For Sydney Goodsir Smith
(M. Macdonald. Loanhead. 1975. £3 .00)
Chan eil teagamh nach do chuir Alba bàrr dhith de bhàird anns an linn a th’againn a bha anabarrach, mura robh e barraichte cuideachd. Ach ’s iongantach gu robh duine dhiubh cho annasach riSydney Goodsir Smith. Chan eil mi a’ ciallachadh le sin gur h-e am bàrd a b’iongantaiche a thainig oirnn — chan eil mi smaoineachadh gu bheil duine ann tha tighinn faisg mhìle do dh’ Uisdean MacDhiarmaid. Ach rinn e bàrdachd iongantach, gu h-àraidUnder the Eildon Tree (1948), sgrìobh e rosg cho àbhachdach ’s a th’againn sa’ Bheurla Ghallda, bha e a’ cur thairis le eirmseachd ’s le deagh-ghean, sgrìobh e dealbhan-cluiche (leithidThe Wallace), agus iomadh leabhar agus leabhran, bha deagh liut aige air peantadh, agus dheanadh e gàire nach fhalbhadh ás do chuimhne ann an cabhaig.
B’ann dìreach a’ bhliadhna a thainigUnder the Eildon Treeo’n chlò a choinnich mi ris an toiseach. De a cho-bhàird co-dhiù, chan aithne dhomh duine a chuir sìos air anns an ùine sin.
Anns an leabhar seo tha grunn de na càirdean aige a’ tighinn cruinn, agus cha do rinn iad dàil, gus cuimhneachan a chur ri chéile dha, agus gu h-àraid gu boillsgeadh a thoirt dhuinn air a’ ghnè spioraid a bh’ann, mus fhàs a’ chuimhne fann. ’Se an fheadhainn as fhaisge ’s as dàine tha dol air an tòir sin as motha tha deanamh dhe’n t-sitheann. Tha Norman MacCaig a’ cur móran ann am beagan fhaclan:
“He was, as all who met him know, a man of unlimited generosity of mind — I never heard him say a malicious word about anybody — of a wild, boisterous, fantastic humour, which made him, though he never seemed to notice it, the welcome centre of any company he was in, whether they were dons or down-and-outs: for he walked through class distinctions of any kind as if they weren’t there. He could be an outrageously comical clown. But he was, much more, a thinking and suffering man. ”
Tha Robert Garioch (Beerioch mar a bh’ aig Sydney air) math cuideachd, ’s e a’ cuimhneachadh dhuinn fealla-dhà a chainnt is a ghnè, agus Denis Peploe, a bha eòlach air fad a bheatha an Albainn cha mhór (oir b’ann anNew Zealanda rugadh Sydney).
Tha grunn de luchd-sgrìobhaidh eile anns an leabhar, agus rudan inntinneach aca ri ràdh, agus tha beagan de’n bhàrdachd aig Sydney ann, is iomradh air na leabhraichean a sgrìobh e. Agus gach dìleas gu deireadh: ’se Gaidheal, Calum MacDhòmhnaill, agus fìor sheann charaid dha, a chuir an leabhar an clò.
R. MacThómais
title | 2 |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 94 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |