[158]

NAIDHEACHDAN AOTROM AS AN AIRDE TUATH

bho Huisdean Baran

1. Sioscot Mahogany

Bha seann bhodach siud aon uair ann an Srath-fharagaig a bhiodh acòmhradh is ri stòraidhean is e glé dhéidheil air a bhith air thoiseach. Thainig luchd-chéilidh a-stigh aon oidhch’. Bha gach aon ag innis a stòraidh fhéin is thainig abhruidhinn air an fhiodh sin ris an can iad “mahogany” is gach aon dhiubh ga mholadh airson a mhaitheas. Bha am bodach airson fhacal fhaighinn a-stigh is thuirt e gu robh e math. Thuirt a bhean ris ann an sanais“ ’Sann air fiodh a tha iad abruidhinn.” Ach on bham bodach bodhar cha chuale is thuirt eBiodh ina fhiodh na iarainn, bha sioscot agam-sa dheth.”


2

Bha duine an Gleann Urchadainns bu mhór am fearg a bhair dar a mhothaich e crodh a nàbuidh adol troimhm bàrr. Phùnnd e iad agus thuirt e nach robh iad afaighinn ás gun suim airgead a phàigheadh. Anns abhruidhinn a bhann mhaoidh an nàbuidh leis a ghunne. An sin dheubh eBheitidh, Bheitidh, leig a-mach an crodh, tha manam air sgeir.”


3

San sean aimsir bàbhaist do na siùbhlaichean a bhith cruinneachadh gréim mine an suds an seo is nuair a bhiodh pòca làn ac’


[159] creiceadh iad amhine mar biadh dha na cearcan. Bha duine an Sgire Mhuire airson rathad Inbhirnis a ghabhail dar a chunnaic e a bhean afaighinn pòca a bha aig bodach uamhaidh salach. San fheasgair, ’s e tarraing dlùth air an taigh chualabhean aig achA Mhàiri, tha fuath aig manam da mhin abhodaich.”


4

Chaidh Ali, bràthair Domhnul Ruadh nan cuirp dom Blàr Dhubh leis abheothach. Dhaithnich e dròbhar a bha ainmeil is thuirt e “Heredròbhar, come and buygamhainn: Màiri mo phiutharis a goodceann aghamhainnbriolamus, brolamus, plaoisg batàtis a h-uile mosgul.”


5

Bha mu deich croitearan Bràigh na h-Airde an deigh Muilinn Bhealdhruim fhàgail agus a dìreadh an rathad (An Coireas) eadar sin agus aBhogsolamh. Chaill acheud cairt cuibhle a chaidh a-mhàn asìor dol nas luaithe. Dar a chaidh an cuibhle seachad air achairt mu dheireadh cha dthuirt am fear a bha sin, Peutanach, achIs math a dhfhaodadh dhuit fuireach is bi bruidhinn ruinn.”


6

Bha Iain saChnocna shuidhe aon taobh an rathad eadar sins aMhanachainn. Bha dithis agabhail an rathad is argumaid adol eatorra. Ged nach fhac iad Iain chuale a h-uile facal. Bha fear den dithis acur ás leth am fear eile gu robh e, aon uair, aig an obair mhosach ud, atogail nan corp agus am fear eile ag ràdh nach robh. “An urrainn dhuit sin a dhearbhadh,” ars es’. “ ’S urrainn gu dearbh,” ars am fear eile, “Crom thusa-mhàn is bheir min luath á do mhàsan leis an t-snàthaid mhór.”

( ’Sann aig Iain Dòmhnallach ás aChnoc Bhàna bha uair air ceann Roinn na Gàidhlig an Oilthigh Obar-Dheadhaina chuala mi na trì naidheachdan mu dheireadh.)

titleNaidheachdan Aotrom
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Hùisdean Baran in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page