[332]

AM BATA SEUNTA

le Tormod Dòmhnallach.

Chan eil ceàrn den chruinne, ge be air bith an àireamh mhìltean bliadhna roimh theachd Chrìosd, a thair ruith bho na chaidh i air tùs fo thuath, anns nach faighear thun an an diugh iomadh dearbhadh agus comharradh air gun robh achiad luchd àiteachaidh acreidsinn ann an dia air choreigin don robh iad gu dealasach adeanamh aoraidh.

Gu is ciall do na clachan àrd, snaidhte, mar a thaStonehengean Sasunn is Tursachan Chalanais an Leódhas agus gu leòr eile den t-seòrsa air feadh na Roinn Eòrpa?

Chaidh na leacan ud a ghearradh le mór shaothair agus an curnan seasamh air cluaintean còmhnard, fradharcach, grianach, far, tha e furasda a thuigsinn, am biodh e goireasach don t-sluagh an ruidheachd, ’s chan ann an glaicean domhainn, cumhann, no ann an cùiltean uaigneach air cùl gréine.

A bhàrr air na colbhan fìor àrd mar a tha an fheadhainn a dhainmich mi, chithear gu bitheanta air iomadh aon de eileanan agus tir-mór ar dùthcha leacan eile nach eil ach mu dhà no trì de thraighean de àirde agus cuid dhiubh-san air an suidheachadh ann an cumadh cearcaill. Theirear riutha sin gu coitcheannLeacan nan Draoidhean.”

Nis, chan eil an ainm seo ceart no freagarrach ach ann an aon seagh a-mhàin. Cha be na draoidhean idir a dhealbhs a chuir suas na carraighean an toiseach. Bha siod air a dheanamh le luchd aoraidh, iomadh linn mun tàinig na draoidhean don dùthaich. Is ann don ghréin a bha am prìomh chràbhadh air a dheanamh.

Ri tìde thàinig na draoidhean. Do bhrìghs gu robh iadsan cuideachd atoirt ùmhlachd don ghréins don bhith no don chumhachd a bha iad afaicinn air cùl na gréine, lean aid air aoradh timcheall nan colbhan a fhuair iad rompa oir bu mhath a thuig iad e mun robh na tursachan adeanamh fianuis. Be siod na ceud theampuill a chuireadh suas na ar tìr.


[333]

Eadar na clachan àrd agus an fheadhainn ìosal air samhlachas cearcaill, tha muthadh nach beag, chan ann a-mhàin ann a meudachd ach anns an aobhar airson an deach an cur anns an òrdugh anns am faicear fathast iad.

Mar a thubhairt mi, bha na colbhan àrdnan seòrsa de theampull a bhair an tathaich le luchd aoraidh ach tha na riombaill ìosal acomharrachadh a-mach àiteachan adhlaic thriathan is dhaoine sònraichte eile.

Se Clachan a theirte ris na h-ionadan aoraidh aosda seo. ’Se siod a dhfhàg an t-ainm Clachan cho lìonmhor air feadh na Gaidhealtachd agus air teachd don chreideamh Chrìosdail, thogadh mar bu trice na ciad eaglaisean anns gach Clachan dlùth do làraichean an t-seann chreideimh.

A bhàrr air na draoidhean a bhanan cinn-iùil spioradail do na slòigh agusnan ollamhan fòghluimte atoirt oilean seachad air iomadh cuspair mar lagh, reul-eòlas, eachdraidh agus bàrdachd, bha feadhainn eile anns na h-aman ceudna a bhanan luchd teagaisg air iomadh ealdhain mar goibhneachd, griasachd, fighe, fuaghal, is criadhadaireachd. Be na Druinnich a theirte ris an luchd ceairde seo agus tha làraichean an ionadan còmhnuidh ris an abrair Totagan nan Druinneach, fathast ri am faicinn faisg air abhaile san do rugadhs na thogadh mi anns an Eilean Sgitheanach.

Ach gu bhi atighinn a dhionnsaigh ar sgeòil.

