JORGE LUIS BORGES
Beagan mu’n Duine agus m’a Obair
le Niall MacAoidh
II
Bi feadhainn a’ smaoineachadh gu faigh iad fìor eòlas air Borges troimh ’obair. Tha eagal orm nach toir an t-slighe sin fad iad: aig a’ cheann thall cha lorg iad ach taibhse no ìomhaigh a tha iad fhéin a’ cruthachadh — nì a th’air a dhearbhadh le cuid de na leabhraichean a thathas a’ sgrìobhadh m’a dheidhinn. Ach gun tighinn air an sin nas fhaide, ’s ion dhòmhsa beagan cuairteachaidh a dheanamh, los faighinn a-mach ciod e a tha freagarrach a ràdh mu obair Borges anns an àite seo. Cha bhiodh seòrsa de chatalog gu feum sam bith do’n leughadair: air an làimh eile, cha bhiodh — saoilidh mi — sgrùdadh no mìneachadh air oibrichean air leth gu bheag a dh’fheum a bharrachd ’s gun iad againn anns a’ Ghàidhlig. Seach gu bheil Borges fhéin ag innse dhuinn (Nueva Antologìa Personal: 1968) na cuspairean as gnàthaichte leis, is dòcha gum biodh e na b’fheàrr sùil a thoirt air aon dhiubh — an cuspair sin a tha e ag ainmeachadh anns a’ chiad àite, agus am fear as motha tha a’ togail de dheasbaireachd a-measg fir-sgrùdaidh is gu sònraichte a-measg ùghdairean eile anns an t-Ameireaga Laidinneach. ’Se sin “imcheisteanna feallsannachd” (la perplejidad metafìsica).
Is tearc an dàn, an aiste no an sgeul anns nach fhaicear an imcheist meitifisiceal seo, uaireanan air uachdair ach mar is tric eadar-a- lionn. Tha e follaiseach gun thadhail Borges na seann Ghreugaich, diadhairean sgoileisteach an Aois Mheadhonaich, feallsanaich ainmeil na Roinn-Eòrpa bho àm Descartes, agus iomadh fuaran-gliocais eile an Iar ’s an Ear. Gidheadh chan e biadh tioram air leac lom tha e a’ tabhairt
Cuiridh mi stad air mo sheanchas an seo, airson dà rabhadh beag a thoirt dhoibh-san a leughas obair Bhorges anns a’ Bheurla. (i) Tha e dual do’n inntinn Laidinneach a bhi gnàthachadh smuaintean agus briathranabstractann a bhi a’ dlùthachadh ri ceist chudthromach sam bith — no eadhon anns a’ chòmhradh làitheil (cluinnear dòigh-labhairt mór-fhaclach aig draoibhear tacsi nach cluinnist aig ollamh anns an tìr againne.) Tha sìmplidheachd na cainnt aig Borges glé mheallta anns an dòigh seo. (ii) Is gann gu bheil nì a ràinig Ameireaga (Tuath no Deas), agus a fhreumhaich an sin — eadhon beachdan cruaidh nam feallsanach — air nach tàinig seòrsa de “dh’atharrachadh-cuain” ( “a sea change” ). Chan eil seo idir ’na iongnadh ’s an cuan cho farsaing. Tha Borges ag innse dhuinn gun tàinig “am beachd uabhasach aig Schopenhauer agus Berkeley” gu inntinn nuair a bha e a’ coiseachd air sràidean Bhuenos Aires roimh thighinn an latha, ach tha Buenos Aires a’ cur a bhlas fhéin, mar gun canadh sibh, eadhon air “a’ bheachd uabhasach” sin — blas nach fhaighear anns an obair a th’air eadartheangachadh.
Bithidh feadhainn a’ gabhail iongantais ris cho goirid ’s tha na h-oibrichean aig Borges. Cha do sgrìobh e nobhail no eachdraidh no leabhar fada sam bith: ’se fìor chorra phìos bàrdachd a ruigeas an trìtheamh taobh-duilleig, agus tha na h-aistidhean agus na sgeulachdan a cheart cho goirid ’nan réir fhéin — cóig duilleagan no mar sin. “Cuspairean móra ann am beagan bhriathran”: tha seo ’na sheòrsa de shuaicheantas aig Borges. “Chan eil ann ach saothair gun chéill agus mì-tharbhach a bhi a’ sgrìobhadh leabhraichean móra; a bhi a mìneachadh ann an cóig chiad duilleag cuspair a ghabhadh fhoillseachadh gu foirfe ann am beagan mhionaidean de chòmhradh-beòil” (Prólogo : Ficciones: ed. 1941).
