[139]

STUAMACHD ANN AN SAOTHAIR NAM BARD

le Seòras MacThómais, nach maireann

( ’Se aiste tha seo a chaidh a sgrìobhadh mar phàirt de obair achlas Ghàidhlig an Oilthigh Ghlaschu, air 3.11.1910.)

Anns gach linn bha e mar chliù aig na bàird anns aGhàidhealtachd, mar anns gach dùthaich eile, gun robh iad tòireil air an dram. Chan eil teagamh nach robh am beachd so mearachdach ann an cuid, ach chan urrainn sinn a ràdh nach robh na bàird fhéin atabhairt cothrom do dhaoinibh na smuaintean so a ghabhail orra. Bha feadhainn de na bàird féin a bha ullamh air so a chunntas mar urram do chliù nam fear a chaidh rompa. Tha Uilleam Ros anns na briathraibh so amoladh na dibhe:

Tha cho liugha buaidh air fàs ort,
S gu -luain nach faod min àireamh
Achs e sgaoil do chliùs gach àite
Na bàird a bhin geall ort.

Feudaidh e bhi gun robh achùis mar so, agus cha chuireadh e mór iongnadh oirnn ged a bhitheadh. Far am bheil càil na bàrdachd, tha mar an ceudna gu tric -riarachadh leis na nithean a thatar asealbhachadh. Tha mar gum beadh teasach sgrùdaidh afàs anns achuideachd. Leis an an-fhois sona spiorad, tha am bàrd air a thàladh air falbh o na sligheanan coitcheann. Cha tabhair iad sin riarachadh gu leòr do gach buaidh agus comas farsuingeachd a thana inntinn. Tha ìotadh do-shàsuichtena chridhe a tha an còmhnaidh air tòir seallaidhean ùra, suidhichean ùra agus faireachdainnean ùra. Ann an sireadh a mach sòlasan do bhuadhan inntinn mar so is tric a dhamaisear air slighe thuisleach. Tha na lethidean sin de bhuadhan agairm air son arain, agus gu tric ann ar n-aineolas bheir sinn clach dhoibh.


[140]

Is ann mar so a thachair do mhóran de na Bàird Ghaidhealach ann an cùis na stuamachd. Chan e gun robh iad féin air leth -stuamanan cleachdannan. Cha robh iad idir air thoiseach air amhór chuid den t-sluagh anns an dòigh so; ach cha do dhfhiach iad neart an rann gu a bhi curna h-aghaidh. ’Sann a bha iad gu sgairteil le àrd iolach agus le treun ghlòir atarraing air ceann eile na taoda; amoladh gach buaidh a tha iad afaicinn airMac na Bracha”; agus ga àrdachadh leis gach uile chomas a thanam bàrdachd.

Tha Mac Mhaighstir Alasdair ann an aon àite amoladh abhotuil anns na briathran so:

Sgaoilidh eghruaim far a mhùigein:
Ni e fiùghantach fear cruaidh:
Ni e cruadalach fear gealtach,
Gus an teid e feachd nan ruaig
Ni e cainnteach am fear tosdach
Ni e brosgulach fear dùr;
Ni e suirigheach am fear nàrach
S fàgaidh e dàn am fear diùid.

Tha Donnchadh Bàn mar an ceudna toileach air buadhan àrda a chur ás leth an uisge-bheatha. “Cuiridhars esan,

Cuiridh e sunnd air muinntir eireachdail
Timcheall abhùird, ’s cuid eile dhiubh danns’:
Thogamaid fonn neo-throm as ceileirin
S freagarrach sheinneas sinn deireadh gach rann.

Tha sinn afaicinn an so nach ann air son an òil a tha iad cho aoibhinn. Ged a tha an t-òl adeanamh tàlaidh orra, ’sann a tha am mór thlachd anns achuideachd a tha maille riutha. Tha na Gaidheil gu nàdurrach toigheach air cuideachd, agus air seinn is air briathran loinneil. An uair a gheibhte beaganden dibh bhrìdhear, neartmhor, bhlasdas mìlse na mil bheach gu pòitis ann a thòisicheadh gach fear ablàthachadh ra chompanach: thòisicheadh na seanachais agus gheuraicheadh aignidhean gach neach. Anns acho-labhairt sosann a bha tlachd nam bàrd, agus cha bann san òl. Le geòirid nam briathran; le binneas nan òran gan seinn; le àrd-inntinneachd na cuideachd gu h-iomlan, bha iadsan afaighinn riarachaidh anabarrach taitneach don mhodh aignidh san robh iad. Aig na h-amannaibh ud chluinnteadh na seanchasan bu bhòidhche mu na suinn a dhfhalbh,


[141] agus mu na feachdan treun a chum an ainmean air chuimhne gach ginealaich agus àil a thainignan déigh, agus sin uile anns gach dòigh a bfheàrr a dhfhoillsicheadh gach taobh den bhrìogh.

An sin dhéireadh gach cùram agus gach bròn mar cheò bhàrr aghaidh nan sliabh. Rachadh air cùl gach mùig agus smuain throm, agus bhitheadh sòlas dhoibhsan air aghaidh achruinne-chè. Chan eil e furasd a bhi cruaidh air Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair an uair a tha e acur an céill am fonn anns am bitheadh e féin air uairean.

