[189]

Lisa Storey (Ban-deas). Bha Siod ann Reimhid. Sgeulachdan o Bheul-aithris. (Club Leabhar. 1975. 90 sg.)
Fionnlagh MacLeòid. Sioba (Club Leabhar. 1975. 45 sg.)
Fionnlagh MacLeòid. Tòthan (Club Leabhar. 1975. 45 sg.)

Is gann gum burrainn sheòrsa leabhair cho eadar-dhealaichte a thighinn thugainn còmhlas a tha anns aphasgan seo. Tha dhà den aon sheòrsa ann le Fionnlagh MacLeòid, agus fear den t-seòrsa eile le Lisa Storey, agus ged a thigeadh breitheanas orm, feumaidh mi ceann-teagaisg a thoirt asda.

Anns achiad àite, ’se leabhraichean cloinne a thannta air fad. Co-dhiù, ’se sin tha fo-near dhaibh. Anns an leabhar Sioba agus Tothan, chan eil ach dealbh air gach dàrnacha duilleig, agus is dòcha fhacal, no trì, no cóig, nos dòcha ochd, air an duilleig ma choinneamh an deilbh. Chì thu Tòthan, each gu math sùbailte, aseasamh air a cheann, agus tha thu aleughadh gun do choinnich e riRudan man . . . coin”, air aon duilleig, “. . . agus caitair an ath , “. . . agus uisgean ath thrup, ’s mar sin air adhart. ’Se cearc a thann a Sioba, aguss ioma rud a chì achearc bhogach bhàn nach do shaoil a seanmhair. Anns an leabhar eile, tha naoi sgeulachdan bho bhial-aithris, is abair aithris. Tha bleith anabarrach air na teangannan seo, leithid:

Chaidh Cìgein agus Cùigein latha abhuain an arain ùir. “Buain fhéin e,” arsa Cìgein. “Buain fhéin e,” arsa Cùigein. “Buaineamaid le chéile,” ars Cìgein. “Mar sin fhéin e,” arsa Cùigein.

Dhfhalbh iads bhuain iad e. “Ceangail fhéin e,” arsa Cìgein. “Ceangail fhéin e,” arsa Cùigein. “Ceanglamaid le chéile,” arsa Cìgein. “Mar sin fhéin e,” arsa Cùigein.

Chan eil sin ach toiseach tòisich, ach is dòcha gun tuig fear-leughaidh leth-fhacal.

Anns an dara h-àite, ’se leabhraichean sgoile tha seo. Ach tha caochladh sheòrsachan sgoile ann: sgoil-dhubh, sgoil achruadail 7c. Feumaidh nach ann dhan aon sgoil a tha iad uile.

Anns an trìtheamh àite, tha an saoghal air atharrachadh gu mór bho bha siod ann reimhid.

Anns an àite mu dheireadh, tha na deilbh ann an Siobas ann an Tothan air an stéidheachadh air obair Criosabel NicLeòid aois deich, agusse rud inntinneach a thann an inntinn an leanaibh.

Agus anns acho-dhunadh, far a bheil beatha agus bàs air an cur nar tairgse, bu mhath gun deanadh sinn roghainn air beatha.

R. McT

title3
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 94 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page