[93]


Bàrdachd Chaluim Ruaidh, le Calum MacNeacail
(Gairm. 1975. £1 .00)

’S fhad bho chuala muinntir na Gàidhealtachd mu fhir mhór aBhràighe, mar a theireadh Màiri Mhór nan Oran riutha. Seo agaibh leabhar bàrdachd le aon de fhir mhór an lathan diugh. Tha e aleigeil fhaicinn gu soilleir nach eil an dualchas Ghàidhlig a bha cho follaiseach saBhràighe o chion ceud bliadhna idir air searg, ged math dhfhaodte nach eil uiread Gàidhlig san àite a-nis.

Tha Calum Ruadh mion eòlach air an dualchas seo, agus tha e glé mhothachail gur h-ann aleantail cas-cheuman a shìnnsireachd a tha e ann a bhith asnìomh a bhàrdachd. Mar a tha e fhéin ag ràdh anns an Roimh-ràdh: “Lean mise an seòl bàrdachd a baithne dhomh, an seòl bàrdachd a bha adol saBhràighe an uair a bha mise òg. Tha bàrdachd ùr adol an diugh, ach feumaidh mise cumail ris abhàrdachd a baithne dhomh . . .” Tha e mar gum biodh e ag aideachadh an sin gu bheil buadhan ùra ann a tha ateannadh ri tharraing air falbh bho dhualchas agus bho dhùthas. Gidheadh, tha e atilleadh gu dhùthchas a dhaindeoin cùise. Ach saoilidh mi gu bheil seòrsa de strìth anns an leabhar seo eadar na dhfheumas a bhith thaobh dualchais agus na dhfheumas a bhith a thaobh na linn sa bheil Calum fhéin beò. Tha seo gu h-àraid ri fhaicinn anns an eadardhealachadh a tha air uairean eadar meadaireachd Chaluim (anns an t-seann nòs) agus na cuspairean a tha e a taghadh bhon t-saoghal ùr (marCrìoch aChogaidh” ’sCùmhnantan Sìthe Pharis” ). Bu mhath leam a chreidsinn gu bheil Calum Ruadh daonnan[94]


[95] comhfhurtachail nuair a tha e adèanamh òrain mar sin, ach tha amharus agam nach eil.

Tha a leithid de bhuaidh aig an t-seann dòigh bhàrdachd air inntinn Chaluims gu bheil dàn no dhà aige a tha glé luachmhor ann a bhith atoirt dhuinn a bheachd fhéin air mar a tha i atighinn thuige. ’Sann ainneamh a gheibhear bàrd mar Chalum adèanamhbàrdachd mu bhàrdachd”, aguss iongantach mura bheil an rannsachadh seo aleigeil fhaicinn gné ùr. Am beachd Chaluim, tha an chuid dùthchas agus dìomhaireachd air chùl na bàrdachd aige. Tha an dùthchas atoirt dha ùghdarras agus cinnt ás fhéin. Anns achiad òran san leabhar, tha e ag ràdh mu mhàthair:

Fhuair mi bhuaipe gibht nam bàrd
Bhan Dòmhnall Bàn an ceannaiche;
Se sud dhfhàg mise snìomh nan dàn,
S a dhfhàg aghràin sabhaile orm.”

Tha an dìomhaireachd a tha co-cheangailte ris abhàrdachd seo, am beachd Chaluim, anochdadh anns an dàrna òran san leabhar, “Oran an t-Sìdhiche”. Tha e atoirt dhuinn dealbh snasail air ban-shìthiche (aon den Cheòlraidh, tha mi cinnteach) a tha atighinn thuige ann am bruadar agus atoirt dha naidheachd air am feum e òran a dhèanamh, òran mu bhàthadh Iain Ghairbh mhic Ille Chaluim.

