DOMHALL MACLEOID: FEAR-IUIL A’ PHRIONNSA
le Niall MacDhòmhnaill
Nach fìor an ràdh“ ’S beag tha dh’fhios aig duine dé th’air thoiseach air.” Dh’fhaodadh Dòmhnall MacLeòid siud a ràdh ris fhéin an latha chaidh e le eithear do Cheanna-Bhaile na Gaidhealtachd a dh’iarraidh min is goireasan eile a bha dhìth air fhéin ’s air a choimhearsnaich san Eilean Sgiathanach.
Bha ùpraid mhór sa’ Bhaile aig an àm. Bha ’m Morair Loudon air ceann armachd Righ Seòras, ’s am Prionnsa Teàrlach (a réir naidheachd) air a rathad gu tuath.
Bha an t-sìde stoirmeil aig an àm agus b’fheudar do Dhòmhnall dàil a dhèanamh. Thachair e ri móran do sheann eòlaich, ach gu mì-fhortanach chaidh a chur an gréim lé buidheann de Dhòmhnallaich Gleann Comhainn, ach mar a rinn sealbh bha MacFhionghainn an t-Sratha (caraid do Dhòmhnall) sa’ Bhaile agus mar sin fhuair Dòmhnall cead a choise.
Ma bha gach fear an Inbhirnis bha Macleòid Dhunbheagain fhéin ann air ceann a chuid dhaoine. Mar tha fhios aig a mhór-chuid bha Ceann-Feadhna na Leòideach dìleas air taobh Righ Seòras, agus a mhac Diùc Chumberland. Chan eil teagamh nach robh deagh aobhar aige air a sin, ach is sgeul eile sin.
Latha bha siud thàinig Dòmhnall agus MacLeòid aghaidh ri aghaidh air drochaid Inbhirnis far an tug iad là dubh air a chéile. Bha MacLeòid ag iarraidh air Dòmhnall am Baile fhàgail ás a charachadh. Chan éisdeadh Dòmhnall ris, ’s cha toireadh e aon uair boineid a-nuas dha.
Oidhche na Sàbaid an 16 latha de’n Ghearran 1746, chuala am Morair Loudon gun robh am Prionnsa a nis aig Taigh Mór Ceann-Feadhna Clann an Tòisich (mu chuairt air deich mìle air falbh) ’s nach robh mach air deich duine fichead cuide ris.
Am marbhan a’ mheadhon oidhche thog Loudon air le corr is mìle
An ceann latha no dhà thàinig am Prionnsa Teàrlach dh’an bhaile, ach bha am Morair Loudon agus Macleòid Dhunbheagain air an t-àite chuidhteachadh a nis.
Nis, bha Dòmhnall Macleòid glé eòlach air cladaichean taobh an Iar Alba, agus chaidh a thaghadh mar Fhear-Iùil air eithear a bha dol a dh’iarraidh airgead a dh’fhàg soitheach Frangach am Barraidh airson a’ Phrionnsa. Aig toiseach a’ Ghiblein tha Dòmhnall aig Loch nan Uamh ’s e air tilleadh gu sàbhailte á Barraidh.
Mu dhà uair feasgar Di-ciadain an 16 latha deug de’n Ghiblean 1746 bha Blàr Chùil-lodair (am Blàr mu dheireadh a chuireadh air mór-thir Bhreatainn) seachad. Chuir Diùc Uilleam an ruaig air feachd Thèarlaich Stiùbhart.
An déidh raoin Chùil-lodair fhàgail chuir am Prionnsa (cuide ri còmhlan beag a bha ’na chois) aghaidh air taobh an Iar Alba. Cóig latha an déidh seo aig Borghadal (dlùth do Loch nan Uamh) choinnich am Prionnsa ri Dòmhnall Macleòid á Galtraigil san Eilean Sgiathanach, a fear a bha gu bhith na Fhear-Iùil dha fad na seachd Seachduinean a bha ri tighinn.
