidhlig air fàs car meirgeach le cion cleachdaidh, tha rud dhe’n t-seòrsa seo a ràdh a’ toirt beagan ùine dhuit air d’inntinn a chnuasachd gus an tig thu air an fhacal “beàrnan bride.” Bheir e cuideachd dhuit cothrom lethsgeul pongail air choireigin a dheanamh suas seach nach eil fios agad dé fo’n ghréin a tha“nuclear fission”a’ ciallachadh ann an cànain sam bith!
Chan eil e cho furasda lethsgeul fhaighinn nuair a bhios na Goill a’ cluinntinn còmhraidh Gàidhlig no naidheachdan air an réidio ’s a dh’fhaighnicheas iad a bheil facal idir againn sa’ Ghàidhlig airson anDevelopment Board.Faodaidh sinn a ràdh gu bheil gu dearbh( ’s nach e na faclan as fheàrr aig amannan). Ach carson nach cleachdadh daoine ainm mar a tha Bord Leasachaidh an còmhnaidh ’s e soilleir ri thuigsinn aig duine sam bith aig a bheil lide Gàidhlige.
’S beag orm fhéin co-dhiù a bhi a’ cluinntinn ’s a’ faicinn an clò “planaichean,” “nursaichean,” “tidsearan” ’s faclan mar sin. Tha e coltach ri bhi a’ cur guail air an teine nuair a tha cruach mhath mhòna aig ceann an tighe. ’S nas miosa na sin ’se bhi a’ sgrìobhadh facail leithid “cofaidh” no “réidio” mar gum b’e facal Gàidhlig a bh’ann (ged a bhios mi ris ro thric).
Chan eil an sin ach mo roghainn fhéin, ged tha, agus ’se nì neònach a bhiodh ann nam bitheamaid uile aontaichte—gu h-àraid nuair a tha uimhir de ghnathsan cainnt eadardhealaichte againn nar cànain fhéin o cheàrn gu ceàrn. Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh fhéin a’ dol suas is sìos nuair a tha feadhainn eile a’ dol an àird ’s a-bhàn! ’S bi cuid agaibh aig am bi latha frasach nuair a tha i meallach an àiteachan eile.
Chuala mi argumaid no dhà mu thoitean ’s mu theitean feòir ’s
Thachair mi an sud ’s an seo ri faclan a bha ’nan coigrich dhomh. Bha caraid uaireigin ag innseadh dhomh mu’n turas a chaidh a’ bhean aige gu bangaid ann an Scalpaigh na Hearadh. Nuair a chunnaic e a’ cheist a chuir seo orm dh’fhaighnich e am biodh boirionnaich Uibhist idir a’ cumail bangaid nuair a bhiodh leanabh òg aca.
Bha ban-nabaidh greis agam a bhuineadh do Cheann t-Sàile. Bhiodh i’n comhnaidh a’ gearan a bhi a’ faireachdainn cho blian. Ged a bha mi a’ tuigsinn air a còmhradh dé bha i ciallachadh bha mi smaoineachadh nach robh ann am blian ach facal a rinn i fhéin suas! ’Sann nuair a chuala mi rithist e aig te eile á Ceann t-Sàile a thuig mi cho aineolach ’s a bha mi.
Cha chuala mi “blian” aig duine á cearn sam bith eile dhe’n dùthaich ged a dh’fhaodadh e bhi aca. Cha do mhothaich mi dha an Cnòideart co-dhiù fhad’s a bha mi ann ged a bha grunn fhaclan eile ann nach robh mise a’ cleachdadh. ’Se dail a chanadh iad ann far an canainnse tuathanas agus ’se bàta bh’ aca air soitheach mara de mheudachd sam bith. An Uibhist ’se geòla bhiodh againn air soitheach beag.
Bhiodh boireannach còir a’ tadhal orm an Cnòideart ach ’si dheanadh an gàire nuair a bheirinn iomradh air boireannaich no fireannaich. ’Se fir is mnathan air an robh ise eòlach.
Bhiodh i fhéin an còmhnaidh a’ bruidheann air a bhi a’ deasachadh. Bha iongnadh ormsa dé air an t-saoghal a bha i a’ deasachadh cho tric ach cha bu toigh leam fhaighneachd. Latha dhe na lathaichean chaidh gnothach dìomhair an deasachaidh fhoillseachadh. Thachair mi ri m’ bhancharaid ’s mi air mo rathad dhachaidh ás a’ bhùthaidh. Thuirt mi gu robh cabhag orm ’s mi dol a dheanamh fuineadh. ’Se ’n dearbh fhreagairt a thug i orm “Ach gu dé, fo Dhia, an rud a tha sin?” Nuair a dh’inns mi dhi ’se thuirt i “Och m’eudail, ’se deasachadh a their mise ri sin.”
Tha mi cinnteach nach eil a’ Ghàidhlig cho fallain an Cnòideart an diugh ach o chionn fichead bliadhna bha i glé choimhlionta aig na seann ’s na leth-sheann daoine ’s cha chluinneadh tu ach ainneimh facal Beurla ’na measg. Nuair a chanainnse leis a’ chleachdadh leisg“seat”no “séithear” no“blackboard”cha bhiodh acasan uair sam bith ach suidheachan, cathair is bòrd dubh.
O nach eil an duine ach diombuain cluinnear iomradh air bàsachadh air gach taobh—mas e bàsachadh a chanas sibh ris. An Uibhist canaidh feadhainn “Bhàsaich e” ’s cuid eile “Chaochail e” no “Dh’eug e”.
San Eilean Sgitheanach thuirt fear rium nach biodh a’ bàsachadh ach ainmhidhean ’s gur ann a’ caochladh a bhiodh daoine. Bha beachd eile aig seann duine dhe’n robh mi a’ faighneachd an taobh sear Siorrachd Rois. Cha chleachdadh esan “bàsachadh” ach nuair a bha am bàs greis seachad. Mur a biodh am bàs ach air ùr thachairt ’se “caochladh” a chanadh e.
’Sann an taobh seo cuideachd aig teaghlach a thainig á Eadar-dùn o thùs a chuala mi facal a chuir fìor annas orm. Nuair a bhàsaicheas duine ’se “Theirig e” a th’ aca air—mar a chanainnse mu phùnnd siucair no seann chòta!
Chan eil an sin ach fìor bheagan de na faclan a dhùisgeas ceist is còmhradh o àite gu àite ’s tha mi’n dòchas gun tachair gu leòr rium fhathast. Tha a’ Ghàidhlig mar a tha cànain no creutair no cuspair sam bith. An latha nach bi dad ùr ri ionnsachadh ’s ri rannsachadh mu ’n timcheall cha bhi iad ach gun tlachd.
title | Facal thall ’s a-bhos |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ceiteag M. NicGhriogair in Gairm 89 %p |
parent text | Gairm 89 |