Ach a nis, a thaobh a’ chuspair air na thòisich mi a’ bruidhinn — “imcheist na feallsanachd”. — tha e farasd a thuigse gur e dòmhladas agus dorchadas a dh’fhaodadh a thighinn á oidheirp a dheanaist air an imcheist sin a sparradh ann an soitheach cumhang. Tha Borges a’
“Thàinig an duine glas, gun ainm, air tìr anns an “oidhche aon-inntinneach” agus ghabh e còmhnuidh ann a’ seann teampull cruinn agus briste, ri taobh na h-aibhne. Cha robh a dhìth air ach cadal — cadal agus bruadarachadh. ’Na aonar an sin, anns a’ choille dhùmhail, bha e ’na rùn, nam b’urrainn dha, duine eile a chruthachadh ’na bhruadairean — nì móran na bu duile na sùgan gainmhich a shnìomh, no a’ ghaoth a shnaitheadh. Thug e e fhéin thairis gu bruadarachadh agus an déidh iomadh oidheirp fhàsail, fhuair e air duine òg a chur ri chéile — duine òg a bha e a’ faicinn ann am bruadar an deidh bruadar. Ghabh e tlachd dheth, mar gum b’e a mhac a bhitheadh ann, ach cha b’urrainn dha beatha no gluasad a thoirt dha. Là de na làithean, ann am bruadar, thuirt Cumhachd an t-seann teampuill ris gun tugadh esan beatha do’n òganach, agus gu feumadh an duine, an uair sin, an gille a chur gu teampull eile, briste mar an ceudna, a bha shìos ris an abhainn. Rinneadh seo, is chan fhaca an duine an gille tuilleadh: bha a bhruadaran fhéin, bho’n àm sin a-mach, mar bhruadaran duine sam bith eile. Aon mheadhon-oidhche chaidh dithis dhaoine seachad ann an eathar, agus thuirt iad ris gu fac iad duine aig an robh drùidheachad ann an seann teampull, gu Tuath ris an abhuinn — cha deargadh an teine air. Thuig an duine gum b’e sin a ‘mhac’: b’e an Teine an cumhachd a chuir ás dha na teampuill sin, agus a thug ‘beatha’ do’n ògnach. Uine an deidh sin, chunnaic e fiadh-bheathaichean na coille a’ dol seachad ’nan deann-ruith: bha a’ choille fhéin ’na teine, agus cha b’fhada gu robh esan air a
Sin agaibh cnàmhan na sgeulachd, gun loinn, gun dreach. Tha e follaiseach nach e uirsgeul no seanachas ràbhardach tha innte, ach nàdur de chosmhalachd, agus gu bheil Borges a’ treabhadh ann a’ fonn dìomhair air chor-eigin. Gun teagamh, cluinnear innte mac-talla bho Linn an Òir ann an litreachas na Spàine: thuirt Calderón de la Barca gur ‘Bruadar ar Beatha’ (La Vida es Sueño), agus mhothaich Spàineach eile gun deacha Shakespeare na bu doimhne na sin . . . We are such stuff / As dreams are made of . . . (Unamuno: El Sentimiento Trágico de la Vida)Ach, pace Colin Wilson, tha gath agus clisgeadh ann an deireadh an sgeòil aig Borges nach eil anns na guthan tiamhaidh, ceòlmhor, a tha a’ tighinn thugainn á Linn an Oir. B’e deàrrsadh dol fodha na gréine a bh’ann an glòir an Linn sin: bha móran de bhunaitean-taice an t-seann saoghail air dìobairt fo chasan Chalderón, Shakespeare agus Cervantes, agus an àite cinnte ’se bha iad a’ faicinn cuthaich is bruadar. Ach ann an sgeulachdan Bhorgeis ’se th’againn mì-chinnte de sheòrs’ eile, bho shaoghal eile — mì chinnte mhatamataiceal. Bruadar air cul bruadair air cùl bruadair . . . dol-air-ais neo-chrìochnaichte (regressus infinitus). No, bheil crìoch air? Ma tha, càite?