Bha toil aig a’ Phrionnsa Dòmhnall a chur dh’an Eilean Sgiathanach le litrichean gu Dòmhnullach Shléibhte agus MacLeòid Dhunbheagain. B’e seo a chiad ghnothaich a bu mhath leis a’ Phrionnsa Dòmhnall a ghabhail os làimh. Tha mi cinnteach nuair a chluinneas iad gu bheil mi sa’ cheàrn seo gun cuidich iad mi, ars am Prionnsa. B’e siud aon obair nach gabhadh Dòmhnall os làimh a dhèanamh air chor sam bith. Tha cheart dithis sin aig an àm seo glé thrang a’ coimhead air do shon, arsa Dòmhnall. Nuair a chuala am Prionnsa dé bh’aig Dòmhnall ri ràdh cha robh air a nis ach deisealachd a dhèanamh airson a dhol dh’an Eilean Fhada an dòchas gum faigheadh iad soitheach a bheireadh am Prionnsa air ais dh’an Fhraing.
Aig ciaradh an fheasgair Di-sathuirne 26 latha de’n Ghiblean chaidh eathair fosgailte le ochd ràimh a chur air bhog, ’s le Dòmhnall aig an stiùir chaidh a sròn a chur an Iar. Am measg an sgioba bh’air bòrd bha Murchadh mac Dhòmhnaill. Bha Murchadh san sgoil an Inbhirnis aig an àm, ach an àite dhol dh’an sgoil latha Chùil-lodair
Cha robh fios aig athair dé theireadh e nuair thachair a mhac ris, (cóig bliadhna deug a dh’aois) aig Loch nan Uamh, agus gu dé a b’fheàrr a nis na ràmh a chur ’na dhòrn. Chòrd siud fìor mhath ri Murchadh. Bha am Bàrd ainmeil Mac Mhaighstir Alasdair air fear eile dh’an sgioba.
Glé thràth an ath mhaduinn an déidh oidhche ghailbheach a chur seachad a’ dol tarsainn a’ Chuan Sgìth ràinig iad Barra na Luinge an Roisinnis Beinn nam Faodhla fliuch fuar agus acrach. Cuide ris a’ Phrionnsa bha Caiptin Iain O’Suilibhean, Caiptin Felix O’Neil, agus Caiptin Ailean Dòmhnallach a bha càirdeach do theaghlach Chloinn Ràghaill.
Bha iad a’ fiachainn ri’n cuid aodaich a thiormachadh aig bothan beag os cionn a’ chladaich nuair a thug fear de bhuachaillean Chlann Ràghaill (a bha gabhail an rathaid aig an àm) an aire dhaibh. Chaidh esan cho luath ’s a bheireadh a chasan e gu Mhaighstir ann am Baile na Caillich (mu sheachd mìle air falbh) a dh’innseadh dha mu na coigrich a chunnaic e.
Thachair gun robh an t-Urramach Iain MacAmhlaigh, ministear an t-Soisgeil an Uibhist-a- Deas, agus Niall MacEachainn am Maighistear Sgoile air aoidheachd aig Clann Ràghaill an latha ud. Bha athair an Urramaich Iain MhicAmhlaigh (an t-Urramach Amhlaigh MacAmhlaigh) ’na Mhinistear sna Hearadh. B’esan sì-seanair an fhir eachdraidh ainmeil sin am Morair MacAmhlaigh.
Dh’innis am buachaille d’a Mhaighstir mu na coigrich a chunnaic e aig Barra na Luinge. Bha amharus aig Clann Ràghaill gum faodadh am Prionnsa bhi ’nam measg, agus bha cheart amharus aig a’ Mhinistear. Bha naidheachd a’ dol mun cuairt gun robh am Prionnsa ’na fhògarrach an déidh a’ bhlàir. Gun fhios do’n Mhinistear chuir Clann Ràghaill seirbheiseach air falbh gus an tuilleadh fiosrachadh fhaotainn, agus chuir am Ministear fear eile air falbh gun fhios do Chlann Ràghaill.
Bha ’n aon sgeul aig an dithis nuair a thill iad; bha am Prionnsa siud gun teagamh, ’s gun robh e airson Clann Ràghaill fhaicinn cho luath ’s a ghabhadh e dèanamh.
