[320]

CEARNAIDHEAN NA GAIDHEALTACHD

Naidheachdan beaga a fhuair sinn o Raibeart MacChoinnich, Sìldeag

Eilean Ghomatra

Tha Eilean Ghomatrana laighe am bun an Loch-a- Tuath air taobh an iar Mhuile. Bha am feurach cho torrach san eilean seo a réir a luchd-àiteachaidhs gun robh aspréidh afàs anabarrach mór.

Bha aon tarbh ann a bha air leth cliùiteach airson a mheudachd.

Agus gu an seòrsa dorus air an robh abhrùid sin adol a-machs a-steach,” arscuideigin.

an dorus! Cha robh dorus air an t-saoghal a dheanadh an gnothach don cheatharnach ud. Cha robh feum air. Nuair a thigeadh fuachd agheamhraidh, an àite thoirt a-steach don bhàthaich is ann a bhiodhte ga thughadh.”


Nisich

Bha ainm an ithe aig na Nisich a riamh.

Bha fear dhiubh aon uair acuideachadh a bhràthar-céile ann an Siadair aChladaich aig buain mhòine. Gheall achailleach an dìnnear a thoirt thuca samheadhon-latha aig abhac mhòine mar chleachd. Ge bith thainig dochair cha do chùm abhean a gealladh agus on a bha an t-astar gu baile fada roghnaich na fir leantainn abuain gu feasgar.

Ràinig iad an taigh am beul na h-oidhche gan tolladh leis an acras. Ged a rinn abhan-Siarach dearmad orra samheadhon-latha cha robh dad a dhìth air deisealachd air an coinneamh san anmoch. Bha poit mhór làn buntàta air a taobh ri aodann an teine agus cha robh ceann gainne air an sgadan. Nuair a fhuair an Niseach dramana chom, thòisich e lionadh a phoc. Lùbadh e sgadan slàn air bhuntàta agus chuireadh e siudna bheul. ghlamadhs bha iad á sealladhs theireadh e leis fhéin, “Is e am buntàtas an sgadan fhéin tha gu math”.


[321]

Rònaidh-a- Deas

Nuair a bha daoine fuireach air Rònaidh-a- Deas bhiodh cuid aca dol gu òrdaighean na Comraich an tòiseach Og-Mhios an t-samhraidh. Le gaoth an iar laigheadh na gobagan aca gu Poll Criathaich agus le cas air tìr dheanadh iad dìreach air bùth Chamus-tearraich far an lionadh iad am pòcaidean le rudan milis. Mar bu chruaidh iadsann a bfheàrr iad is bhiodh frig-frag aca orra san eaglais fad an t-sàcramaid. ’Se daoine glan, tapaidh bha annta le falt cruaidh dubh, aodann ruiteach agus deud mar ìbhiridh.

Ged a tha an t-Ollamh Mac Iain ag innse dhuinn gu robh ceud gu leth ceann cruidh san eilean ann an 1773 bi e coltach aig an àm seo nach robh magaid mhór aca do mhairt. Cha bionnan iads an t-iasg.

Thachair gu robh Rònach aon uair air aoigheachd an Cùl Dubh saChomraich. Cha robh móran annlan san fhàrdaich aig an ám ach bha air ùr bhreth agus bha caith is cur am muthadh air gruth is uachdar. Bha achùis acòrdadh ris an Rònach an toiseach achs leòr feumalachd agus ge be air bith an dreach no an cumadh chuireadh bean na Comraich air math na (agus bha i glé ealanta), mun tàinig toiseach seachduinneach bha e fàs caran searbh den ghnothaich.

Nuair a chrìochnaich an t-sàcramaid, chaidh aodach ris abhàta chladaich agus thug i mach an Acarsaid Mhór mu fheasgar. Bha asaid mhór éisg aig a bhean air a choinneamh, briseadh cho geal ri sneachda Beinn aChlachain. Theann an Rònach a-steach rithe agus acuimhneachadh bean na Comraich, thuirt e ris fhéin, “Cha bu tu mo ghruth, a shaoidhein.”


Gàidhlig Leódhais

Cheannaich bùidsear BhailAilein beathach cruidh bho thé á Calbost. “,” ars esan, “is fheàrr leat leth airgid is leth marsantachd na an t-airgead uile?” “Is e an t-airgead fhéin am ‘boy’ ,” fhreagair ise.


An Dùnan

Mar tha fhios aig an t-saoghal tha baile beag air taobh an iar-dheas an Eilein Sgiathanaich ris an cainte An Dùnan. Bha fear afuireach ann


[322] uaireigin a bha air a mheas mar leth-chiallach. Bhiodh feadhainn amagadh air ach leigeadh e follais an dràsds a rithist gu robh e na bu tulchuisich na shaoileadh neach.

