NA HIORTAICH
le Uilleam Lawson
Tha móran leabhraichean ann mu dheidhinn Hiort — mu’n eilean fhéin, mu dhòigh-beatha nan eileanach agus mu na beathaichean is na h-eòin — ach, a-measg na tha sin a rannsachadh is a sgoileireachd, ’se glé bheag a chaidh a sgrìobhadh riamh mu na daoine fhéin — có ás an tàinig iad, có na daoine dham buineadh iad agus mar sin air adhart.
Agus seo ged a tha barrachd teisteanas againn, ann an sgrìobhadh, airson eachdraidh na daoine ann an Hiort na tha againn airson a’ chuid mhór de’n Ghaidhealtachd: tòrr a bharrachd na tha againn son a’ chòrr de na h-Eileanan-a- Muigh. Tha Cunntaisean Breith, Bàis is Pòsaidh againn o 1855 agus tha Leabhar-cunntais Sgìre againn o 1830 (ged nach eil e iomlan). Air chùl sin tha cunntaisean a’ luchd-siubhail againn: bhiodh luchd-turais a’ tadhail air Hiort o àm glé thràth an eachdraidh an eilein agus gu fortanach dh’fhàg cuid aca cunntaisean gu math mionaideach air na chunnaic ’s na chuala iad.
Tha mi creidsinn gur e Dòmhnall Rothach ann an 1549 a’ chiad fhear a tha toirt cunntais air Hiort. Ach, a bharrachd air gur ann do MhacLeòid na Hearadh a bhuineadh an t-eilean agus gu robh e anabarrach math airson fiarachd chaorach, chan eil móran aige ri ràdh mu dheidhinn.
Tha Màrtainn Màrtainn ann an Turas-cuain gu Hiort annan 1697 a’ toirt cunntais móran nas mionaidiche air an eilean agus ag innse dhuinn rud no dhà a tha gu math inntinneach.
“Tha mu 180 duine air an eilean an dràsda,” tha Màrtainn ag innse “Nuair nach eil an Stiùbhart aig baile, ’se am Maor a tha os an cinn, fear ‘Donald Mack-Gill- Colm’ .” ’Sann de Chlann Mhic Leòid Phabaidh na Hearadh — Clann Alasdair Ruaidh — a bha chuid mhór de na Stiùbhartan a bha air Hiort: ’sann dhan teaghlach seo a bhuineadh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, a’ bhana-bhàrd ainmeil. Tha e doirbh a dheanamh a-mach có am maor a bha seo air a bheil Màrtainn a’ bruidhinn. ’Se Mac Ghille Chaluim a bhios ann an
“Mack -Gill- Colm”, a réir choltais — ach chan eil fhios an e ainm teaghlaich a th’ann no dìreach sloinneadh an duine — i.e. gum b’e Calum a bh’air athair — agus chan eil dòigh air obrachadh a-mach le cinnt.
’Se an aon fhear de mhuinntir an eilein a tha Màrtainn a’ sònrachadh a-mach Ruairidh Mór — “Roderick the Imposter” — a bha air a thoirt a chreidsinn air na Hiortaich eile gum biodh e a’ bruidhinn ri Eòin Baistidh is gu robh e airidh mar sin air inbhe shònraichte ’nam measg.
Tha e bruidhinn cuideachd air fear “Muldonich or Lewis” ach a bharrachd air gu robh e fhein agus Ruairidh anns na h-oghaichean chan èil e ag innse a’ chòrr mu dheidhinn agus tha e do-dhèante a dheanamh a-mach có e oir chan eil an t-ainm “Lewis” a’ togail ceann tuilleadh a-measg theaghlaichean an eilein. Chaidh aig Màrtainn agus Stiùbhart MhicLeòid air smachd Ruairidh Mhóir a bhristeadh agus thill na Hiortaich chun an t-seòrsa Crìosdalachd caran meang-bhlàth a bha iad air a bhith leantainn roimhe seo.
Ged tha Màrtainn ag innse móran dhuinn mu dhòigh-beatha an eilein chan eil e ag innse an t-uabhas mu na daoine fhéin — ach tha rud no dhà aige a tha feumail is inntinneach.
“ ’Sann ás na h-eileanan mun cuairt — Leódhas, Na Hearadh, Uibhist agus an t-Eilean Sgiathanach — a thainig muinntir Hiort. Tha an dà chuid na fir agus na mnathan gu math dèante. Tha iad coltach anns an rathad seo ri muinntir nan eilean agus tìr-mór na Gàidhealtachd. Chan eil an ginealach seo cho làidir no a’ faighinn saoghal cho fada ris a’ ghinealach rompa. A dh’aindeoin sin, thathas a’ meas gu bheil aon Hiortach cho làidir ri dithis de mhuinntir Na Hearadh no na h-eileanan eile mun cuairt.”
An uair sin tha e ràdh rud caran annasach: “Chan eil móran feusaig idir orra agus chan eil i tòiseachdainn a’ fàs gu mu aois 30 no 35: chan eil orra, mar is trice, ach beagan ròineag os cinn am beòil agus air gob an smeigid.”