Tha na h-òrain san leabhar seo, cha mhór air fad, ag éirigh ás an urram a tha Calum atoirt, chan ann a-mhàin don t-seann bhàrdachd, ach do sheann dreuchd abhàirdrud a tha glé fhollaiseach anns achiad òran san leabhar air an tug mi tarraing mar a tha. Mar dheagh eiseimplear dheth seo, tha mu chóig-deug de dhòrain aig deireadh an leabhar a tha amoladh no acumha dhaoine. Sin agaibh màthair-aobhar na seann bhàrdachd. Chan eil teagamh agam nach eil àite airson a leithid sin de bhàrdachd ann am beul-aithris baile, ach saoilidh mi gu bheil i acall a brìogh buileach air duilleig phàipeir.

Tha againn cuideachd eiseimplear no dhà den bhàrd mar fhear a tha atoirt gàire air an t-sluagh. an eiseimplear as fheàrr, ann an dualchas na Gàidhlig gu léir, naOran an Aiseil”, far a bheil Calum ri fealladh-dhà mun dòigh san tàinig aiseil don Bhràighe? ’Se òran snasail da-rìribh den t-seòrsa a tha seo, òran anns a bheil sgil abhàird anochdadh chan ann a-mhàin anns an àbhachdas, ach anns an


[96] dòigh sa bheil e aleudachadh uidh air n-uidh air achuspair. Chuala mi an t-òran an toiseachs Calum fhéin ga aithris air an réidio, ’s cha do dhìochuimhnich mi riamh e. Seo agaibh an rann a tha ag innse far an do thòisich an trioblaid.

Bha dithis nighean sabhaile,
air an robh Anna, agus Màiri;
Chuir iad fios air falbh a Ghrianaig
Is iad ag iarraidh buntàta;
Kerr ’s Pinksa bha iad ag iarraidh,
Se bu lionmhoire gu fàs dhaibh,
Is dhfhàg iadPinkás anns an dìochuimhn,
As an litir chiallach chàirdeil.”

Abair sgiobaltachd agus ealantachd! Ach chan urrainn domh ach smaointeachadh cho truaghs a tha an duilleag phàipeir an coimeas ri guth Chaluim fhéin. Saoil nach ann aircasettea bu chòir don mhór-chuid den bhàrdachd seo a bhith?

Tha cuid eile de na h-òrain aig Calum anochdadh dreuchd abhàird mar fhear a tha atoirt breithair uairean breith gu math sgaiteachair gnìomhan a cho-chreutairean. Tha deagh eiseimplear dheth seo ann amBlàr Chaol Acuinn”, far a bheil Calum acur a chorraig gu h-ealanta air Pharasaidheachd muinntir an àite.

Sann munt-saoghal mhóra tha an còrr de na h-òrain, ’s gu h-àraid mun chogadh mu dheireadh. ’Se bàrdachd aphàipeir-naidheachd a thannta, agleidheil cuimhne air cuid de thachartasan móra achogaidh, mar chall na “Hood”. ’Se an aon ghearain a thagam mu na h-òrain sin gum bfheàirrd iad nota no dhà mu na cuspairean — ’s tha an aon rud fior mu chuid de na h-òrain a tha abuntainn ri cùisean abhaile aig Calum fhéin.

Bu mhath leam a ràdh cho maths a chòrd Roimh-ràdh Chaluim rium. Chan ann a-mhàin gu bheil an Roimh-ràdh seo atoirt dhuinn beachd air bàrdachd an duine, ach tha e cuideachd atoirt dhuinn dealbh anabarrach tlachdmhor air a bheatha ann am beagan fhacal. Mura bheil mi air mo mhealladh, dhfhaodadh Calum eachdraidh a bheatha a sgrìobhadh gu snasail. Bhiodh e math nan toireadh e dhuinn leabhar eile mu na seann làithean saBhràighe a chuireamaid ri taobh an leabhar ghrìnn a thug e dhuinn an uair seo.

D. E. Meek

title2
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

D. E. Meek in Gairm 93 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page