Thog Clann Ràghaill agus Niall MacEachainn orra gu Barra na Luinge. Agus b’e brìgh an còmhraidh gum b’fheàrr dh’an Phrionnsa aghaidh a chur air Steòrnabhagh far am faodadh e soitheach fhaighinn a bheireadh dh’an Fhraing e.
Sin mar a thachair, agus bha aca ri ràdh gun deach an soitheach aca fhéin ás an rathad air an Du-Irtich, ’s iad a nis a’ coimhead airson t’éile a bheireadh luchd mine á Arcaibh. Mas a b’fhìor b’e O’Suilibhean an Caiptin.
Fhuair an t-Urramach Iain MacAmhlaigh dòigh is rathad air fios a chur gu athair sna Hearadh gun robh am Prionnsa Teàrlach air a rathad gu Steòrnabhagh.
Aig tuiteam na h-oidhche air an 29 latha dh’an Ghiblean chuir iad an aghaidh air Steòrnabhagh, agus an camhanaich na maidne bha iad aig laimhrig Scalpaidh na Hearadh. Bha Dòmhnall glé eòlach air Dòmhnall Caimbeul tuathanach an Eilein, ’s thug e ’m Prionnsa ’s na h-Oifigich suas chon an taighe aige far an d’fhuair iad gabhail aca fìor mhath. ’Se piuthar do Dhòmhnall Ruadh is Uisdean a Bhaile-sear a bha pòsda aig a’ Chaimbeulach.
Madainn an ath-latha, a chiad latha dh’an Chéitein, thog Dòmhnall air gu Steòrnabhagh. Thug e leis eathair a’ Chaimbeulaich an turas seo, a’ fàgail a’ Phrionnsa, O’Suilibhean, O’Neil, agus Iomhar Burke air cùram a charaid. Bhuineadh Iomhar do dh’Uibhist-a- Tuath ach bha e gus a seo ag obair an Dun Eideann.
Chualas air feadh na Hearadh mu’n eathair a thainig air tìr an Scalpaigh, ’s an sàbhaladh a chaidh orra. Chuala an t-Urramach Amhlaigh MacAmhlaigh an sgeul cuideachd; sgeul thug air taobh an teine fhàgail. Gun dàil a dhèanamh dh’fhàg e’n Tairbeart le làn eathair do cheatharnaich, agus mus nì e ’s gun robh am Prionnsa an Scalpaigh bheireadh esan ás e. Luach deich mìle fichead punnd Sasunnach, airgead cinn a’ Phrionnsa.
Cha robh fàilte no furan taobh seach taobh nuair a chuir MacAmhlaigh a theachdaireachd an céill dh’an Chaimbeulach. Dh’aidich e gun robh ’m Prionnsa san taigh aigesan ceart gu leòr agus nach leigeadh e le duine chunnaic e riamh corrag a chur air. Thill am Ministear ’s na bha còmhla ris air ais an taobh ás an tàinig iad; ach mo chreach cha b’fhada gus am facas bàta làn shaighdearan a’ teannadh dlùth; a’ siubhal gach fròg airson a’ Phrionnsa.
Cha robh air a nis ach aodach boireannaich a chur air a’ Phrionnsa agus am monadh thoirt air còmhladh ri Dòmhnall Caimbeul. Thug iad leò iarunn mònadh, ’s bha ’n Caimbeulach a’ gearradh ’s am Prionnsa a’ cur a-mach an fhòid nuair thainig dithis shaighdearan (a bha gabhail seachad) dlùth dhaibh agus arsa fear dhiubh ’s e toirt sùil thar a ghualainn: bha latha eile aig fear buain na mònadh. Chan eil teagamh nach do dh’aithnich e có bha sa’ pholl.
Co-dhiùbh air an treas latha dh’an Chéitean thàinig fios bho Dhòmhnall gun robh gealladh aig air soitheach, agus an ath latha dh’fhàg am Prionnsa ’s na bha còmhla ris Scalpaigh.
Sheòl iad suas Loch Sìphort gu faisg air Airigh-bhruach. Agus ás a sin choisich iad a chuid eile dh’an t-slighe. Bha fear ’nan cois a bha eòlach air an rathad, ach ged a bhà chaidh e iomrall, ’s leis a sin bha e glé anmoch mun d’ràinig iad Airinis am bun Loch Steòrnabhaigh.