’S dòcha gu saoilear nach e rud uabhasach cudthromach a tha seo ach ’se dìreach a’ phuing seo a thug ormsa tòiseachdainn air smaoineach mu shloinntireachd na Hiortach oir chan eil duine a chunnaic an dealbh àbhaisteach de’n “Phàrlamaid Hiortach” aig nach bi cuimhne gu bheil a h-uile aghaidh air a còmhdach le feusagan mollach. Ciamar a tha seo a’ tighinn a réir an dealbh a tha Màrtainn a’ toirt dhuinn? Cha bhiodh e coltach gun atharraicheadh gnè nan daoine cho mór seo an taobh a-staigh de 200 bliadhna.
Tha freagairt na ceiste seo againn, saoilidh mi, ann an Eachdraidh Hiort a sgrìobh am Morair MacAmhlaidh an deidh dha tadhal air an eilean ann an 1763. Tha e ag innse dhuinn gu bheil an àireamh air a dhol sìos o’n 180 a bha ann ri linn Mhàrtainn gu 88 agus gur e a bu choireach ris an seo “tinneas gabhaltach” a sguab air falbh a’ chuid mhór de mhuinntir an eilein mu 34 bliadhna roimhe seo. ’Se a’ bhreac a bha seo: bha fear a mhuinntir Hiort air bàsachadh leatha anns Na Hearadh agus bhathar air a’ chuid aodaich a thoirt air ais a Hiort.
“A-mach á 21 teaghlach,” tha MacAmhlaidh a’ ràdh, “cha robh beò ach ceathrar inbheach agus bha 26 dìlleachdan air fhàgail an urra riutha. Bha triùir de na fir air a bhith glaiste le droch shìde air eilean Bhoraraidh fad na mìosan a bha a’ bhreac aca air Hiort fhéin: nuair a fhuair iad dhachaigh cha robh beò rompa ach aon duine agus a’ chlann, ach gu fortanach, bha an galair air a dhol bàs.”
Bhiodh teaghlaichean aig cuid de na shàbhail o’n tinneas seo, tha mi creidsinn, ach — on a chaidh an àireamh suas o’n 30 duine bh’ann os deidh na brice gu 88 mu dheich bliadhna fichead os deidh sin — tha a h-uile coltas gun tainig daoine ás àitichean eile a dh’fhuireach a Hiort mun àm seo. A réir choltais, ’se an fhuil ùr seo as coireach ri feusagan tiugha na Hiortach as na linntean os deidh seo.
Tha MacAmhlaidh a’ toirt dhuinn a’ chiad fhiosrachadh earbsach a tha againn air sloinneadh na Hiortach. “ ’Se Mac Ille Mhoire agus Mac Ille Riabhaich an cinneadh aig an fheadhainn a bhuineas do’n t-seann stoc Hiortach. A rèir choltais, ’sann á Leòdhas a thainig Clann Ille Mhoire far a bheil an t-ainm sin cumanta fhathast. ’Sann do Uibhist a Deas a bhuineas Clann Ille Riabhaich: tha iad a’ deanamh uaill mhór ás a’ chàirdeas a tha aca do Chaiptean Clann Raghnaill, leis a bheil Uibhist a Deas.” Tha an t-ainm “Mac Ille Mhoire” cumanta an dà chuid ann an Leódhus agus Na Hearadh. Bha daoine de’n bheachd aon uair gur e ainm Leódhasach a bha ann agus gun do sgaoil e ás a sin do Na Hearadh ach tha rannsachadh a tha mi air a bhi dèanamh o chionn bhliadhnaichean air sealltainn gu robh Moireasdanaich air cuid de na h-eileanan beaga bhar cladach Na Hearadh gu math tràth an eachdraidh aig nach eil buinteanas sam bith ri Clann Ille Mhoire Leódhais. Tha an rannsachadh seo cuideachd a’ sealltainn gur ann ás Na Hearadh a bu dòcha Clann Ille Mhoire Hiort a bhi, gu h-àraid bhon is ann do Chlann Ic Leòid Na Hearadh a bhuineadh Hiort.
Tha MacAmhlaidh cuideachd a’ bruidhinn air sliochd Ruairidh Mhóir. “Chan eil air fhàgail air an eilean ach dithis de a shliochd agus
tha gràin mhór aig a h-uile duine orra. ’Se té dhiubh, fìor dhroch bhoireannach, an té mu dheireadh an seo a tha leigeil oirre gu bheil an dà shealladh aice. Tha an creutair seo a cheart cho carach, sanntach agus mì-mhoralta ri a seanair.” A réir choltais, cha robh teaghlach aig na boireannaich seo idir( ’s dòcha gu robh sin cho math).
Thadhail an t-Urramach Eoin Dòmhnallach na Tòisidheachd a Hiort ann an 1822. Anns a’ chunntais a dh’fhàg e air an eilean, tha e ag innse gu robh 111 duine ann aig an àm seo is tha e toirt dhuinn na h-ainmean aca air fad agus an aois aig cuid aca: ged a tha cuid de na h-ainmean duilich an deanamh a-mach agus nach eil cuid de na h-aoisean uabhasach earbsach, tha an Dòmhnallach a’ toirt dhuinn a’ chiad bhunait earbsach air son obrachadh a-mach na teaghlaichean a bha air an eilean.
