MAC AN T-SRONAICH
le Barabal NicFhionghuin
Is ainneamh an neach anns an Eilean Fhada nach cuala an t-ainm Mac an t-Srònaich air neo nach cuala, uair no uaireigin, sgeulachd mu dheighinn duine borb a bha a’ còmhnaidh sa’ mhonadh. A réir nan sgeulachd bhiodh e a’ leum a-mach bho chùl creige agus a’ mort duine bochd sam bith a bha mì-fhortanach gu leòr tighinn ’na lùib. Ach, ged a tha sgeulachdan de’n t-seòrsa sin pailt, chan eil móran ann aig am bheil fhios gun robh a leithid seo de dhuine ann, anns a’ cheud leth de’n naoidheamh linn deug.
’Se Iain Strònach an t-ainm a bh’air agus is ann o dhaoine urramach a thàinig e. Is e ogha ministeir a bh’ann air gach taobh. B’e athair mac an Urramaich Iain Strònach, a bha ’na mhinistear an Ceann Loch Iùbha agus b’e mhàthair Mór Mhoireasdan, nighean ministeir a bhuineadh do Bharabhas, Leódhais agus a bha bliadhnaichean air Tìr Mór. Bha piuthar a mhàthar pòsda aig Dòmhnull MacAmhlaidh, fear Lìseadair an Uig agus bu mhac dhaibhsan an Dotair Ruadha bha mach á Oilthigh Ghlaschu ’na dhotair là blàr Waterloo. Cha b’ann mar dhotair a rinn e ainm dha fhéin ach mar thuathanach, oir b’esan a sgiùrs muinntir Chàirnis an Uig air falbh bho’n dachaidhean airson àite a dhèanamh do na caoraich. Bha piuthar an Dotair Ruaidh Lilidh, pòsd aig ministear ainmeil — Raibeart MacFhionnlaigh a bha air an Aoidh agus a rithist aig Na Lochan. Ged a bha a chàirdean beusail ’sann airson mort is mèirle a theich Iain Strònach air falbh o’n àite anns na dh’fhàs e suas. ’Sann aig athair a bha tigh òsda Ghairbh an déidh toiseach na naoidheamh linne deug agus a réir eachdraidh choisinn an tigh seo fìor dhroch ainm fo a stiùradh airson gur e nead mhèirleach ’s na bu mhiosa a bh’ann.
Bha seann tigh òsda Ghairbh air a shuidheachadh an deagh àite. Bha móran ga thadhal agus a’ cur seachad na h-oidhche ann. Bha seann rathad nan dròbhairean o Inbhir Nis, troimh Inbhir Pheotharain,
a’ briseadh an Gairbh, aon spàg a’ dol a Gheàrrloch agus a Loch Braoin agus spàg eile a’ gabhail gu Loch Carann air an t-slighe chun nan eileanan.
A h-uile foghar bhitheadh an dròbh mhór a’ fàgail na Gàidhealtachd gu na féilltean mu dheas agus air an t-slighe dhachaidh an déidh do na dròbhairean (bhitheadh iad làn airgid a’ tilleadh dhachaidh o na féilltean) Inbhir Pheotharain fhàgail dh’fheumadh iad an slighe a dhèanamh tre Choille Tharbhaidh mu ruigeadh iad a’ Ghairbh. Bha àiteachan dorcha a-measg nan craobh agus an là nan Strònach cha robh e glic do dh’fhear siubhal anns a’ choille ’na aonrachd. Bhiodh spàirn air na dròbhairean gus an ruigeadh iad a’ Ghairbh mun tuiteadh an oidhche on bha còmhlan fhir ann aig an robh cleachdadh a bhith leum a-mach ás na craobhan le cabair ’nan dùirn, a’ cur stad air luchd turuis, gan rannsachadh agus a’ toirt uapa airgead no nì luachmhor sam bith a lorgadh iad aca. Bha amharus air tigh òsda Ghairbh agus tha a’ sgeulachd a leanas a’ dèanamh dealbh air an fhàrdaich sin.
Bha uair banaltruim san tigh òsda agus i a’ sealltuinn ás déidh an leanaibh a b’òige an teaghlach nan Strònach, an aon nighean a bh’aca. Cha robh a’ bhanaltruim fada ann gus na thòisich i a’ gabhail ionghnaidh mu rudan a bha i a’ cluinntean agus a’ faicinn. Mhothaich i, nan tigeadh strainsear ’na aonrachd a dh’iarraidh tàmh na h-oidhche, gu faigheadh e deagh charthannas ach ’se annas a bhitheadh ann nan nochdadh e anns a’ mhadainn. Theirte gun d’rinn e moch-eirigh ’s gun do dh’fhalbh e mun do dh’éirich na searbhantan. Có-dhiù, là bha siod, thàinig gille òg eireachdail á Loch Abair. Chòrd a choltas fìor mhath ris a’ bhanaltruim agus roghnaich i rabhadh a thoirt dha leis a’ chrònan seo a thòisich i a’ gabhail leis an leanabh.