Anmoch ’s mar a bhà e lorgadh Dòmhnall an Steòrnabhagh agus thugadh e far an robh am Prionnsa am fasgadh cloiche ri taobh Lochan a’ Phrionnsa, agus ás a sin thug Dòmhnall am Prionnsa ’s na h-Oifigich gu taigh Bain-tighearna Chill-Duinn (a bha faisg air làimh) far an d’fhuair iad biadh agus leabaidh.
Nuair thàinig a’ mhadainn chaidh Dòmhnall dh’an Bhaile airson gnothaichean a shocrachadh mu’n t-Soitheach a bh’aige san amharc, agus a bha dol a chosg cóig ceud punnd Sasunnach. Ach leth na truaighe cha robh cùisean idir idir ceart, bha Mathan a’ Bhaile air fios fhaotainn gun robh am Prionnsa Teàrlach a’ dèanamh air Steòrnabhagh le cóig ceud saighdear. Dh’aidich Dòmhnall gun robh am Prionnsa faisg air làimh ach nach robh eadhon cóignear shaighdearan aige.
Cha toireadh iad cluas éisdeachd dha, ’s chaidh iarraidh air fhéin ’s air a’ Phrionnsa an t-àite a chuidhteachadh gun dàil, ach airson an t-Soithich a bha e’n dùil a cheannach b’e siud aon rud nach fhaigheadh e nis.
Dh’fhàg Dòmhnall ’s na bha còmhla ris Airinis air an 6 latha dh’an Chéitean airson a dhol air ais gu Beinn nam Faodhla.
A’ seòladh sìos an cois a’ chladaich air taobh an Ear Leódhais thug Dòmhnall an aire do Long Chogaidh ’s i mar gum biodh i dèanamh orra. Cha robh nì fo’n comhair ach a dhol air tìr air Eilean Iubhard, agus leis na bha de bhàtaichean Cogaidh air ais ’s air adhart b’fheudar dhaibh ceithir latha chur seachad air an Eilean.
Dh’fheumadh iad tadhal ann a’ Scalpaigh airson gum faigheadh an Caimbeulach an t-eathar aige fhéin air ais.
A’ dlùthachadh ris a’ laimrig an Scalpaigh thug Dòmhnall an aire do dhaoine a bha coiseachd ’nan coinneimh chon na Laimrig. Cha do chòrd cruth nan daoine ris idir, ’s thionndaidh e air falbh a’ cumail a deas aon uair eile.
Dol sìos cladach na Hearadh b’fheudar do Dhòmhnall ruith a-staigh do Loch Róghadail. Bha Long Chogaidh a’ tighinn tuilleadh is faisg air, ach am beagan ùine bha Dòmhnall air a rathad a rithist. Chualas an déidh làimhe gum b’fheudar do Dhòmhnall Caimbeul Scalpaigh
Co-dhiù, air an 11 latha de ’n Chéitean bha Dòmhnall air ais an Loch Uisge-bhagh am Beinn nam Faodhla, agus choinnich e aon uair eile ri Clann Ràghaill agus Niall MacEachainn.
Air iarrtas Clann Ràghaill thug Niall leis am Prionnsa gu Gleann Chrùbasdail an Uibhist-a- Deas, far an do chuir e seachad dà làtha thar fhichead, ann an taigh beag dubh.
Cha mhór gun d’fhuair Dòmhnall anail a tharrainn nuair thàinig air a dhol tarsainn a’ Chuan Sgìth a rithist. Bha aige ri Camshronach Loch Iall agus fear na dithis eile lorg agus litrichean thoirt dhaibh bho’n Phrionnsa. Chaidh e air tìr am Mùideart, agus dh’fhàg e Murchadh a mhac an urra ris an eathair gus an tilleadh e. Lorg e na daoine bha dhìth air aig Ceann Loch Arcaig, sgrìob mhath á Mùideart.
