[123]

CISTEACHAN-LAIGHE

le Eilidh Watt

Is tric a dhùisgeas neoni déidh mhaireannach annainn gu bhi afoghlum mu nithean do nach toireamaid an dàrna smuaint ás aonais an neo-ni seo. Bann mar sin a thachair dhòmhsa.

Thachair, nuair a bha mi aon sia bliadhna a dhaois, gun robh an teaghlach afuireach faisg air fear aig an robh, mar is tric gu leòr air Ghaidhealtachd, cheàird. Bha e ri tuathanachas is ri saorsainneachd. Còmhla ris, ann am bùth an t-saoir, bha fear eile, a chuir an ruaig gu tric orm is mi fo chasan acruinneachadh na sliseagan tana, amlagach, a thuiteadh bhon locair aige. Acuideachadh le spréidh is le obair fearainn bha fear eile anns an robh easbhuidh bheag. Dhfhaodadh gun robh e aois sam bi eadar sia bliadhna deug is siadeug thar fhichead. Ach is coma. A shamhradh is a gheamhradh bhitheadh e ri obair air choireigin, a mhuilcheanan air an truiseadh, anochdadh gairdeannan caola, fèitheach, is làmhan móra, air an spraidheadh le obair. Bha bil a chep, a bha air a tharraing sìos gu shùilean, air a bhriseadhna dhà lùib. Chionns gun robh e faoin bhitheadh na gillean atarraing ás gus an cuireadh e an teicheadh orra le dòirneagan chlach. Air mo shonsa bha truas agam ris, ach bha eagal agam roimhe. An aon àm a baithne dhomh e stad de obair bann nuair a chitheadh e mi tighinn. Aig an àm bha mi ag ionnsachadh na beurla, is mi air ùr thighinn gu saoghal annasach. Nuair bhithinn mu choinneamh, ged be air bith an t-àm a latha a bhann, theirinn, “Good morning, Peter Neillie”, gu formailteach, is dhaomainn mo cheann gu seocail, is ghabhainn mo rathad le ceum socair gus sealltainn nach robh eagal orm. Cha fhreagarradh esan mi ach dòcha gun cluinninn e asitearach is ag allagraich le gàireachdaich fad an déidh dhol seachad. Theagamh gun robh e toilichte eòlas a chur air creutair a bfhaoine na e fhéin.

A dhaindeoin eagal bha e mar fhiachaibh orm a dhol seachad. Bha e fhéin is a bhùth far am bitheadh iad adeanamh nan cisteachan-laighe eadar mi is mo cheann uidh, amhuileann shàbhaidh. Nuair a bha clann dhòigheil eile riaraichte le bhi asguabadh is acur air dòigh


[124]taighean beaganach robh mise air mo tharraing gu dhol a dhamharc air amhuileann nuair abha i ag obair. Nach cuireadh gathan na gréine a h-uile dath a tha sabhogha fhrois anns achaoir, is nach biomadh guth a bhaig an eas. Ach bha guthan eile ann ris an déisd mi le pailt uiread de thlachd. Bha na guthan seo sgairteil, cothromach, is chluinnte iad os cionn an fhuaim. Biad guthan an luchd obrach. Bha mise ag ionnsachadh facalan annasach, ùra, oir bha cainnt aca nach robhas acleachdadh aig an taigh. Ghabhadh mo chluas tlachd anns gach fuaim ùr, bhlasainn na facalan air mo theangaidh. Rachainn dhachaidh leotha. Ach an sin bhuin cràdh comhairle dhomh. Na facalan a bu chòire a chluinninn be na briathran, “Stad thusa ort. Thig Dòmhnall Dubh is bheir e leis thu, a dhroch nighean. Chì thusa.”

Ach ged stad mi a bhi ag aithris na facalan briagha do dhfheadhainn aig nach robh ùidh annta, chan eil sin ri ràdh gun do stad mi a bhi agabhail tlachd annta. An déidh a bhi aig amhuileann choisichinn dhachaidh, acur iomadh fonn ás ùr air ròpan de dhfhacalan. Còmhla ris gach gòraiche eile bha e mar chleachdadh agam a bhi abruidheann rium fhìn.

Ach thainig latha achunntais. Thainig latha an dìoghaltais.

Bha mi air mo rathad chun na muileann, oir chluinninn fuaim na h-aibhne gam tharraing. Ach cha deach mi na bfhaide na bùth an t-saoir. Aig a dorus bha fearna sheasamh air a chòmhdach gu tur ann an aodach dubh. Air an fhear a sheas an siud bha còta teann dubh gu ghlùinean, còta a bha air a phutanachadh gu sgòrnan. Afalach pìos de aodann bha ad àrd dhubh. Chionns nach fhaca mise gu seo meatag dhubh chotain air làimh fireannaich bha mi gun teagamh agam gun robh làmhan dubh air cuideachd. Ged sheas e ann an riochd Peter Neillie bha fios agam nach be Peter Neillie a bha seo. Càite an diugh an robh an cep leis abhilna lùban, na làmhan móra dearga, na gàirdeanan rùisgte gu na h-uilnean? Chaidh cuilbheartan is slìgearachd Dhòmhnaill Dhuibh a dhealbh ro thric dhòmhsa airson mi -aithne a dheanamh air. Chaidh a mhaoidheadh ro thric orm is nach bitheadh fios agam co ris a bha e afeitheamh. Cha do chuir mi fàilte no furan air ann an Gàidhlig no am Beurla, ach, air mo chorra-beaga, gu balbh, chaidh mi dhachaidh gu fasgadh an taighe, adùnadh an doruis ás mo dhéidh.

Cha robh buannachd ann do mo mhàthair cantainn gum be chunnaic mi ach Peter Neilliena dheise dhubh an tiodhlacaidh, oir dhùisgeadh làmhan dubha mi iomadh oidhche an déidh siud.


[125]

Ach thainig saorsa ann an dòigh gu math neònach. Chunnaic mi carbad mharbh. Chunnaic mi fear air a chòmhdach mar bha Peter Neillie, le sròl dubh air aid. Chunnaic mi na h-eich. Chunnaic mi na h-eich dhubha atogail is aleagail an cinn fo itean àrda, itean air an ùr cham-lubadh. Chuir an sealladh fo gheasa mi. Ma bha Peter Neillie adolna charan le gàireachdaich mo thogair. Airson ùine rachainn-sa, le itean dubha bho earball achoilich an ceangal ri clàr maodainn, mi aleum gu h-uallach, ach aig an aon àm gu stuama, sòlamaichte, mo làmhan sìnte bhuam air gach taobh, oir cha be aon each a bhannam ach paidhear, is mi tarraing bocsa ás mo dhéidh, bocsa a bha an iomais na sàilean a thoirt dhiom. Ach bu choma leam.

Nis ged chunnaic mi troimh uinneig acharbaid-mharbh achiste laighe, is ged bha fios agam bhana broinn cha do dhaognaich mi bhon t-sealladh.

Is e seo, tha mi an dùil, smior aghnothaich. Saoilidh mi gur thann gus an dìochuimhnich sinne air an do thuit an call, sinne a chreach am bàs, gus an dìochuimhnich sinn ar bròn fads a tha sinn gu foirmeil fo shùil an t-saoghail. Mar seo tha sinn atoirt sealladh foirmeil, stàtail, do dhaoine is aleantainn dèanadas a bha gnàthaichte bho shean. Ach a bheil? Saoilidh mi gur e a tha sinn aleantainn ach fasan an latha, no deanamh a réir an lagha. Ach atharraichidh fasan, atharraichidh an lagh.

Feadh an t-saoghail gu léir tha e mar cheist air abheò ciamar gheibh e cuidhte den mharbh. Tha cuid de mhuinntir an t-saoghail alosgadh nan cuirp; cuid acur nan cuirpnan crochadh ann an seòrsa de chreathaill ann an craobhan sònraichte; cuid gan cur ann an uamhan tioram; cuid gan adhlac anns an talamh. Tha dòighean eile ann is -thaitniche.

Tha aon rud an còmhnuidh acur ioghnadh orm. Is math leis gach treubh am marbh a chòmhdach ann an aodach de sheòrsa air choireigin, mum fàg e e. Ged be dus e, atilleadh gu dus, chan aithne dhomh gum bheil treubh air thalamh leis nach math an corp a chumail bhon ùir.

Mar a thuirt mi tha fasan is lagh rin leantainn. Cinnteach cuideachd gum bheil saobh-chràbhadh ann. Bha daoine am beachd gun tilleadh am marbh ma bha a chàirdean is a luchd dàimh ga chumail bho fhois len caoidh. Is ann ás abheachd sintha mi an dùila dhéirich an cleachda daoine, air an còmhdach ann an dubh, mar a bha Peter Neillie, nuair a chuir e an t-eagal orm, bhi ris achaoidh an àite chàirdean. Am bitheantas be daoine fìor bhochd a bha ris achaoidh


[126] oir bu choma ged thilleadh an spiorad an-fhoiseil a chur dragh orrasan. Is e mo bheachd gum bann bho na h-Iùdhaich a thog sinn an cleachdadh.