Faisg air cheud bliadhna roimhe seo, thachair do fhleasgach dom bainm Aoidh, a bhuineadh do aon de eileanan Innse Ghall a bhi abuain mhòna nar a thàinig trì den t-seòrsa leacan seo am follais far an robh e agearradh nam fòidean an cridhe aphuill. An dàrna agus an treas bliadhna an deidh siod, mar a bha am poll mòna adol mean air mhean air ais le sìor ghearradh, nochd achuid eile de na clachannan cearcall coimhlionta, le leacan anns an riomball mun cuairt agus trì aghaidh ri aghaidhnan sreath dhìrich bho thuath gu deas, ’na mheadhon.

Chuir na clachan ioghnadh gu leòr air an òigfhear air dhaibh a bhi cho snasmhor air an gearradh agus cho òrdail air an stéidheachadh. Is iomadh neach a thàinig thun na Mòintich Chiar mar a theirear ris an àite, gam faicinn agus bha feadhainn ann a thagair cead bhon fhleasgach a chum nan carraighean a thoirt air falbh, oir chunnaic iad feum


[334] sònraichte annta airson an cur thairis air saibhearan no mar àrddhorsan thogalaichean.

Cha toireadh fear ar sgeòil air chor sam bith an cead seo seachad. Be a fhreagradh — “Cha bann gun aobhar sònraichte a chaidh na leacan a churnan seasamh far am bheil iad is far an robh iad tre lìnntean nach urrainn sinne àireamh. Uime sin, fuirichidh iadsan gu léir far na dhfhàgadh iad, cha teid dhiubh a thoirt air falbh.” Cha mhotha a chaidh.

Mu ochd bliadhna an déidh an tachartais ud, thòisich móran eileanach air an dùthaich seo fhàgail gu dol air imrich do Ameriga, ’nam measg dhfhalbh Aoidh le a bhean a bha e air ùr phòsadh.

Mìos mun do dhfhàg e an t-seann dachaigh anns aGhaidhealtachd, chunnaic e aon oidhche aisling anabarrach iongantach.

Bhruadair e a bhina sheasamh air abhlar-mòna féin, dlùth do na leacan, nar a nochd ri thaobh duine deas, sgoinneil, sgeadaichte ann an culaidh nach fac esan riamhna lathas a thuig e a bhuineadh do na làithean cian a chaidh seachad. Be seo an trusgan fada, geal, ris an abradh iad leine-chròich, a bha gu ìre bhig aruigheachd beul nam brògan àrd seice a bhair an ceangal gu dlùth le iallan leathrachs aruigheachd suas gu leith achalpa.

Chuir cruthachd achoigrich le fhalt is le fheusaig fhada, air an robh coltas a bhi uaireigin geal mar an sneachd ach a chinn buidhe-bhàn air dreach na sòbhraig leis an aois, an cuimhne Aoidh an iomradh a chual e gu minig mu ìomhaigh draoidh. Chuir coran de òr deàlrach a mhaise féin mu mhalaidh leathann an urra urramaich agus bàluinn an torc òir a bha mun cuairt de amhaich. Mu theis meadhon thug an t-òganach an aire do chrios seice an tuirc, beothach a bhair a mheas ro naomh ann am beachd nan seann Cheilteach.

Dhfhàiltich an tàsg Aoidh gu furbhailteach is labhair e mar seo:

Is mise Draoidh Artbranain, gaisgeach ro ainmeilna a latha. Besan achiad neach a bhuineadh don eilein seo a ghabh ris achreideamh ùr a thug Calum Cille a-nall bho Eirinn agus glé ghoirid an déidh dha bhi air a bhaisteadh dheug e. Air dhòmhsa a bhi na bu shine, chaochail mi bliadhnaichean roimhe sin, ’s chan fhacs cha chuala mi Calum anns an fheòil. Chaidh mo dhulsach a thiodhlacadh an taobh a-steach den achearcal chlachan seo, dìreach fo na trì leacan a thanan seasamhna bhroinn agus mo lorg, leud na ròinneig an taobh a-muigh diubh, far am ruigear oirre gu soirbh.


[335]

Chaidh an lorg shèanadh gu làidir le a tumadh ann an uisgeachan a theasaicheadh le teineachan naoidh Bealltainnean, anns an do ghoileadh lus-nan-druinneach, airson am barrachd buaidh a bhi leatha agus a chum am fiodh fhàgail maiseach agus buan mhaireann.

Tha e mór agam nach tug thu cead do dhuine a thàinig air tòir nan clachan ceudna an toirt air falbh. Is fada an àireamh linntean bho na chaidh mo chorp-sana thalamh mìn ach tha mo lorg an siud fathast, ’ ’s e acomharrachadh an bhad le a mheur) a cheart cho briagha, làidir, ’s a bha i nar a chuireadh fon talamh i ri mo thaobh.

Nis, mar dhuais dhuit airson do spéis dom àitadhlaic, tha mi airson gun gabh thu mo bhata a ni rathail thu féin agus gach glùn a thig a-mach bhuat. Cuiridh e ionmhasna do char agusnan car-san a ni saoibhir sibh tre iomadh ceud bliadhna. Cumaidh thu an lorg gu cùramachna do dhachaigh air an cuir i dìon is gleidheadh nach dìbir bho chunnart nàimhdean is thubaistean -aghmhor.

Ma bheirear ionnsaigh ort le eascairdeans thu air abhlàr a-muigh, chithear am bata afàgail ionaid gleidhidhna do sheòmars ag imeachd air an raon leis féin, ach chan ann idir leis féin a bhios e gluasad, bidh ena mo làimh dheis-sa fadan t-siubhail. Ged a chì na h-uile am bata air falbhan, bidh mise neo-fhaicsinneach air a chùl, chan fhaic neach mór no beag mi. As maonais cha bhiodh e comasach don luirg imeachd.

Thig thu a chladhach airson abhata anns amhadainn, greis mun éirich grian òg aChéitein. Bheir thu leat achas-chrom, gidheadh, feumaidh thu am faobhar iaruinn leis am bi thu adùsgadh nan ceapan a chath dhith agus am fiodh fodha a dheanamh geur, airson gun tionndaidh e an talamh dhuit oir ged a tha cumhachd mhór aig an iarunn thar cuid de spioradan an t-saoghail eile, chan eil e idir cneasda a thoirt leat a shireadh ulaidh, ni motha dhfheumas sam bith anns am bi cruaidh a bhi air do shiubhal aig acheart àm.

Seallaidh thu air cuairt nan speur anns an àirdan ear agus chì thu glé ìosal os cionn nam beann, planaid bheag, fhann ris an abrairMercury. Tha a solus cho lag agus nach faicear e ach roimh éirigh na gréine agus tacan an déidh don ghréin laighe.

Tha buaidh iongantach aigMercuryair deagh rath a chur air duine. Chan e gu bheil buaidh no cumhachd aig planaid no aig reul annta féin ach is comharradh no samhla iad air na cumhachdan rathail no -rathail a thair an cùl. Aig acheann thall, chan eil an leithid de rud ri -àgh no -rath ann. Chan eil anns an tha daoine ameas[336]


[337] -rathail ach deagh rath a tha deanamh maillena theachd. Oibrichidh na h-uile fadheòidh a chum math gach neach.

Tha mi faicinn gum bheil thu air bheul seòladh do thìr fadás Ameriga far an soirbhich leat gu ro mhath ach nar a dhfhàsas thu anabarrach beairteach dealaichidh an lorg riut, fàgaidh i do thigh gu dìomhair is chan fhaic thu i nas . Slàn leat fhir mo chridhe, na dìochuimhnich deanamh mar a dhàithnmi dhuit.” Le siod a ràdh chaidh an draoidh ás an t-sealladh.

Rinn an aisling drùdhadh nach bu bheag air Aoidh. Fadan a-màireach cha burrainn dha na chunnaics na chual e a leigeil ás inntinn, gidheadh theireadh e ris féin an ceann gach greis nach robh ann ach faoin bhruadar na h-oidhche do nach robh math géill a thoirt is leig e tairgse chòir an draoidh ás a cheann.

Trì oidhche an déidh achéile, chunnaic Aoidh an aon aisling gun atharrachadh ann an dòigh sam bith ach ann am bruadar na treas oidhche shaoil leis gun robh an draoidh fo dhiomb is fo dhoilgheas ris nar a thuirt e car beag casCha do choimhlion thu idir na dhearb mi riut. Bi glics na caill an cothrom nach tig a rithist!”