“Laoich a thàinig á Loch Abair,
Cuimhnich na caidil trom,
Cuimhnich na caidil idir,
Thoir Loch Abair ort nad dheann,
Feuch do làmh a-steach fo’n leabaidh,
Is gheibh thu corp rag ri bonn,
Laoich a thàinig á Loch Abair . . . .”
Sgap mì-chliù nan Strònach air feadh na Gàidhealtachd agus bha caitheamh beatha Mhic an t-Srònaich a’ dol an donadas leis a h-uile bliadhna bha tighinn. Tha beulaithris ag innse dhuinn gur h-ann an déidh dha a phiuthair òg a mharbhadh a b’fheudar dha teicheadh.
Tha e coltach gun tàinig buidheann de uaislean do’n tigh òsda; bha caileag òg ’nam measg ann agus chaidil i fhéin agus nighean an tighe san aon leabaidh. Bha streang de neamhnaidean mu amhach an t-strainsear agus chòrd i cho math ri nighean an t-Srònaich is gun tug an té eile cothrom a fàgail oirre fad na h-oidhche. Mhothaich sùilean mosach Mhic an t-Srònaich do na neamhnaidean agus troimh’n oidhche shiulp e steach do’n t-seòmar, chuir e an sgian am broilleach na té air an robh na grìogagan agus shlaod e dhith iad. Anns an ùpraid a lean, thug e a chasan leis agus rinn e air Leódhas.
Dh’innis e aig deireadh a lathaichean gun tug e seachd bliadhna fo’n choill eadar na bliadhnaichean ochd ceud deug fichead ’s a seachd agus ochd ceud deug fichead ’s a ceithir deug. Chaith e an ùine sin ga fhalach fhéin sa’ mhonadh anns a’ cheàrn as iomallaich de’n eilean, a-measg nam beanntan faisg air na crìochan eadar Leódhas agus na Hearadh.
A réir eachdraidh, cha b’e Mac an t-Srònaich a’ chiad fhear a chuir seachad seachd bliadhna ’na fhògarrach anns na h-Eileanan an Iar. Tha a’ mhór-chuid dhiubh sin air a dhol á cuimhne an diugh ach tha esan a’ seasamh a-mach ann an eachdraidh an eilein oir chuir e an tuath air boil le eagal agus tha fann-fhaileas de’n eagal sin air fhàgail fhathast — barrachd air ceud bliadhna gu leth air adhart.
Anns na làithean sin bha daoine a’ siubhal anns a’ mhonadh an còmhnuidh. Bhiodh na h-Uigich ’s na Hearaich a’ tighinn ’s a’ falbh eadar an dà àite agus bha na bailtean beaga air na crìochan, tha ’n diugh bàn, làn dhaoine. Bha rathaidean goirid o bhaile gu baile agus tarsainn an eilein a Steòrnabhagh. A h-uile samhradh, bhiodh a’ mhòinteach beò le crodh. Bha clann-nighean nan àirighean air ais agus air adhart eadar am baile agus an àirigh. Gabhaidh an t-eagal uabhasach a dh’éirich a-measg dhaoine an uair a chualas gu robh mortair ainmeil mu sgaoil, a thuigsinn.
Cha b’e ceum air aineol idir a bh’aig Mac an t-Srònaich an uair a thàinig e Leódhas. Gun teagamh b’e an caladh a b’fhaisg air nuair a bhris a’ stoirm mu cheann; tha e cheart cho dòcha gu robh e san eilean roimhe sin oir bha cuideachd a mhàthar lìonmhor. Bha fhios aige càite an deidheadh e ga fhalach fhéin. Thubhairt e fhéin, “Fhads’ a ghléidheas mise beanntan Uige, gléidhidh beanntan Uige mi”. Fhads’ a dhèanadh e sin, cha leigeadh e leas eagal glacaidh a bhi air oir cha robh lagh san eilean aig an àm sin ach lagh a’ mhaoir agus cha robh breith aig a’ mhaoir ach a h-aon — fuadach. Tha uamha uaigneach aig bonn an Tàrain, beinn de bheanntan Uige, ris
an canar Uamha Mhic an t-Srònaich agus bha làrach an teine ri fhaicinn innte an déidh dha falbh. Chan eil glé fhada o chaidh soithichean a lorg air leac air ceann shuas na h-uamha. Ged a bhiodh an uamha seasgair, cha leig sinn a leas a chreidsinn gu robh e caitheamh na h-ùine gu léir innte. Chan eil lorg air duine a chunnaic e sa’ gheamhradh, ’sann an tìde mhath na bliadhna a bhiodhtar ga fhaicinn sa’ mhonadh.
Bha fhios aig an àm gum bitheadh e a’ tadhal an tigh aonranach air bràigh Steòrnabhaigh faisg air an Abhainn Dhubh. Bha bean nighe a’ dol a dh’obair do’n tigh seo agus fhuair i iomadach uair, léintean ri ’n nighe nach buineadh do dhuine san tigh. Aon latha, fhuair i léine le fuil air a’ mhuinchill airson a nighe. Dh’fheòraich i mu dhéidhinn seo agus cha d’fhuair i freagairt a chòrd rithe. Choisich i mach agus cha deach i riamh tuilleadh air ais do’n tigh. Chanadh i nach robh i cho bochd ’s gu feumaidh i léine a’ mhortair a ghlanadh.