Bha e aon oidhche dhorch gheamhraidh air chéilidh agus air a bha achuideachd atarraing ach air bòcain agus taibhsichean. Mus tainig àm sgaoilidh bha leithid a dheagal air Iains nach robh e airson dol dhachaigh leis fhéin. O nach robh aon ann a thairg cobhair dha beudar aghaidh a chur air abhathaiss falbh. Ruith dithis òganach a bhanns an éisdeachd roimhe, fear dhiubh suainte ann an anart geal. Dhéirich am fear seo bho bhruaich an lùbadh arathaid astar beag air thoiseach air Iain.

Stad Iain.

tha siud?” ars esan.

Cha robh smid.

tha siud?” dhfheòraich Iain a rithist. Cha robh fada gus an do fhreagair e fhéin a cheist.

tha ach thusa, Dhiabhuil. Cha robh An Dùnan riamh ás t-aonais.”


Scalpaigh

Chaidh balach shia bliadhna deug a mhuinntir Ard aMhaorla uaireigin do Eilean Scalpaigh a reic mhult. Bi e coltach gun do chòrd an t-àite ris cho math is gun do dhfhuirich e ann. Fhuair e obair agus an ceann tìde phòs e ás an Eilean. Beagan bhliadhnachan an deidh seo bha e trang atogail taighe cho mór ri mansa dha fhéin nuair a bha fear ás abhaile gabhail cuairt. Is e an fhàilte chuir e air an òganach, “Dhé ach nach e mult a chuir an rùsg dheth.”


An Caol

Chan ann tric a chualas Leódhusach riamh amoladh muinntir aChaoil. Cha bioghnadh sin. Abair thusa gun rachadh na h-Aibhsich a dhéisdeachd caileagan Leódhais aseinn nan òran Ghàidhlig air bòrd an ‘Loch Seaforth’ air an rathad dhachaigh o iasgach an sgadain ach cha robh móran truais no deisealachd air a dheanamh airson ànraich bhochd atighinn tarsaing aChuain Sgìth aig ceithir uairean samhadainn.


[323]

Cha bionnan An Caol is Ach-nan-Sian. ’S iomadh cupa is botal leanna a bheannaich Leódhusach an taigh-òsda Ach-nan-Sian sna seann làithean.

Biodh sin mar a dhfhaodas e ach bha aon bhodach an Caol Loch Aibhse acumail taigh-bìdh aig àm Cogadh aCheusair agus bhiodh saighdearan is seòldairean Leódhuis gu tric ga thadhal. Is e bodach cràbhach bhanns an Aibhseach agus bu dheagh chaomh leis bhi deasbaid mun Fhìrinns mu eaglaisean. Chaidh deichnear de bhalaich aMhilitia, agus Murchadh Sheumais, fear á Marabhaigair an ceann, thuige air los bidhe. Bha màthair dhiadhaidh aig Murchadh (te ás an Rubha) agus bha e fhéin gu nàdurrach deas-bhriathrach agus le iùil a mhàthar mion-eòlach anns an Sgriobtur. Creid gu robh na fir rudeigin garg borbach chuireadh sin ás an leth san latha bhann.

Chaidh Murchadh a chur an ceann abhùirds cha bfhada gus an robh e fhéins am bodach gu math réidh. Bios achiad altachadh air coigreach mar is trice ach thug fir Leódhuis air fear an taighe fhéin a dhol an gréim an toiseach. Bha adhbhar air sin.

Cha robh easbhuidh no gainne air biadhs a h-uile rud dòigheil nuair a chaidh Murchadh an sàs san altachadh mu dheireadh. Dhrùidh briathran Mhurchaidh air abhodach gu diongmhalta. Leagadh is thoghadh a ghuth mar an tonn air cùl Stac aChomhraig. Thàinig e gu samhlachadh an taighe risgàile creig mhóir ann an tìr airtneulach”. Be seo an sanas. Dhéirich na Leódhusaich mar aon duine air barraibh an casan is shnàg iad gu fiata, tosdach mach air an dorus. Tha e fìor gu robh fear aChaoil caran bodhar ach lean Murchadh air greis eile. Dhfhosgail iad an sùilean air rùm falamh.

Leig thusa eadar mises aghràisg, ’s bidh do chuid airgid cho sàbhailtes ged a bhiodh e sabhanca,” arsa Murchadh is e toirt a chasan leis.

Tha eagal orm nach fhaca am bodach còir gu bràth tuilleadh aon dhiubh. Bha móran nach do thill. Ach thill Murchadh Sheumais is chuir e seachad iomadh latha sona air cùl Creag Feannaig an ceann Druim Hànais.

titleCeàrnaidhean na Gaidhealtachd
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Raibeart MacChoinnich in Gairm 92 %p

parent textGairm 92
<< please select a word
<< please select a page