Se bhuil a bhann gun do dhéirich Aoidh gu ro mhoch an ath mhadainn is bha e féins achas-chrom den do sgath e achruaidh, aig leacan na Mòintich Chiar, ann an glasadh an latha.

Ged a bha achas-chrom ás aonais an iaruinn cha robh am faobhar fiodha fada adùsgadh an talamh nach do thachair a bhi aon chuid cruaidh no righinn.

Greiseag mun do dhéirich aghrian, thàinig an lorg am fradharcna làn mhaises i a cheart cho ùr, làidir, ’s a bha i air an latha air an do thìodhlaiceadh i. Bha i garbh, taiceil, còrr math is cóig troighean am fadagus a dreach buidhe.

Thog Aoidh a shùil gu cuairt nan speur, chunnaic e solus rathail Mhercury. Fanns mar a bha e, thuig e gu robh an comharradhna leass gu robh làn shealbh an dàn dha a chionn agus mar a mhìnich an draoidh gun robh an t-airgead riamh air a mheas coisrigte le cumhachd an cheudna, a baobhar air gun robh an leithid de chomas aig bonn geal sgillinn, no tasdan, a loisgeadh á gunna, air buidsichean a leònadh is làmh an uachdar fhaotainn air an cuilbheartan.

Na eachdraidh, tha an sgrìobhaich ainmeil Iulius Ceasar atoirt dearbhaidh dhuinn air an ceangal a bha eadar Ceiltich a latha féin agus


[338] an dia Mercury, anns an robh iad gu làidir acreidsinn. “Tha iad,” ars esan, “adeanamh aoraidh do Mhercury os cionn nan uile dheé. Tha na h-ìomhaighean, no na dealbhan, a tha aca dheth-san, ro lìonmhor.”

Bha deagh fhios aig Ceasar air achùis air dha a bhi cho siùbhlach air feadh gach ceàrn air ceannairm. Bha ùghdarras eile aige a bfheàrr na sin, maths gan robh e, anns an eòlas a fhuair e bho a charaidDiviciacus, draoidh Ceilteach a bhana aon de a chomhairlichean afuireach maille risna lùchairt agus ga leantail anns an cogaidhean.

Anns na dearbh bhliadhnachan anns an robh Ceasar ariaghladh, bha luchd cràbhaidh na Ròimh agabhail ri beachdan cràbhach nan Ceilteach agus adeanamh ìomhaigh nan deé Ròmanach cosmhail ri an deé-san.

Chan eMercuryan aon dia don tug Ceiltich na h-Eòrpa spéis airson fhialaidheachd. Bha dia eile aca dom bainmCernunnos. Chaidh a dhealbh a ghearradh air iomadh carragh far am faicear e is ena shuidhe le pocannan òir is airgid air a ghlùinean, bhon robh e adòrtadh nan dòrlaichean diubh a-nuas air achinne-daonna.

Air a cheann a tha cosmhail ri ceann reithe, chithear cròic féidh, a dhaobhraich gu robhas ag amharc air mar dhia nam féidh, mar an ceudna.

Bha nàdur eile ga chur an géill leCernunnos, spiorad ro olc cho cinnteach ris amhath, rud a thair a thoirt fo ar comhair ann an cuid de na sgeulachdan Gaidhealach anns am bheil droch spioradan bhon t-saoghal neo-fhaicsinneach gan taisbeanadh féin le ladhran no le cròic féidh.

Thog Aoidh suas am bata seunta, lìon e air ais an sloc anns an robh e is chaidh e dhachaigh leis an ulaidh mhùirnich.

An ceann amhìos, sheòl an t-òganach le a bhean, air long nan eilthireach do Ameriga. Cha tug e na chois leis air am bu mhotha chuir e luach na air an luirg a dhaisig bhon latha a chaidh iad air bòrd, soirbheas briagha dha féin agus do a cho-eilthirich a ràinig cala gu comfhurtail ann an dèagh thìde.