Mun do dh’fhàg e Mùideart air a rathad air ais cheannaich Dòmhnall dà bharaille Branndaidh air an tug e gini a fear, agus a réir na sgeòil bha oidhche mhór aca an Gleann Chrùbasdail.
Air an 6 Làtha de’n Og-mhios b’fheudar dh’an Phrionnsa an Gleann fhàgail. Thug Dòmhnall air ais e gu Loch Uisge-bhagh far an do chuir e seachad trì oidhche ann an uamh air eilean beag. An déidh seo chaidh iad gu Roisinnis, agus chon na bothaig aig Barra na Luinge far an tàinig iad air tìr an toiseach. Bha am Prionnsa ’s am beagan a bha còmhla ris a nis a’ falbh bho àite gu àite leis mar bha iad air an cuartachadh leis an arm dhearg.
Mu dheireadh b’fheudar dh’an Phrionnsa air an 21 latha dh’an Og-mhios dealachadh ri Dòmhnall ’s ris an sgioba uile. Bha mar gum biodh a lìon a’ dòmhlachadh timcheall orra.
’Sann aig cladach Loch Baghasdail a thachair seo, ach eadhon aig an àm seo cha do dhìochuimhnich am Prionnsa iadsan a thug ás gach gàbhadh e. Dh’iarr e air O’Suilibhean tasdan a fear a thoirt dh’an sgioba airson gach latha bha iad ’na chuideachd, agus do Dhòmhnal thug e pàipear a b’fhiach mu leth-cheud gini. Bha aig Maighstir Hay, Rùnaire a’ Phrionnsa, ri luach a’ phàipeir seo a thoirt do Dhòmhnall, ach cho fad ’s is fiosrach mi cha chreid mi gun d’fhuair e riamh sgillin ruadh dheth.
Tha sinn a nis a’ call sealladh air Murchadh, ach tha e coltach gun d’fhuair e dhachaidh gu sàbhailte.
Bha Dòmhnall a nis ga fhalach fhéin bho àite gu àite, eader Beinn nam Faodhla is Uibhist-a- deas. Chuir e fodha eathair a’ Chaimbeulaich air eagal gum biodh ceistean aige ri fhreagairt an déidh làimhe.
Cha robh dol ás aig Dòmhnall a nis, agus air an 5 latha dh’an Iuchair chaidh a chur an gréim ann am Beinn nam Faodhla agus sin le Sgiathanach eile, Ailean Dòmhnullach (Ailean a’ Chnuic) á Sléibhte. Bha Ailean ’na oifigeach air ceann buidheann shaighdearan a bha coimhead airson a’ Phrionnsa; duine cho suarach ’s a chuir cas riamh am bróig, arsa Dòmhnall. Thug e bhuam trì fichead gini agus aon sgillin ruadh cha toireadh e dhomh air ais airson rud beag no dhà a bha dhìth orm.
A Beinn nam Faodhla chaidh Dòmhnall a thoirt do Bharraidh ’na phrìosanach ’s ás a sin gu Portrìgh agus an déidh seo chon na Comraich far an deach a chur air bòrd na long chogaidh, Furnace. Bha an Seanalair Caimbeul air bòrd, is esan a bha air ceann an airm air taobh an Iar Alba, agus anns an dol seachad faodaidh mi innseadh gur esan thainig gu bhith ’na cheathramh Diùc Earraghaidheal.
Cheasnaich an Seanalair Caimbeul Dòmhnall air bòrd na long Chogaidh seo; dh’aidich Dòmhnall gun robh e còmhla ris a’ Phrionnsa ach a-mach air a sin cha d’fhuair e móran a-mach bho Dhòmhnall. Cha robh dad aig Dòmhnall ri ràdh an aghaidh an t-Seanalair, bha cuisean gu math fhad ’s a bha esan air bòrd, ach aon uair ’s gun do dh’fhalbh e thainig atharrachadh air gnothaichean. Bha sgiobair a’ bhàta seo (Iain MacFhearghais ás Old Meldrum) ’na dhuine aig nach robh faireachadh do neach air thalamh.