’S iomadh Ph.D. a choisneas na ceistean seo (agus gach ceiste eile a thogas na sgeulachdan), gu h-àraidh anns na Stàitean Aonaichte, chan ann a-mhàin thaobh a’ ghné feallsanachd a dh’fhaodas a bhi annta, ach mar an ceudna a thaobh nan ìomhaighean agus na cosmhalachdan a tha Borges a’ cleachdadh ’na sgrìobhaidhean. Mar anns an sgeula seo shuas, far a bheil cuid a’ faicinn na coille dhùmhail mar shamhla air dìomhaireachd do-rannsachaidh a’ chruinne-cé, an abhainn mar shamhla air sruth na h-Eachdraidh, agus mar sin air adhart. Anns na leabhraichean tha sgrìobhta mar thà, gheibhear caochladh bheachdan air ‘imcheistean na feallsanachd’ ann an oibrichean Bhorgeis: their cuid, gu sònraichte ùghdaran na Làimhe Clì ann an Amaireaga Laidinneach, gun tug e e fhéin thairis do na seòrsa cuspairean seo, agus gu bheil e anns na neòil gun sealladh aige air mar tha daoine beò air an talamh;
Ged a dh’fhaodadh e bhi ladarna dhòmhsa seo a’ ràdh, chan eil mi riaraichte le gin de na beachdan seo, oir saoilidh mi nach eil iad coimhlionta anns an rannsachadh a tha iad a’ deanamh air na h-aobharan a th’aig Borges air a bhi fo imcheist. Chan e gun urrainn dhòmhsa no do dhuine eile innse ciod e an creideamh (no eas-creideamh) a tha a’ riaghladh an taobh a-stigh d’a chridhe: mar a thuirt mi cheana, cha ruig eòlas air an ionad sin. Cha mhotha is urrainn dhomh liadachadh air mo bharail fhìn, ged a b’fhiach e an t-saothair, anns na taobhan-duilleig seo, ach faodaidh mi aon nì a shònrachadh ann am beagan bhriathran. Feumaidh sinn tòiseachadh far na thòisich Borges fhéin ’na òige — leis an deasboireachd ainmeil a dh’éirich anns an t-seachdamh-linn-diag an deidh dha René Descartes oidheirp a dheanamh air feallsanachd ùr a steidheachadh air a’ bhonn-cinntecogito , ergo sum. Thàinig an uair sin Locke; agus air a shàilean, Berkeley, a’ dearbhadh nach robh bith aig nì air taobh a-muigh na h-inntinn: esse est percipi. Chaidh na h-argumaidean air adhairt — Hume an Alba, Kant anns a’ Ghearmailt, etc — gus na ràinig iad Schopenhauer, far am faod sinn stad, oir buinidh Schopenhauer ris na tha sinn a’ fiachainn ri ràdh mu Bhorges. Nis, ann an toiseach na cùise, bhathas a’ toirt urram do’n Fhìrinn Thaisbeanta: ged a bhathas a’ glanadh air falbh am moll a chaidh a thiùrradh suas ann an Aois Mheadhonach fo bhuaidh Aristotle, bhathas fhathast ag aontachadh le AnselmCredo ut intelligam: bha reusan an duine a’ greimeachadh mar a b’fheàrr a b’urrainn dha, ris na nithean a bha faicsinneach agus tìmeil, ach bha nithean eile, neo-fhaicsinneach agus sìorruidh, fo chomhair creidimh. Ach bha eòlas eile a’ cinneadh, aig nach robh móran meas air ‘nithean faicsinneach’ (anns
Chan e a-mhàin luchd-leanmhainn Mharx ach móran eile a tha an diugh riaraichte leis an dara roghainn, an ‘epiphenomenon’. The Borges ga àicheadh: tha e a’ diùltadh a chreidsinn nach eil anns an inntinn ach seòrsa de fhaileas, mar lasair thana air aghaidh a’ ghuail, a theid ás leis a’ chiad uspag. Gun teagamh, chan eil an roghainn eile, nach eil fìor-bhith aig nì ach an inntinn, ro fharasd a ghiùlan, ach cha robh leisg air Borges am beachd sin a chur fo chomhair dhaoine anns a’ chiad bhàrdachd a chlo-bhuail e, o chionn leth-chiad bliadhna air ais. Anns an dàn ‘Briseadh an là’ (Amanecer), tha e ag innse mar thachair dha air sràidean falamh a’ bhaile ro éirigh na gréine:
Fo gheas aig an dorchadas fhionnarach
Is fo gheilt roimh mhaoidheadh an là,
Dh’fhiosraich mi rithist am beachd uabhasach sin
Aig Schopenhauer agus aig Berkeley
Nach eil anns an t-saoghal
Ach beart-inntinn,
Bruadar nan anaman,
Gun bhunait, gun fhàth, gun thomhais.