Thog Aoidh a bhothan fiodha ann an oir na coille fiadhaich, mar a rinn mìltean a bhàrr air. Thòisicheadh air leagadh nan craobh, obair nach robh idir soirbh, eadhon ged a chaidh gu leòr chàirdean ann am pàirt ris. Be rèiteach an fhuinn bu doirbhe air fad’. Cha robh ruamhar ri dheanamh achiad bhliadhna do bhrìghs gu robh achuid den choille a chaidh a chur ri theine air luath bheartach fhàgail a chòmhdaich na


[339] raointean farsaing mun cuairt, air chors nach robh ri dheanamh ach am buntàta a chur fodha anns an luathainn agus an sìol a chath san aon seòrsa ghrunnd.

Bu phailt, da-rìribh an toradh a thionail e ann an àm an fhoghair. Gus an tàinig toradh a shaothrach gu ìre, cha robh cion teachd an tìr air an teaghlach. A h-uile ràith chinn na measan fiadhaich cho lìonmhors nach robh soithichean aca na chumadh iad. Bha na h-uillt agus na h-aibhnichean làn de bhradain, achoille beò le sithionn nam féidh is nan eòin a bfheàrr airson ithe, is roimh cheann na bliadhna bha a chrodh bainne cho grìdeils gun robh barrachd agus am fóghnachdain aca de ìm, càise agus gruth.

Cha leigear a leas ainmeachadh gun dfhuair lorg an draoidh miadh is aire san dachaigh chéin.

Air feasgar àraidh air an robh Aoidh acoiseachd mu astar mìle air ais bho obair, gu a thàinig a-mach ás achoilles a thug garbh ionnsaigh air ach gurraiceach de mhathan air an robh fìor choltas allta. Cha robh abhéist a bha coiseachd air a dhà chois deiridh, òirleach geàrr air seachd troighean am meudachd is garbh am bodhaig de réir. Rug e air Aoidh is phaisg ena achlais e mar gum biodh pàisde beag aige is a-mach a ghabh e leis don t-saobhaidh.

Dhfhairich Aoidh gréim an fhiadh-bheathaich cho làidirs gun robh aisnean an impis dol am broinn achéile ach bha cobhair dlùth.

An ceann aiteil chual e slaic an deidh slaic ga thoirt air ceann amhathain bhon taobh chlì, gus an taobh a-stigh de thrì mionaidean gun do dhfhuasgail an gréim teann. Fhuair Aoidh ás gu tèaruinte is thuit an ainmhidh oillteilna chlosaich mharbh air an talamh.

Leis an eagal a ghabh e, chaidh an duine bochd seachad an seòrsa de laigse is nar a thàinig e thuige féin, chunnaic ena seasamh ri thaobh an lorg sheunta a rinn cho mìorbhuileach a theasraiginn.

Chùm Aoidh air dhachaigh leis an luirgna chois.

Geàrr air cairteal a mhìle bhon tigh, thachair a bhean ris agus coltas oirre a bhi fo throm iomagain. “Dhaithnich mi,” ars isegu robh droch tubaist air éirigh dhuit. Leum am bata ás àite, dhfhosgladh na dorsan fa chomhair is chùm e roimhe sìos an ceum air am biodh thusa atilleadh. Cha robh agamsa ach a leantail ged nach cumainn fàire air leis cho luaths a bha e. Nach math gu bheil thu slàn gun chiorram”.

Dhinnis a companach facal air an fhacal mar a thachair dha, a


[340] thaisbean gu soilleir ceann-fàth turais dhìomhair lorg nam buadh.

Aig àm eile, am feadhs a bha Aoidh air falbh bhon taigh, thug a bhean an aire don bhata adol le cabhaig thun an doruis a thachair a bhi fosgailte. Thug i sùil a-mach gu critheanach. Cha bu luaithe a fhuair i air abhlàr a-muigh na chunnaic i nithean a chuir eagal a beatha oirre, triùir fhear air an robh coltas borb, amarcachd len cuid ghunnachan, air muin eich bhrass adeanamh dìreach oirre. Thuig ise gur e luchd reubainn a bhann a bha bho chionn ùine fhadanan cùis eagail do shluagh na dùthcha air an do rinn iad iomadh cron.

Cho luaths a mhothaich na h-eich agus na marcaichean don t-sealladh nach fac iad riamh roimhe, cuaille bata ga imeachd gun neach leis, stad iad gu grad.

