MANA NA MARA
le Coinneach Mac a’ Ghobhainn
“Thainig a sgadan a-steach air a chladach,
tuinn na mara dha shadadh air tìr,
gach duine gu sgairteil ri lìonadh gach basgaid,
ri togail air eallach, ’s ri triall dhachaidh sgìth.”
Cluinnidh tu fhathast muinntir air taobh siar Eilean Leódhais ri bruidhinn air bliadhna a sgadain, co-dhiùbh daoine a thainig gu beagan aois. Ach chan ann air iasgach mór ann an Ceann Phàdraig no eadhon ann a Steòrnabhagh a bhìos a smuaintinn anns na h-amannan sin, ach air nì gun choimeas a thachair air taobh an dachaidhean, nuair a thainig a sgadan air tìr air na cladaichean mun cuairt dhoibh. Seadh, sgadan beò, de phrìomh inbhe, ri snàmh gu cladach agus dha shadadh féin air tràighe, gu bhi air a chrò-chruinneachadh le làmhan dhaoine, gun feum air cathair no air lìon.
Thachair a nì iongantach seo leth-cheud bliadhna air ais, aig àm an fhoghair ann a 1926, gu chur ann an ceartais. Bhuail a sgadan tìr air astar dà mhìle dheug do chladach, eadar Àrd-Bharabhais agus Tràigh-Nis, ged is ann air cladaichean Ghabhsuinn a bu chudthromaich a thainig iad. Bidh daoine gus an latha an diugh ri toirt barail gur dé a dh’aobhraich don a sgadan ruith gu tràighe. Their cuid gur e crith-thalmhuinn bho ghrunnd na mara chuir feagal air a sgadan, ged nach do thachair seo do iasg eile, cuid eile gur ann a’ teiche na mucan-mara a bha e; ach chanadh daoine aig a robh creidimh làidir a’ Chrìosdaidh, nach robh ann ach obair Freasdail, le Dia toirt cobhair do’n t-sluagh ’na feum, dìreach mar a rinn a le Maois agus Clann Israel anns an fhàsach.
Timcheall air an àm ud, chaidh tuathanas mór Ghabhsuinn a bhristeadh suas agus a thoirt ’na chroitean do fhir a rinn seirbhis dhan a’ Chrùn ann an Cogadh Mór a Chàisear. Nach do gheall Lloyd George
’Sann le bodach ás Siadar-a- Chladaich a chunnacas a sgadan anns a’ cheud àite, agus e ri gabhail cuairt na tràghad air feasgar Di-haoine. ’S gann gun creideadh e a shùilean nuair a dh’amhairc e air an iasg ri snàmh gu cladach, agus tuinn na mara dha fàgail ri breabail air tìr. Thog e air dhachaidh ’na chabhaig, agus gun focal a labhairt ri duine, thill e air ais le soithichean a lìon e leis a sgadan. Bha e dha reic air feadh a’ bhaile air sia sgillin an fhichead, gun fhios aig neach co ás a thàinig iad, ach ri moladh cho math agus cho saor is a bha iad.
Ach cha b’ann a-mhàin air sgàth a’ bhodaich a thainig a sgadan gu tìr. Air madainn Di-sathuirne bha “fuaim air feadh gach creach”, le gach duine a ghluaiseadh, aosd is òg, fireann is boireann ri dèanamh air a’ chladach, gach seòrsa soitheach aice dha ghiùlain. Thug gach duine dhan a sgadan. Chaidh gach basgaid is cliabh, mias is cuman a lìonadh, agus nuair a bha gach soitheach làn, lìon iad na pocannan. Fhuair gach neach a chuid réir is mar a bha feum aige. Thug dorchadas na h-oidhche gu stad iad, agus thill gach duine dhachaidh le eallach trom air a dhruim, sgìth ás déidh a ghnìomhachais.
Chaidh tàmh na Sàbaid a ghabhail, mar a bha e ’na chleachdadh, gun duine dhol faisg air a’ chladach, ach a’ mhór-chuid ri dol gu seirbhisean anns na h-eaglaisean, toirt taing do Dhia airson a mhaitheasan. Air Di-luain dh’éirich cuid gu moch airson tuilleadh sgadain a thional, ach seachad air beagan a dh’fhàg a muir-tràighidh anns na lòin-sàile, cha robh sgadan ri fhaicinn. Dh’fhalbh iad mar a thàinig iad.
Bha fèill air an t-salainn ann am Baile Steòrnabhaigh air an t-seachdain ud, gus a sgadan a shailleadh airson annlan geamhraidh leis a’ bhuntàta. “Gur dé” arsa Ceannaiche a fhuair òrdugh bho ghille airson tunna salainn “a tha cearr air na Siaraich, na tha iad ag iarraidh
(Tha sinn an comain an ùghdair airson na sgeulachd seo thoirt dhuinn. Is dòcha gun iarr cuid de ar luchd leughaidh sùil a thoirt air sgeulachd eile de’n t-seòrsa, mu sgadan a thighinn air tìr air Costa nam Bucach, còrr is ceud bliadhna air ais, anns an leabhar aig Neil Paterson: Behold thy Daughter — Fear-deasachaidh.)
title | Mana na Mara |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 95 %p |
parent text | Gairm 95 |