MEALLAG AGUS IUCHAIR
le Eilidh Watt
Air feasgar bho chionn ghoirid chuala mi fear air an reidio ag ràdh gun robh e, an cois a cheirde, air e fhéin a chleachdadh ri bhi ag itheadh éisg amh. Ged dh’ith mise mi fhìn sgadan amh b’e bh’ann sin sgadan a bha fad am bogadh ann am fìon geal, is cha b’e idir iasg air ùr ghlacadh. A bharrachd air sin, ged nach robh e mì-bhlasda, sheachainn mi riamh tuilleadh e, aon uair is gun do thuig mi dé bh’ agam. Cha robh aig an fhear seo ’na aghaidh ach gun robh an t-iasg a dìoscail fo fhiaclan. Bu toigh leisan gu h-àraidh an rionnach, iasg reamhar, làn ola. B’fheàrr le muinntir Iapan, bho’n do dh’ionnsaich e an cleachdadh, blas tioram an t-saoidhein. Chionns nach eil an saoidhean olach tha e soirbh a thioramachadh. Ma bha gràisg an éisg seo ro phailt bhathas ga chruinneachadh is a’ toirt ruith ghlanaidh air is ga thioramach anns a’ ghréin, no ann an toit is deathach nan tighean dubha, is bhathas ga itheadh amh, gun an còrr còcaireachd.
Is cinntich gun dean a’ ghainne daoine gléidhteach caonntach, ach ge be cho dubh a’ bhochdainn, chan aithne dhomh gun ith daoine, ach muinntir Shìna, sùilean éisg. Tha e air aithris gum math leosan a bhi gan cagnadh. Air an làimh eile chan fhaca mise neach a bhi a’ cur meas bidhe air meallaig éisg gun dainig mi mu dheas. Tha meas gu leòr air iuchair éisg, oir, mar uighean eile, tha uighean an éisg làn brìgh is àrach. Is e sìol an éisg fhirionn a tha anns a’ mheallaig agus tha e “air a chrosadh” a h-itheadh. Fear de na ‘taboos’. Aig an aon àm their iadsan a tha eòlach riumsa, a tha aineolach, gur ann air a’ chrùbaig fhireann as motha agus as mìlse a tha am beathachadh ri fhaotainn ach, air an làimh eile, gur e an giomach boireann is fheàrr ri itheadh. Air mo shonsa cha toir mi binn a-mach air taobh seach taobh.
Bha uair a bheireadh iomradh air ceann cropaig ruith air seile aig muinntir nan Eileanan Siar ged nach robh Sgiathanaich riamh cho eòlach air a’ ghrinneas seo. Theagamh gun robh seo an cois gum b’ann ris a sgadan a bu trice a bha iadsan an uair a bha càch ris na truisg. Is e
A réir nan eachdraichean bha àm ann, an Alba, nuair a dhiùltadh sgalagan tuarasdal a ghabhail aig fear sam bith a bha cleachdadh a bhi ri biadhadh a luchd obrach air bric. Faodaidh e bhi gun cuir an t-iasg reamhar, olach, seo neo-shùnnd air neach a dh’itheas cus de — ged nach eil mór eagal dha sin an diugh, oir tha an t-iasg seo a’ reic aig corr is pùnnd Sasunnach am pùnnd. Ach dòcha, ma theid le balaich thapaidh, fad-léirsinneach, gun tig latha a’ phailteis a rithist, oir an ceartuair thathas ri bric àrach ann an uisgeachan far am bheil iad air an dìon bho na galairean air am bheil iad buailteach agus air an gleidheadh bho nàimhdean eile a chuireadh ás daibh. A réir an inbh thathas gan togail ann am badan de shiorrachd Pheairt is de shiorrachd Inbhirnis. Thathas a’ tomhas a’ bhidhe dhaibh agus tha iad a’ fàs a dhà luaithead is a tha na bric a dh’fheumas deanamh air an son fhéin. Ach ged reiceadh iad ciad tunna ás Loch Aileart am bliadhna is fada mum bi e cho saor is gun ith sinn na chuireas neo-shùnnd oirnn.
Mun do chuirear eòlas air buntàta nam pacaidean theirte gum b’e an sgadan annlan a’ bhuntàta, ach is e bha sin ach buntàta le cridhe geal, gréidhte, mar nach tric a chìtear an diugh. Ach ma bha an sgadan riamh ri fhaotainn mu ar cladaich feumaidh sinn cumail air chuimhne gun robh uair ann, is chan eil i cho fad air falbh, nuair nach robh eòlas againn air buntàta. A réir ùghdarras dhaoine foghlumaichte, Malcolm Gray agus R.N. Salaman, cha do chuir muinntir nan Eileanan an Iar eòlas air buntàta gu mu 1790. Tha mi tuigsinn gun do sgrìobh Salaman mion eachdraidh a’ bhuntàta is na h-atharraichean a thainig air lìonmhorachd an t-sluaigh an cois a bhi cur buntàta. A réir eachdraidh, dh’fhàs am buntàta cho pailt an ceann leth chiad bliadhna — 1840 — is gun robh ochd teaghlaich a-mach ás a deich ann am Muile air an àrach air buntàta a-mhàin. Air Oighreachdan MhicLeòid, anns an Eilean Sgiathanach, bha cóig ás gach sia air an togail air. B’e seo a dh’aobhraich a’ ghoirt is am bàs nuair a thainig an “dubhadh” air an deanadh mo sheanmhair iomradh.
Theagamh aig àm na gainne gum bu bhuidhe leo meallag fhéin, gun ghuth air iuchair.
title | Meallag agus Iuchar |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Eilidh Watt in Gairm 92 %p |
parent text | Gairm 92 |