Mar a bha an lorg adlùthachadh orra, ghabh na h-eich droch sgeun, oir, tha gun teagamh sam bi an shealladh aca a chì rudan nach faic daoine.

Dhéirich na h-ainmhidhean glic air an casan deiridh. Theann na triùir ghadaichean air losgadh air abhata, nach deach leotha oir dhfhairtlich orra cuimseachadh air.

Se bu deireadh don drochbheart gun do gheàrr aon de na h-eich beò chruinnleum a bhrisd a chas deiridhs a thilg a mharcaichna phlod gu làr far an dfhuair e bàs obann le a dhol far cnàimh na h-amhaich.

Chuir gach tachartas déisinneach na dithis eilenam boilsnam breislich. Leum iad far muin nan each, fhuair iad an corp a chur air a bheul fodha air beulaibh dìollaid aoin diubh. Bann air éiginn a chaidh aca air a ghnothach sin a thoirt gu buil oir bfheudar dhaibh san cheart àm gréim a chumail air srian gach eich a bha fon chuthach le oillt.

Leum iad suas air ais do na dìollaidean is ghlaodh an dàrna fear ris an fhear eile — “A-mach ás seo sinn, tha an Donas féin anns an àite ma bha e ann an àite riamh!” Rinn iad ri gorm, afàgail each na coise brisde far an robh e.

Chan ioghnadh ged do sheachainn na dearbh eucoraich achuid ud den dùthaich cho fad’ ’s bu bheò iad.

Cha bu luaithe a thriall na h-allmharaich na a thill an lorg sheuntana a socair a-steach do a seòmar.

Tha teine nuair a gheibh e gréim sgriosail air aitreabh no air ionad eilena sgiorradh a chuireas gairsinn tre fheòil duine no beathaich a tha san làthair, ach nuair a sguabas e troimhn choille mhóir, tha an uamhainn a


[341] dhùisgeas e an com neach thar labhraidh. Thachair léirsgrios den t-seòrsa-sa uair ann an nàbachd Aoidh.

Is ann am mìos deireannach an t-Samhraidh a bhann. Cha robh fios a baobhar don ghabhail eagalaich, ach thòisich i co-dhiù is mun deach i fada air adhart bfhurasdfhaicinn nach robh e ann an comas dhaoine a cur ás.

Bha an Samhradh aig a theothad is nar a chaidh an ghreadanadh còmhla, ged nach robh na lasraichean fathast ach mu dhà mhìle bhuatha, theann crodh Aoidh air falbh air theas. Rinn iad air dubhar nan craobh, chùm iad rompa cho fada ann an domhladas dorcha na coilles gum biodh e doirbh am faighinn mur a be gun robh glag beag umha air a cheangal mu amhaich gach diubh mar a chithear eadhon an diugh an gu leòr de àiteachan an Ameriga.

Béiginn do dhaoine dorsan is uinneagan an dachaighean a dhùnadh airson na bruthainn ghailbhich a chumail a-muigh.

Bann air an oidhche a bha milleadh an teine fìor fhollaiseach. Tha an oidhche anns an tìr ud atighinn nas tràithe na ann an Alba, aig ochd uairean, bidh e mar as trice glé dhorcha.

Ged a thàinig tràth-cadail cha robh smuain aig neach a bhanns an sgìre air dol do leabaidh. Cha robh fois ri fhaotainn a-muigh no stigh. Achuid bu mhotha den àmsann a-muigh a gheibhte an seans an òg ag amharc le ballchrith, lasraichean asreup ris na speurans a rinn an adhar cosmhail ri aon bheòlaich dheirg.

Se an taobh bhon robh aghaoth aséideadh bu mhotha chuir de iomagain air na h-uile, a chionns gu robh i asgiùrsadh an teine an rathad nam fearainns nan taighean còmhnuidh.

Gu ghabhadh dèanamh? Cha robh inneal smàlaidh no meadhon teasraiginn ann.

Cha do chaill Aoidh a dhòchas gu tur, co-dhiù, gu seachd sònraichte mu ghairm choileach, an uair a thug e an aire don bhata bhuidhe agluasad thun an raoin.