Tha Schopenhauer mùirneach aige fhathast: tha e a’ toirt taing air a shon a-measg tiodhlaicean na beatha seo ann an dàn a sgriobh e mu 1964, agus nuair a bha e ann an Dunéidean, dh’fhoighnich mise dha an robh an aon uimhir de mheas aige air Schopenhauer ’s bh’aige ’na òige. “Tha”, ars esan, “Tha mi a’ meas gum b’fhiach dhomh an cànan
Ach cha robh e riaraichte le bhi ’meòmhrachadh briathran nam feallsanach ainmeil sin: bha fhios aige gu robh e ann am prìosan fhathast — prìosan farsaing, gun teagamh, cho farsaing ri comasan na h-inntinn aige fhéin, ach, gidheadh, prìosan. Dh’fhaodaist a ràdh nach eil anns na h-oibrichean aige ach an rannsachadh a bha e a’ deanamh air ballachan a’ phrìosain sin, a’ lorg doruis no uinneig air am faigheadh e air tàrrsainn a-mach gu saoghal aig an robh a bhith ann fhéin. The e tròm air Pascal, ach tha rud-eigin de Phascal annsan. Bha uair a bha e a’ deanamh dìmeas air na Fuirm aig Plato, ach dh’atharraich e a bheachd (Cf . Historia de la Eternidad:2a edición): chan eil e féin fada bho Plato aig amaibh. Anns an rannsachadh a rinn e air ballachan a’ phrìosain bha aon chuspair air an tàinig e thairis uair is uair — b’e sin tìm. An e tìm fhéin am balla? A bheil e cearcallach (cìclico), no sreathach (en serie)? No bheil tìm idir ann ach ann an inntinn? A bheil na bhà agus na thà agus na bhitheas air a thoirt dhuinn anns a’ mhionaid a tha sinn a’ fiosrachadh, mar seòrsa de shìorraidheachd?
Chan ann aig a-huile duine tha tlachd anns a’ ghné rannsachaidh seo, agus mar sin tha cuid ann ris nach còrd na h-aistidhean anns a bheil Borges a’ nochdadh dhuinn mar a dh’fhàs agus a dh’atharraich a bheachdan fhéin bho àm gu àm, fo bhuaidh na bha e a’ leughadh agus a’ cnuasachadh ann a’ litreachas an t-saoghail. Ach ’na bhàrdachd agus ’na sgeulachdan tha na cuspairean tioram sin air an deanamh sùghmhor agus blasda — mar is minig a thachras le biadh air a dheagh dheasachadh, ithidh duine le mór chàil nithean nach rùnaicheadh e air dòigh eile. Cha chreid mise gur e ceistean (no imcheistean) a-mhàin tha Borges a’ cur romhainn anns na sgeulachdan: cha chreid mi, a bharrachd, gu bheil e a’ toirt dhuinn fìor-fhreagairtean a lorg e fhéin do na ceistean (mas e ’s gun d’fhuair e lorg orra), no gu bheil e a’ deanamh seòrsa de chluich anns a bheil e fhéin a’ taghadh a chinn-chriche agus a’ deanamh na riaghailtean. Tha e a’ togail cheistean, gun teagamh, ach ’se tha e a’ cur fo ar comhair anns na sgeulachdan ‘models’ mar a theireir an diugh anns na saidheansan: mar gum bitheadh e ag ràdh: ‘Ma tha sinn a’ creidsinn (no a’ beachdachadh) gu bheil a’ cheist mar sud no mar seo, faiceamaid ciod e am ‘model’ a ghabhas a chur ri chéile air a bhonn sin’. Gidheadh, chan e saidheans, no eadhon feallsanachd, a tha
