[239]

BEARRADAIREACHD NAM BODACH

le Gordon Donald

Bha uair nach robh croitear ann an Tiriodh, cha mhór, nach robh an eisimeil air achladach air tomhas mhór den leasachadh fearainn aige. Bha an cladach air a roinn a-measg nam bailtean, agus riaghailtean daingeann aca rachadh gach taobh agus cuin. Ma bha toradh na mara pailt, bha croitearan feumach a cheart cho pailt agus cha bfhuilear do dhuine éirigh glé thràth nan toireadh e a chuid chothromach ás an tràigh.

Bhitheadh na poidsearan atighinn ann cuideachd agus cha be aon uair no a dhà a bha ùbraid agus trod searbh mun chuspair. Gu dearbh chan eil e cho fìor fhada sin bhon chaidh fear a mhuinntir Chrosapol don chladach . . . ach, is e mo charaid Gilleasbuig Eachann Ghilleasbuigic Iain a dhinnis an naidheachd dhòmhsa agus bfheàrr dhomh a toirt dhuibhsena bhriathran fhéin. Seo e . . .

. . . Innsidh mise sin dhuibh. Be sin Mac Corcadail, athair Ghilleasbuig . . . athair bean fear Hoighnis . . . chaidh e sin, ’s bha lagh aca an uair sin, nach eil fhios agaibh, muinntir Chòrnaig air fad. Bha Niall Eóghann éar Ruaidh an uair sin air tighinn dhachaigh is e fhéinna bholsair, reataidhrte, cha robh duine ri tighinn a Chogain Bhaile-pheitris ach dìreach na fìor dhaoine. Bha ‘date’ acacha chreid mi nach e toiseach Mhàighdhfhaodadh iad tighinn ann, ach gus an sin. No!

Chaidh Mac Corcadail bochd ann airson na bheireadh ás cairt an dràsd ’s a rithist ’s an t-astar cho mór. Eadar Niall Eóghann éar Ruaidh, is e bu bhoss, chaidh a chur dhachaigh.

Latharna mhàireach bha Mac Corcadail afalbh do Sgairinnis agus chairt aige a dhobair air càradh an rathaid mhóir a tharraing greabhail. Dhéirich ena sheasad, agus iadsan shìos air achladach sna cairtean, is ghlaodhaich e, “illean! illean! Sin agaibh cearcan Móric Nèill agoid nan cnuimheag oirbh!”

titleBearradaireachd nam Bodach
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Gordon Donald in Gairm 91 %p

parent textGairm 91
<< please select a word
<< please select a page