Sheas an lorg mu fhichead slat bhon taigh. Cha robh i aiteal na bfhaide na cairteal na h-uarach an sin nar a dhatharraich aghaoth gu bhi calg-dhìreach an aghaidh an teine is thugas fa-near gu robh i ga chur neoni bhig air ais.

An ceann leth uair a thìde, mhùchadh an iarmailt le trom neòil is duibhre bhon do las dealanaich a rinn na h-achaidhean fadis farsaing,


[342] soilleir mar an latha.

Thòisich tàirneanaich asgoilteadh na creagan. Dhfhuasgladh tuiltean nan speur cho troms gu robh iad ions a bhi leagadh neach air am buaileadh iad. Cha bu chuimhne le duine a bha làthair an leithid de dhìle fhaicinn atighinn bho adhar. Bha bhuil ann, mu cheithear uaireansa mhaduinn, cha robh teine ri fhaicinn.

Air don latha tighinn a-stigh gu math, chaidh luchd rannsachaidh a-mach a dhfhaicinn am milleadh a rinneadh.

Cha bu luaithe a thàinig iad air àruinn an fhearainn na chunnacas cruth-atharrachadh ris nach robh iad an dùil. Achuid a bha riamh fo choille dhlùth atoirt dhiubh nan speur, cha robh uiread is aon phreas air machair ach mìltean thar mhìltean de dhùthaich dhubh, cho fad’ ’s a chitheadh an t-sùil.

Gu fortanach, cha do loisgeadh dachaigh no duine no beathach spréidhe, ach bhruicheadh am buntàta bha fàs ann an cuid de na h-achaidhean a bfhaisge air an losgadh, ged a bha iad cairteal de mhìle bhuaithe. Coma co-dhiù, cha bhi doladh gun mholadhna dhàil.

An ath bhliadhna fhuair ceudan de thuath na fearainn àitich a bàilles a bfheàrr a chunnacas, anns achuid den mhór-roinn cheudna a lom na lasraichean.

Chaidh beagan bhliadhnachan seachad agus air latha briagha Foghair, am feadhs a bha Aoidhna shuidhe a-stigh aleigeadh anail an deidh dha chrìoch a chur air cruinneachadh bàrr is measan na talmhainn, mhothaich e don bhata a rithisd adol air ghleus. Mar a chleachd, chaidh esan ceumanna dhàil.

Chum an lorg roimpe gus an do dhealaich i ris an t-slighe mu thrì mìle bho thigh a fir gleidhidh.

Chaidh i a-steach don choille dhòmhail, far nach robh ach trom sgàil an leith sholuis. Dhèalaidh i roimpe an deagh astar is Aoidh gu dlùth air a tòir.

Cha bfhada gus an tàinig iad gu fosgladh farsaing, còmhnard, anns nach robh aon chraobh ach machraichean feurach, bòidheach, air an robh aghrian adeàlradh aig a feabhas.

Thalls a-bhos chunnaic an tuathanach cnocan ìseal, carraigeach, is deàrrsadh soilleir asda fo ghathan an gréine. Chaidh e null thuca is an déidh a bhi car ùine gan geur amharcs adèanamh beagan de sgrùdadh air criomagan de chreig phrann a bha fuasgailte mun timcheall, thuig e


[343] gur e bha ann an seo ach mèinn òir.

Thill e féins an lorg dhachaigh. Cha do leig e dad air ach an lathrna-mhàireach thog e air gu ceanna-bhaile na mór-roinn agus cheannaich e ions a nasgaidh fearann na méinne.

An ceann ceithir-latha-deug, chuir e fios air daoine fòghlumaichte a bha comasach air mèinnean òir, airgid agus nithean luachmhor den t-seòrsa aithneachadhs a dhearbhadh. Thubhairt iadsan ris gu robh luach nam muillionan dolair anns an fhearann ùr aige.

Mar a thubhairt bfhìor. Aig toiseach an ath Shamhraidh, thug Aoidh luchd ealain mèinneadairean is gréidhearan dhachaigh a dhfhosgail na mèinnean oir bha barrachd ann dhiubh na shaoil leis anns achiad dol a-mach.