Nise, tha cuspair againn an seo — am meatafor — a tha sònraichte ann a smuaintean agus sgrìobhaidhean Bhorges a riamh bho ghabh e fo bhratach nanUltraistas, nuair a bha e ’na dhuine òg anns an Spàin. Aig an àm sin bha e a’ faicinn a’ mheatafor mar fìor-ghné na bàrdachd, agus a’ tagairt gur ann ’na luimid a bha a bòidhchead: bu chòir a rùsgadh, a’ gearradh air falbh gu h-aniochdmhor gach facal mi-fheumail agus gach deiltreadh dh’fhaodadh a thighinn bho shuidheachadh tìmeil a’ bhàird agus a luchd-éisdidh. Cha robh cus de dheagh thoradh air an oidheirp sin: ni Borges fhéin fanaid gu leòr air ‘Ginealach nan Sonn’ (mar a theireadh iad riutha fhéin) agus air na “h-ìomhaigheadhan clisgeach anns an robhas a’ cur còmhladh ri chéile nithean a bha a’ tachairt aig an àm, nithean a bhuineadh do na nèamhan tìmeil no cearcallach, agus nithean a bhuineas do’n bhaile mhór chaochlaideach”. Nuair a sheallas sinn ris na sgeulachdan as fheàrr aige, a chaidh an sgrìobhadh bliadhnachan an deidh sin, chì sinn nach eil a bheag de mheataforan annta, ach gu bheil gach té ’na h-aon mheatafor innte fhéin. Mar a thuirt mi cheana, tha am ‘model’ air a chruth-atharrachadh gu meatafor, agus leis (no anns) a’ mheatafor tha Borges a’ sìneadh a-mach nas fhaide na fhulangais am ‘model’, mar duine air mullach fàraidh, a’ fiachainn ri ruighinn air bàrr a’ bhalla — balla a phrìosain? Chan eil e ’na aonar an diugh anns an oidheirp seo, no ann a bhi a’ smaointeachadh gu ruig cosmhalachdan sìmplidh air fìor-bhith (realitas) air nach ruig reusan (Cf . D.M. MacKinnon: The Problem of Metaphysics. CUP. 1974).
Bu mhór am beud nan deidheadh na tha’n seo de shaothair-inntinn agus de lasradh macmheanmna a mhùchadh no a sgleòthadh le dìth meadhonan freagarrach airson a chur an céill. Ach cha do dh’fhàg Borges easbhuidh air an sin a bharrachd: riamh bho ’òige bha e a’ sireadh foirfeachd ann an gnàthachadh cainnte, a’ taghadh facail, a’ deanamh mìn-sgrùdadh orra, gan glanadh bho dhuslach nan linntean, agus gan cur an altan a chéile mar sheudan luachmhor. Chan eil mi ag
Tha móran deasboireachd air cùl nam beachdan sin — fóghnaidh e dhuinn cuimhneachadh air ùghdaran Frangach mar Paul Valéry — ach a thaobh an stoidhle aig Borges, tha aon nì cinnteach: chan eil e ‘neo-fhaicsinneach’. Tha e cho glan ris a’ chriostal, gun teagamh, ach “dh’aithnichinn do cheann air a’ chladach”, mar a theireadh iad uaireigin: tha cumadh air cainnt agus stoidhle Bhorges nach eil aig duine sam bith eile sa’ chànan Spàineach. Anns an t-seadh sin tha e air ath-nuadhachadh, no cruth-atharrachadh, a dheanamh air an Spàineis, agus chan eil fiù na daoine as fhaide ’na aghaidh airson na cuspairean a bhitheas e a’ gnàthachadh, nach toir làn-urram dha airson an ùrachadh a rinn e air a chànan mhàthaireil, gu h-àraidh ann an rosg. Gu mì-fhortanach, cha ruig blas an toraidh seo orra-san aig nach eil an cànan: chan eil anns an eadar-theangachadh — eadhon am fear as fheàrr — ach am bainne gun an t-uachdair.
[Sanas]
title | Jose Luis Borges |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Niall MacAoidh in Gairm 92 %p |
parent text | Gairm 92 |