COMHRADH LE IAIN MACDHUGHAILL, AM BARD
le Oighrig Nic Corcadail
MISE: Iain, co ris a tha e coltach a bhi nad bhàrd?
ESAN: Math fhéin. Ach, uill, ’s dòcha nach eil e cho math uaireannan —
M.: Tha mi tuigsinn. Tha thu air a bhith mu choinneamh an t-sluaigh glé thric o chionn ghoirid. ’S cinnteach gum bheil thu fàs searbh do dhaoine, coltach rium fhéin a’ cur cheistean ort gun lasachadh.
E.: Chan eil, o chan eil. Ach bha mi fàs sgìth a’ ruith nan céilidhean — rud a tha gu math cosguiseach — agus tha thu rithist a’ call cuid mhath ùine ri rudan de’n t-seòrsa seo. Bi daoine gad iarraidh anns gach àite agus bi e mór leat an diùltadh. Ach bu toigh leam cuibhrionn air choireigin a dheanamh as leth na Gàidhlige.
M.: Tillidh mi air ais thuige seo a rithist. Nise, tha fios ’am gun deach thu troimh’n fhoghlum ann an Oilthigh Ghlaschu, ach ’s fhada bho’n uair sin. Dé bha thu ris o’n thug thu mach M.A. ann an Ceiltis?
E.: Bha mi ’nam mhaighstir-sgoile ann an Glaschu fad seachd bliadhna —
M.: Saoil an e sin a dh’fhàg cho liath do cheann!
E.: ’S dòcha gun e! Tha e coltach gun robh duine neo dithis aig a’ Mhòd aig nach robh fhios dé chanadh iad, nuair a chunnaic iad mi. “Ta, bha’m pàipear ag ràdh nach robh e ach dà bhliadhn’ deug thar fhichead — — .”
Co-dhiù, càite’n robh mi? A dh’innse na fìrinn, nuair a bha mi ullamh de’n fhoghlum, bha dùil a’m Gàidhlig a theagasg ach cha d’fhuair mi obair. Bha iad ag ràdh nach robh dad a’ dol! Rinn mi’n uairsin dà bhliadhna ann an Oilthigh Strathclyde a’ deanamh Mateamataic(s) , ach ’se lagh a bha fa-near dhomh, agus nuair a fhuair mi an cothrom, thòisich mi air an seo. An dràsda fhéin, tha mi air a’ bhliadhna mu dheireadh.
M.: Agus on uair ’s gum bi thu a-mach?
E.: Airgiod mór!
M.: Nise, dé do bharail air an fhoghlum a fhuair thu ann an Ceiltis — an dug e brosnachadh dhuit?
E.: Chan eil mi cinnteach: ’s dòcha gun dug ann an dòigh. Ach bha barrachd ùidh agamsa riamh ann an cànan na bh’agam ann an litreachas co-dhiù. Can, nuair a bhiomaid a’ leughadh sgeulachd, cha robh suim agamsa anns an stòiridh ann ach a-mhàin anns a’ chànan. Ach a’ bhardachd aig Derick ’s aig Somhairle — chòrd sin rium agus b’fheàirrde mi iad.
M.: Thuirt mi mu thràth air an radio gura dòcha nach do rinn thu thuige seo ’s dòcha na dh’fhaodadh tu a thaobh na Gàidhlig. Carson a thagh thu an t-àm seo airson tòiseachadh?
E.: Ach, uill, bha Mòd cho faisg air làimh am bliadhna —
M.: Hud, tha fios gun robh barrachd air an sin gad chuir thuige.
E.: Bha, tha mi creidsinn gun robh. Bha mi fada gu leòr air chùl-fraon, an toiseach a thaobh m’oibreach, ach mu dheireadh, dem’ shaor thiol fhéin. Daoine ’fas sean cuideachd! Tha mi smaoineachadh gun tig àm ann am beatha h-uile duine far am feum e inntinn a dheanamh suas gu dé’n cùrsa leanas e. Chuir mi fhein cul ri obair ’s ri tuarasdal cinnteach nuair a thill mi air-ais don Oilthigh: cha robh mi airson an còrr de’m bheatha chur seachad ann an sgoil an Glaschu. Faodaidh e bhith gur e seo an t-àm àraid ’nam bheatha-sa, ’s dòcha gur ann a thaobh seo a chuir mi an oidhirp a-steach chun a Mhòid. Co aig tha fios?
M.: A bheil fad ann o’n a thòisich thu sgriobhadh bàrdachd, neo an e rud ùr a tha seo cuideachd?