Nuair a bha na h-Iùdhaich ri caoidh bha e air àithnt dhaibh an aodach a reubadh. Ach be daoine gleusda a bhannta is, gus an lagh a riarachadh, dhéirich an cleachdadh muilcheanan an aodaich a bhi air a dheanamh le fhàitheam. Dhfhaodhte an dàrna fàitheam a shracadh gun mhór chall. Cha robh an reubadh achna reubadh samhlachail, mar a bha achaoidh is an tuireadh. Tha sinne an diugh eòlach gu leòr air ministear na h-eaglaise a bhi, anns achiad àite, a bhi atadhal air taigh abhròin is a bhi a rithist aig bruaich na h-uaighe. Bha àm eile dha sin. Anns an t-siathamh is an seachdamh linn deug bha leithid a dhoillt aig an t-sluagh bho air bith a bhuineadh ris an Eaglais Phàpanach is gun robh ministearan air am bacadh bho facal a ràdh ás leth amhairbh.

chuir an t-atharrachadh? Chuir achd pàrlamaid. Mu dheireadh an ochdamh linn deug is toiseach na h-ath linn, bha an rìoghachd afiachainn ri barrachd adhartas a thoirt air a bhi deanamh lìon-aodach.

Chionns gum feumadh a h-uile neach géill don achd seo bha an lagh ag àithn gum bitheadh gach corp air a shuaineadh ann an lìon-aodach is e air an fhuar-leabaidh. Cha robh e cho soirbh do na bochdan géill a thoirt don lagh is chaidh a chur mar fhiachaibh air ministear apharaisde tadhall is faicinn le shùilean gun robh an lagh riaraichte. Mar sin chaidh cleachdadh còir a chur air bonn. Ged bha atharrachadh ciùil aig pàrlamaid ann an 1805 an uair a bha i air son taic a thoirt do luchd malairt na clòimhe anns an aon dòigh. Ach cha do ghabh daoine ris. Anns an dol seachad bann mun àm seo a bha e mar fhiachaibh air bean òg stocainnean geala, clòimhe, fhigheadh, gus am bitheadh iad air a coimh-leapach air an fhuar-leabaidh. Ged bu chaomhaineachail iad an uair-ud bha na stocainnean adol leis don ùir.

Far an robhas ri figheadh lìonmar a bhathas ann am Fìobhan uair a bha fear no air aithnicheadh mar fhear ceàirde, be suita-tiodhlacaidh achiad bhad a dheanadh am figheadair. Gu tric bha na siutan seo glé àluinn ach cha robh an siuta seo adol leis don ùir, ni motha a bha am brat-mhairbh gorm a bhathas acur am feum aig tiodhlacadh nam fìor bhochdan. Bha am brata seo air a ghleidheadh gu bhi deiseil air an ath chorp. Dhfhaodadh e bhi nach robh achiste i fhéin, ge be cho saor is a bhitheadh i air a fàgail gus grodadh. Bha i


[127] air a dèanamh air leithid a dhòigh is gum faodte a mullach is na cliathaichean a thogail dhi gun dragh a chur air achorp.

Chionns nach àill le daoine am marbh a chur don ùir air leithid a dhòigh is gum buin an ùir ri chraiceann tha an corp air a chòmhdach ann an ais-léine. Am bitheantas tha i air a ceangal air cùl na h-amhaich. Bha reuson airson seo oir is fhusa an ceangal a bhi air an sgòrnan. Ach atharraichidh fasan. Thathas ag ràdh rium gur e léine de “Paisley pattern”, buidhe is còrcair, am fasan a tha gabhail bàrr-urram air gach fasan. Tha i adùnadh air abhrollach.

Bha sean chleachadh gasda eile ann. Gheibh rìghrean bàs, ged bha mise fada den bheachd nach robh iad mar dhaoine cumanta. Bhithinn ri sgrùdadh dhealbhan. Nis, nuair a bha rìgh ag eug bhathas adeanamh samhladh dheth ann an céir. Bha an samhladh air a chòmhdach ann an aodach rìoghail, bha e air a churna shuidhe air cathair, is air a ghiùlan troimh na sràidean.

Ach cha robh a choltas mar choltas duine cumanta. Bha phaidhir làmh air. Bha làmh ri ùrnaigh, làmh sachlaidheamh, is làmh air an t-slait-rìoghail. Am bioghnadh mise a bhi am beachd nach robh iad mar dhaoine eile?

Is cistichean laighe? Uair eile. Dòcha.

titleCisteachan-Laighe
writersEilidh Watt
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page