Tàirrnidh e mulad gu aiteas:
Tiunndaidh e airsneul gu fonn
. . . . . . . . . . .
Thigeadh meanma, ’s falbhadh airsneul
Air chairtealan uainn don Ròimh:
Seinneam òrain cheòlmhor ghasda
Shunndach bhras nach lapaich glòir.

Sann air an aobhar so a bha Mac-an-t- Saoir amoladh aBhranndai:

S feàirrde sinn an toiseach e,
Gu brosnachadh ar cainnte,
Ged bhiodh gach uile deoch againn
Ses docha leinn am branndai.

Tha Uilleam Ros, mar an ceudna ag aideachadh gur anns na cuideachdan a bha a rùn fhéin:

Bu tu caraid an fhir-fhocail,
Bheireadh fuasgladh dha gu tapaidh,
Ged nach òl e dhiot ach cairteal
S blasmhoirid a chainnt e.

Ged a tha na nithean sin mar sin chan urrainn sinn uaill a dheanamh ás an teagasg a tha ar bàird acur an céill mun mhisg. Bu mhór an éifeachd a bhitheadh ann an sgil nam bàrd air an taobh eile; agus tha ena thoileachas dhuinn fhaicinn gu bheil cuid aca atogail an guthna h-aghaidh. Tha Iain MacCodruim gu tuigseach afoillseachadh a mach gach cron a tha teachd an lorg -stuamachd. Do nàmhaid an uisge-bheatha tha e tabhairt an fhocail mu dheireadhna òran mun chùis so. Tha eg ràdh:


[142]

Tha mhisg donana nàdur,
Lom làn mórchuis is àrdain:
Lom làn bòsd agus spàraig
Anns gach càs air an tig.
Tha i uamharra fiadhaich
Tha i murtaidhna h-iarbhail
Tha i dustach droch-nialach
Làn de fhiabhrass de fhriodh.
. . . . . . . . . . .
Tha i tuar-shreupach foilleil,
Iomad uair an droch oilean,
S gun do dhfhuasgladh fa-dheireadh
Achs i bu choireach amhisg.

Tha móran eile de na bàird aseasamh air son stuamachd. Tha iad afaicinn gu bheil iomadh cron asruthadh o na cuideachdan diamhain anns am bheil deoch làidir air a -ghnàhachadh. Tha i amilleadh stòrais, neairt agus cliù gach neach a tha strì rithe. Ach a bhàrr air sin uile tha i agoid inntinn a luchd-leanmhuinn; tha iad afaighinn fois chealgach ann an tàladh na daoraich: tha i alagachadh comas dhaoine a bhi acur an aghaidh buaraidhean, agus gan tabhairt gu bhinan tràillean don anamiannan feòlmhor. Tha i acuideachadh na collain gu bhi ariaghladh an reusain, agus na buadhan-inntinn sin a bhuilicheadh oirnn, agus anns am bheil againn ìomhaidh a Bhith sin a chruthaich sinn. Tha na smuaintean so air an cur an céill le cuid de ar bàird nach eil an saothair ann anSàr Obair nam Bàrd”.

Ach feumaidh sinn cuimhneachadh an uair a bhitheas sinn atabhairt breith air na bàird a tha acliùthachadh struidhealachd nach robh na Gàidheil mar shluagh cleachdta ri bhi -ghnàthachadh deoch làidir. Aig cuirmean bhitheadh pailteas aca, ach cha robh iad air an tabhairt suas do bhi ga deothail gach latha. Cha robh mar sin urad de chall ann gu robhas ga moladh ann am bàrdachd. Cha robh tighean-òsdfasgaidhean nan cuideachdan diamhainach tearc

(Shaoilinn gur h-ann mun bhliadhna 1907 no 1908 a thogadh an dealbh seo den chlas Ghàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Tha Seòras MacEanruig anns amheadhon; ’si mo mhàthair as fhaide gu deas ann, agus Nandag NicLeòid ri taobh. — R. MacT., Fear-deas.) [143]


[144] anns an dùthaich, agus mar sin cha robh cuideachdan-òil cho mór na cho gràineils gun dùisgeadh iad smaointean agus rùintean nam bàrdnan aghaidh.

Gheibh sinn sinn féin gu tric ann an suidheachadh Bhalaaim ann a bhi leughadh cuid de òrain na misge. Tha sinn an aghaidh nam beus, ach fàilnichidh ar teanga adol a mhallachadh na bàrdachd. Eisd ri Mac Mhaighstir Alasdair:

O fair a ghaoil channaich do phòg,
Leig clannadh da tanail fomshròin
Gur cùbhraidh leam fannal do bheòil
No tùis agus mire na h-Eòrp.
O, aisig a ghlaine do phòg!
Cuir spéirid nar teangaidh gu ceòl
An ioc-shlàinte bheannaichte chòir,
A leasaicheas cnàmhan as feòil.

Is bòidheach sin! Tha an sin ìomhaigh agus smior na bàrdachd.

titleStuamachd ann an saothair nam Bàrd
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Seòras MacThómais in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page