E.: Chan e gu dearbh. Bhithinn-sa sgrìobhadh ceathramhan ann an Laideann nuair a bha mi dol do’n sgoil. Anns an Oilthigh gu h-àraidh, bhithinn tric ris an obair seo — ann am Beurla ’s an Gàidhlig. Tha cuimhn’ am aon turas gun dug MacThómais misneachd dhomh airson fiachainn air a’ Mhòd, ach tha mi taingeil gun do dh’fhuirich mi thuige seo mas do leig mi mo bhàrdachd am follais.
M.: Carson?
E.: Airson nach robh mi deiseil air a shon agus nach robh cus brìgh ’nam obair an uair sin. Cha d’ fhuair mi m’ fheuchainn ’s cha robh eòlas agam orm fhéin. Tha mi neist nas cinntiche — tha fiosam co ann a tha mi creidsinn agus theid agam air a chumail suas.
M.: Co air a bhios tu sgrìobhadh ma tha — dé tha gad ghluasad?
[43]E.: Rud sam bith air am buail m’aire — a h-uile seòrsa. Rannan beaga airson na cloinne, òrain gaoil, òrain air staid na dùthcha, drabasdachd. Mar a thuirt mi — a h-uile seòrsa. Ach mar is trice, ’sann a bhios mi toirt sùil air beatha an duine ’s air na duilgheadais a tha ’na chois.
M.: An tug bàrd àraid sam bith buaidh air do bhàrdachd? Dé mu dheidhinn Somhairle MacIllEathain: tha mi smaoineachadh gu h-àraid air “Làn Traigh Bhàllaigh” an drasda.
E.: Uill, ’s dòcha buaidh gun fhios domh. Bha mhuir riamh rim’ thaobh-sa ’s bha mi ruith mun cuairt na tràghad seo o’n a bha mi trì bliadhna dh’aois. Ma thug duine buaidh orm, ’se MacThómais: tha mi cinnteach gun do leugh mi “An Dealbh Briste” o cheann gu ceann gu math nas trice na leugh e fhéin e. Tha dèanamh anabarrach air na h-òrain aige — seo an rud tha glacadh m’aire. Tha e faicinn mar a tha e fhéin ’s carson a tha e mar seo agus an còmhnaidh, bi rann dùnaidh aige a’ reusonachadh na cùise.
M.: A bheil thu fhéin a’ leantail ris a’ bhàrdachd ùir ma tha, neo bheil thu tàthadh nas mò ris an dòigh dhualach. Seall, eadhoin, mar a tha thu cleachdadh barrachd fuaimneachaidh.
E.: Cha chreid mi gum bheil. Chan eil mi ris da-rìreamh co-dhiù. Faodaidh gum bheil cuid de’n obair coltach ris na seann òrain, ach tha’n sgrìobhadh agamsa an crochadh air gu dé’m fonn anns am mi aig an àm. Co-dhiù, tha cus de na bàird againn air a bhith ’g aoradh do dhiadhan coimheach o chionn bhliadhnaichean — dad ach Freud is Einstein — —.
M.: Dé do bharail air a’ Mhòd fhéin?
E.: Chord e math rium! Sud a’ chiad Mhòd aig an robh mise riamh. Bi daoine an còmhnuidh a’ cur sìos air a’ Mhòd ’s air a’ Chomunn — ’s gun dad aca chuireas iad ’nan àite. Mura biodh am Mòd, cha bhiodh an t-àite ’s an t-urram aig a’ Ghàidhlug an diugh, ’s i fhéin air a dhol bhuaidhe cho mór.
M.: Dé’m beachd a th’agad air a’ Ghàidhlig an diugh?
E.: An ceann fichead bliadhna, cho fad’s a chì mise, cha bhi Gàidhlig ann. Mura h-atharraich cànan ’s mura boin i ris an t-saoghal anns a bheil sinne beò — theid i dholaidh agus bàsaichidh i. Bi i mar bha’n Dinosaur ’s an Dodo.
M.: Ach nach eil e fìor gum bheil barrachd ga dheanamh an dràsda thaobh na cànan agus nach eil e buailteach gum beothaich i?
E.: Chan eil.
M.: ’S a bheil thu fhéin a’ dol a chumail ort neo-ar-thaing, a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig —
E.: Tha!
(Faic Dàin a’ Chrùin, d. 62)
title | Còmhradh le lain MacDhùghaill, am Bàrd |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Oighrig Nic Corcadail in Gairm 93 %p |
parent text | Gairm 93 |