Tha e ag ainmeachadh bhantraichean air a’ chinneadh a bha aca roimh ’m pòsadh agus chan eil e soilleir có an teaghlach d’am buineadh cuid de na tha aig deireadh a’ liosta, ach, a dh’aindeoin nan duilgheadasan sin, tha e soilleir gu leòr o chunntais an Dòmhnallaich gu robh fichead teaghlach air an eilean aig an àm agus gur e seo na cinnidhean a bha aca: Dòmhnallach — aig sia dhiubh, Mac Fhionghuin — a dhà, Mac Cruimein — aon, Mac Cuinn — a dhà, Mac Gilliosa — cóig, Feargustanach — aon, Mac Ghille Mhoire — a dhà, Mac Leòid — aon.
Bidh e coltach gur e na Moireasdanaich sliochd a’ “Chlann Ille Mhoire” aig MacAmhlaidh agus gum buineadh cuid co-dhiù de na sia teaghlaichean Dòmhnallach seo do’n “Chlann Ille Riabhaich” a tha e ag ainmeachadh — gum buin a’ chuid mhór de na seachd teaghlaichean sin, a réisd, do shliochd an fheadhainn a bha ann roimh 1739. A réir choltais, ’sann os deidh sin a thainig na teaghlaichean eile ann.
’Se cheist có ás an tàinig iad. Ann a bhith freagairt na ceiste sin, bidh e feumail a chumail air chuimhne gur ann do Mhac Leòid na Hearadh a bhuineadh Hiort, gur ann an Dunbheagain san Eilean Sgiathanach a bha prìomh dhachaigh Mhic Leòid, agus gur Stiùbhart na Hearadh an ceangal a bha eadar Hiort agus an saoghal-a- muigh ’s gur ann aig fir-tac Phabaidh, eilean eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath, a bha an dreuchd seo fad ùine mhór.
Tha daoine eòlach air Clann Mhic Cruimein mar na pìobairean ainmeil a bha am Boraraig san Eilean Sgiathanach ach ’sann á Scarasta air taobh-an-iar na Hearadh a thainig iad o thùs: ’se MacLeòid Dhunbheagain a thug a Bhoraraig iad airson sgoil[172]
’Se an t-seann ainm Gaidhealach MacCuithinn a bhitheas anns an ainm “MacQueen” aig Eòin Dòmhnallach: tha an t-ainm-sa ri fhaighinn anns an Eilean Sgiathanach, anns Na Hearadh agus an Uibhist a Tuath. A réir beul-aithris, ’sann do’n Eilean Sgiathanach a bhuineadh Clann Mhic Cuinn o thùs agus sgaoil iad a-mach ás a sin gu ceàrnaidhean eile de oighreachd Dhunbheagain agus na h-eileanan mun cuairt; tha teaghlach d’an ainm seo ann an Uibhist a Tuath aig a bheil buinteanas, a réir an cunntas fhéin, ri Clann Mhic Cuinn Hiort agus, mar sin, tha mi de’n bheachd gur ann ás Uibhist a thainig an teaghlach seo a Hiort.
Tha an cinneadh, MacFhionghuin, cumanta anns Na Hearadh agus san Eilean Sgiathanach ach bhon a tha an t-ainm Lachlainn cumanta ann an Hiort agus san Eilean Sgiathanach agus nach eil anns Na Hearadh, ’sann ás An Eilean Sgiathanach a bu dòcha an teaghlach Hiortach a bhi air a thighinn.
Tha an t-ainm MacGilllosa nas dorra: gheibhear an t-ainm anns Na Hearadh ach tha e coltach gur ann ás an Eilean Sgiathanach a thainig an t-ainm do Na Hearadh agus mar sin ’s neònach mur ann ás a sin a thainig e a Hiort cuideachd.
Tha beul-aithris ag innse dhuinn gur e a’ chiad Fheargustanach a thog dachaigh a Hiort meat a’ bhàta a thug na daoine ann: a reir na naidheachd, ghabh e gaol air té de’n a’ chlann-nighean agus dh’fhuirich e air an eilean còmhla rithe is phòs iad. Gheibhear naidheachdan coltach ris an té seo an iomadh àite, ach, bhon is ann do Phabaidh agus Beàrnaraigh a bhuineadh Feargustanaich na Hearadh agus gur ann ás a sin a bu dòcha am bàta a bhith air seòladh leis na h-eilthirich, tha a h-uile coltas gu bheil i fìor dhan turas seo. Tha e coltach cuideachd gur e a’ chiad Fheargustanach seo an aon fhear a Hiort a b’urrainn leughadh agus sgrìobhadh agus gur ann air sàillibh seo a dhleas an teaghlach seo an inbhe a bha aca os cinn a’ chòrr de na h-eileanaich — inbhe a ghléidh iad gus na dh’fhàg na Hiortaich mu dheireadh an t-eilean ann an 1930.
(r’a leantainn)
title | Na Hiortaich |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Uilleam Lawson in Gairm 94 %p |
parent text | Gairm 94 |