Bha móran againn air bòrd, arsa Dòmhnall, agus sinn air ar cumail ann an toll dubh dorcha gun leus soluis ri fhaicinn. Bha sinn a’ faighinn a-mach ás an toll ud airson aon uair a thìde gach madainn, agus sin, am measg chaorach a bh’air bòrd. Bh’an gunna caol ri ar sròin fad na h-ùine. Bha dithis eile ás an Eilean Sgiathanach còmhla rium, MacFhionghuin an t-Sratha, agus Calum MacLeòid.
Bha am beagan bìdh a bha sinn a’ faotainn air a thoirt thugainn ann an cuinneagan salach agus sgioba a’ bhàta airson spòrs dhaibh fhéin a deanamh an cuid uisge ann ma choinneimh ar sùilean; agus sinne aig a’ cheart àm a’ bàsachadh leis an acras. B’ e siud ar càradh, arsa Dòmhnall, fhads a bha sinn a’ seòladh timcheall nan cladaichean bhon’n chiad lath de Lùnasdal, 1746, gus an Naoidheamh Latha d’an Ghiblean, 1747.
’Sann mu’n àm seo a ràinig a’ Furnace bun abhainn Lunnainn agus an sin chaidh an cur air bòrd soitheach eile (James and Mary) ach bha i seo na bu mhiosa na t’éile. Gu fortanach cha robh iad glé fhada anns a’ bhata seo nuair a chaidh an cur air tìr. Air tìr bha Dòmhnall an urra ri fear Maighstir Dick: ach ann am beagan sheachdainean leig iad
a-mach e, ach b’fheudar dha fuireach an Lunnainn greis eile. Bha aobhar na dhà air a sin.
Bha Dòmhnall a nis a’ sreap ri aois a’ gheallaidh, agus leis na dh’fhuiling e fad nan deich mìosan a chaidh seachad bha e glé lag airson na slighe bh’air thoiseach air, agus cuideachd choinnich ri móran a bha airson coibhneis agus spéis a nochdadh dha a chionn ’s gun robh e cho dìleas dh’an Phrionnsa.
Thug Iain Walkingshaw (Albannach a bha chòmhnaidh nis an Lunnainn) bocsa snaoisein airgid do Dhòmhnall. Air uachdar a’ bhocsa bha cruth duine ’na shuidhe aig stiùir eathair. Chan eil teagamh nach e Dòmhnall a bh’aige san amharc. Choinnich Dòmhnall ri móran Ghaidheal an Lunnainn.
Mu dheireadh chuir e chùl ris a’ Bhaile Mhór, agus chì sinn e an Lìte air an 17 latha de Lùnasdal agus e ’m measg móran a rinn toileachadh ris. Air an fheasgar ud tha an t-Easbuig Forbes ag innseadh dhuinn anns na pàipearan iomraiteach a dh’fhàg e aig leughadairean gun do thadhal Dòmhnall Macleòid air air an fheasgar ud.
Thug Dòmhnall cùnntas mhionaideach dh’an Easbuig air gach àite anns an robh e agus air a thachartasan fad na h-ùine bha e còmhla ris a’ Phrionnsa.
B’ann air an 23 latha dh’an Dàmhair a dh’fhàg e Lìte, ’s a chuir e aghaidh air Eilean a’ Cheò, ach mun d’fhàg e chaidh deich notaichean a chur ’na dhòrn.
Cha b’fhada gus an robh Dòmhnull air ais aig a dhachaidh còmhla ri bhean ’s ri theaghlach, ach mun do ruith a’ bhliadhna bhris air a shlàinte agus chaochail e san t-Sultuinn 1749, aig aois trì fichead bliadhna ’s a dhà dheug.
Tha mise creidsinn gur iomadh fear is té sean is òg san Eilean Sgiathanach a dh’éisd a rithist is a rithist ri sgeul Dhòmhnaill mu Bhliadhna Phrionnsa, agus air a h-ath-aithris le bodaich eile; mar a thuirt am Bàrd, “Bhiodh gach Seanair aosmhor liath ’g innseadh sgeulachdan gun ghò.”
title | Dòmhnall MacLeòid: Fear-iùil a’ Phrionnsa |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Niall MacDhòmhnaill in Gairm 96 %p |
parent text | Gairm 96 |