[115]

SAMHLAICHEAN

le Dòmhnall R. Moireasdan

Solus Manaidh

Tha cuimhnagams minam bhalach a bhi cluinntinn mu mhanaidheans faodaidh aig an àm a bha sin nach robh na h-iomraidhean mu leithid a chuspair, cho làidir neo cho bitheantas a bha sin mar sin anns an linn roimhe sin, mar a tha mi creidsinn nach robh. Ach, co-dhiù, o chionn bhliadhnaichean air ais tha cuimhnagam a bhi cluinntinn mu sholus a bha ra fhaicinn ann an tigh neo timcheall mun tigh air taobh-a- sear na Hearadh, far nach robh ach ceithir neo cóig de thighean gu léir is a bha caran sgaipte o chéile. Bhithinn-sa anns an sgoil aig an àm a bha seo, nuair a bhithinn acluinntinn mun t-solus a bha seo a bha ra fhaicinn air an oidhche ann anCarragraich”, am fianuis Scalpaigh air taobh eile achaolais a tha eadar es tir-mór na Hearadh. Ged nach fhaca mise riamh a leithid a rud air mo shon fhéin bha mi cluinntinn mun t-solus seo, solus ann anCarragraich”, iad dha fhaicinn an Scalpaighs shuas caran on àite fhéin, neo pìos air falbh on àite. Be tigh cloiche, le ballachan cloiche is aoil is mullach biorach air a sgliatadh a bhanns an tigh. Co-dhiù, chan eil duine acòmhnaidh anns an tigh a bha seon diugh do bhrìgh gun deachaidhn tighna theines gun dfhuairn dithis a bha fuireach ann a-mach ás sàbhailte lem beatha. Greis roimh àm éirighs an dithis aca san leabaidh, fear is bean, nuair a dhfhairich iad gu robh seòmar shìos an tighe neon còrr dhen tigh adolna theine. Fhuair iad a-mach le chéile troimhn uinneig.


Solus eile ann an Scalpaigh

Timcheall mun aon àm a déigh 1930 bha mi cluinntinn mu sholus eile a bha daoineg ràdh a bha iad afaicinn ann an stòr a bhair a leigeil seachad, mar a bhan cala-ciùirigidh airn robh e, an stór a bha seo, le seachd neo ochd a dhuinneagan, ’s treallaich de stuth co-cheangailte ri obair iasgaich fhathasdna bhroinn aig an àm ud, ’s e caran uaigneach ri bruthach àrds a aghaidh ris an àird-a- tuath,


[116] air Leabag-an-Eithir. Than stòr fhathasd ri chéile, ’s daoine a-machs a-steach ann ged nach eil guthn diugh gu robh solus riamh ann. Chan eil obraichean mar a bha cutadh sgadain timcheall mun stòr a tha seon diugh mar a bha do bhrìgh gu do sguir an obair seo, ach gum bi iasgairean agleidheadh uidheam iasgaich ann. Nise, greis an deighidhn obair sgur bann a thòisich daoine afaicinn an t-soluis a bha seo, air an oidhche. Chan urrainn dhomh a ràdh mar nach urrainn dhomh a ràdh mun t-solus eile a dhainmich min robhas dha fhaicinn a h-uile oidhche, fhads a bha iad ra fhaicinn.

Thàinig an sin an duine neom fear dhe na daoine leism bu leis an stòr a dhfhuireach ann le bhean, ’s chaochail balach beag leo ann . . . .


Taibhsean

Bhithinn acluinntinn uair is uair mu thaibhsean, seadh daoine bhi faicinn tòrraidhean neo a leithidean sin de nithean mus tigeadh an neo na nithean fhéin gu bhi dha foillseachadh aig acheann thall mar gun canadh tu.

Tha cuimhnagam cuideachd a chluinntinn mu dhuine ann an Scalpaigh adol a-stigh dhan tigh anns an robh e fuireach (duinòg tapaidh ann an inntinns ann am bodhaig) gur gann a fhuair e stigh dhan tigh leis na bha dhaoine dha chuartachadh, eadar an dhorus. Chaidh an rud bhann seachad, cha do mhair an dùmhladas do dhaoine ach greiseag. Ach, ùine a deighidh seo, bha an dearbh dhuine bha seo adol dhachaigh latha, ’s an uair a thàinig e stigh air dorus an tighes gann a burrainn dha faighinn troimh na daoine a bha gabhail fasgadh eadar an dhorus san tigh san robh e fuireach, tigh athar, do bhrìgh fir a bha adol gu tòrradhs air do fhras tighinn chaidh iad dhan tigh seo a chur seachad na froises mar sin bhan taibhs a chunnaic am fear eile air a cho-lionadh dha an latha-ud.


Tòrradh

Tha eiseimpleir eilagam a chuala mi dhen aon t-seòrsa; bha sin mu fhear eile a chunnaic tòrradh adol seachad air, air an rathad mhór oidhches dhaithnich e cuid dhe na fir, ’s anns an dearbh àite sin chaidh tòrradh seachad air a rìs, an turas seo gu corporra.


Tuiream

Mu thrì fichead bliadhna air ais bha eithear beag ràmh bhaig iasgach na smalaig, feasgar foghair neo deireadh samhraidh le


[117] ceithrear fhear air bòrd atighinn roimh Chaolas Scalpaigh, troimhn achaol ris achladach, cladach Scalpaigh, ’s na fir ag iomradh, ’s a nis an t-anmoch air tighinn, an oidhche, cha robh i cho dorchas nach deanadh na fir a-mach dithis bhoireannach ann an aodaichean dubh, taobh ri taobh, agul air achladach ann am bad dhen achladach ris an canar, An Tobhan Liath. Co-dhiù, ghabh na fir a bhanns an eithear an t-eagal. “Cumaibh roimhe aig iomradhars an aon bhodach bhair bòrd; be daoine òga a bhann an càch. Chùm iad roimheg iomradh; tha mi smaoineachadh gun do thuig am bodach a réir an sgeòil gum be manadh neo manaidhean bhannta, anns na boireannaich. Grunn bhliadhnaichean a déigh seo, chaidh duinòg a bhag iasgach anns an dearbh àite a bhàthadh nuair a thuit e a-mach air amhuir an sud. Bàbhaist neòil a bhi tighinn airs bha daoine dhen bheachd gun tàinig nial airs gun do thuit e mach air amhuir on chreig iasgaich. Nuair nach do thill e dhachaigh an oidhche sin fhéin chaidh fir air a thòirs fhuaras a chorp anns amhuir aig bonn creige, ’s thugadh an corp dhachaigh far an robh dithis bhoireannaich an aodaichean dubha a’ gul.

titleSamhlaidhean
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page