Chùm an obair air aghaidh. Bha an t-òr ga bhuinnig is ga shìor bhuinnig mur nach teirgeadh e a chaoidh gus an ceann cheithir bliadhna gu robh Aoidhna oighre air còrr is cóig muillion punnd Sasunnach, a bhàrr air na mèinnean bhon robh fathast an t-òr ga tharraing gun sguir.

Thog e lùchairt rìomhach air achiad fhearann a bhaige. Rinn e seirbhisich gu leòr, fir is boireannaich, fhasdadh airson na h-obair a-muighs a-stigh a chumail adol.

Cha robh fear an fhortain seachdain acòmhnuidh anns an tigh mhór nar a thachair a chuir fo throm luasgan e.

Air dha éirigh moch air madainn, chaidh e mar bu ghnàth leis a dhfhaicinn an robh bata an draoidh far am bàbhaist dha bhi, ach mo chreach, cha robh sgath an làthair den ulaidh luachmhor.

Shiùbhladh shìos is shuas, cha do dhfhàgadh cùil no oisean den fhàrdaich ùir, no den t-seann , de thaighean nan cosnaichean, nan spréidhe no nan saibhlean nach do rannsaicheadh gu mionaideach.

Cha do rinn an sgrùdadh saothrachail feum sam bith, cha robh an lorg ri a faotainn.

An sin chuimhnich Aoidh air briathran an draoidh anns an aisling a chunnaic e trì oidhche an déidh achéile — “Tha mi airson gun gabh thu mo bhata a ni rathail thu féin agus gach glùn a thig a-mach bhuat. Cuiridh e ionmhasna do char . . . ach nar a dhfhàsas thu anabarrach beairteach, dealaichidh e riut is fàgaidh e do thigh gu dìomhair is chan fhaic thu e nas .”

Ann an ùine gheàrr sgrìobh Aoidh litir gu duine glic a bu charaid dha anns an t-seann dùthaich. Dhinnis e dha sgeul iongantach abhata mun


[344] deach e do Ameriga. Thubhairt e ris gum biodh ena chomains nach biodh e gun a dhuais nan rachadh e gu a sheann bhlàr mòna, air aMhòintich Chiar, agus sùil a thoirt mu na leacan feuch am faiceadh e comharra air an talamh mun timchioll a bhi air ùr fhosgladhs air a dhùnadh air ais, nam faiceadh e gun do thachair siod, e an làrach cheudna ath fhosgladh. Ged a shaoilte -choltach e, co aig a bha fios nach robh an lorg a chaidh air chall bho chionn ghoirid, ann an tasgadh.

An dearbh latha a fhuair an seann fhear-eòlais an litir, thug e leis spaid is chaidh e thun na Mòintich Chiar.

Rannsaich e gu mean mu na leacan agus ceart gu leòr bha coltas air làrach chaol, fhada, rin taobh, gun robh i air ùr fhosgladh.

Gun mhionaid dàlach, chuir e an spaid san talamh, chladhaich e gu domhain, faicilleach, gus an do ràinig e mu dhoimhne ceithir troighean agus ioghnadh nan ioghnaidhean, nach robh bata buidhe an draoidhna shìneadh an sin!

Am feadhs a bha an saoidh ga dhùr amharc, dhfhairich e làmh fhuar fir ga càradh air a cheann. Sheall e air a chùlaibhs air gach taobh ach cha robh neach ri fhaicinn.

Ged bha aghrian fathast an àird an adhair, bhuail an t-eagal e agus gu grad chàirich an duine còir air ais an talamh gu cùramach air uachdar abhata gus nach aithnichte gu robh gluasad sam bith air a dheanamh air an ùir.

A cheart cho luaths a bha an obair crìochnaichte, bhrisd an spaidna leith agus achuid dhith a bhana iarunn, chaidh ena smùraich chrìon.

Bhon uair sin féin, tha bata draoidh Artbranain, am bata seunta, far am bheil, ’s far am bidh e, tha mi an dòchas.

Rinn Aoidh fìor ghàirdeachas ri fios freagairt a charaid a dhinnis dha le dearbh chinnt gun robh lorg an fhortain tèaruintena seann leabaidh tàimh.

titleAm Bata Seunta
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 92 %p

parent textGairm 92
<< please select a word
<< please select a page