Bha nighean piuthair a mhàthar, Lilidh Dhòmhnaill Choinnich ann a’ mansa Na Lochan an uair a bha esan mun cuairt. Tha litir aig fear dhe sliochd a chaidh a sgrìobhadh le nighinn, ag innse gun robh biadh agus leabaidh san t-sabhal a’ feitheamh air daonnan an sin.
Ged a bha an sluagh le eagal gun tachradh e riutha bha aon té an Uig a choisinn ainm dhith fhéin airson a bhith dol còmhla ris. ’Se piuthair an tuathanaich a bha an Capadail aig an àm sin a bh’innte agus bha cleamhnas eadar na daoine aice agus muinntir Lìseadair. Tha cuimhne fhathast mar a bhiodh i a’ cur car mu chnoc air an tigh ’s a’ dèanamh air a’ mhòintich anns a’ ghùn a b’fheàrr a bh’aice, le cìrean gleansach ’na falt agus grìogagan mu h-amhach. Chunnacas iad ’na suidhe còmhla fo chreig iomadh feasgar agus ghabh muinntir a’ bhaile gràin oirre o chionn gu robh i ga thàladh ro fhaisg air a’ bhaile airson fois do’n inntinnean.
Chaidh iomadach rud a chur air agus bha aon mhort ann timcheall air ochd ceud deug fichead ’s a deich, as t-fhoghar ris nach do dh’aidich e riamh. Bha an ginealach a bh’ann aig an àm sin cinnteach gu leòr gur e rinn e. Bha aon fhear, Dòmhnall MacLeòid, á Eireastadh an Uig aig féill an Steòrnabhagh a’ reic bó. An uair a bha an fhéill seachad chaidh e do’n tigh òsda còmhla ri companaich agus chunnaic iad e a’ cur prìs na bà ann a’ lìnig a’ pheitein. Chan aontaicheadh e fuireach gu madainn, dh’fhalbh e dhachaidh troimh ’n mhòintich san dorchadas. Larna-mhàireach fhuaradh an corp aige faisg air bun abhainn Ghrìde, gun sgillig air a’ chorp agus le làrach na sgithinn ’na chliabh. Ach, cha deach a dhearbhadh a riamh gur e
Mac an t-Srònaich a mharbh e.
Ged a bha eagal roimhe, ghabhadh eagal cur air agus dhearbh Dòmhnall Ruadh Beag á Càraiseadar sin. ’Se troich a bha an Dòmhnall, bha e cho leathann ’s a bha e fada agus bha ceann mór air le cròic de d’fhalt ruadh. Cha robh e bog idir; ’na bhalach òg chaidh a thogail agus a thoirt air bòrd luing agus falbh leis a dh’Ameireaga dha aindeoin. Ach rinn e shlighe dhachaidh agus is ann mu dheich bliadhna an déidh dha tilleadh a chuir e an teicheadh air Mac an t-Srònaich. Bha e a’ gabhail tarsainn na mòintich air là breagha samhraidh agus bha e cho teth ’s gun do chuir e dheth a bhriogais airson gu faigheadh e na bu luaithe troimh ’n fhraoch. Bha Mac an t-Srònaich pìos bhuaithe agus rinn e air mar a dhèanadh e air duine sam bith a chitheadh e. An uair a fhuair e na b’fhaisge air, stad e a’ coimhead a’ chreutair uamhalta a bha a’ cumail air adhart troimh ’n fhraoich mar nach robh e a’ faicinn duine idir faisg air. Dh’aidich am fògarrach a rithist gun do shaoil e gur e creutair nach buineadh do’n t-saoghal seo a bh’ann agus thug e chasan leis cho luath ’s a b’urrainn dha mus beireadh an Sàtan air.
Chaidh rann a dhèanamh aig an àm:
“Dòmhnall Ruadh Beag,
Chuir e an teich air Mac an t-Srònaich,
Le bhriogais air a’ ghualainn,
Chuir e ruaig air anns a’ mhòintich”.
Bhiodhtar ga fhaicinn timcheall nan àirighean agus chunnacas e a’ bleoghain mart uair no dhà. Bha nighean air àirigh aon samhradh faisg air an uamha agus chunnaic i duine a’ tighinn thuice a’ ruith bho chreig gu creig. Le smaoin aithghearr thionndaidh i a cùlaibh ris agus thòisich i ag éigheach, “Iain! Aonghais! Seall Mac an t-Srònaich gu bhith agam. Greasaibh oirbh. Iain! Aonghais!” Bha i air falbh gu math bho’n àirigh agus i a’ lorg gamhain a bh’air chall. Bha làn fhios aice nach robh duine faisg a mhìle oirre ach dh’obraich a’ chleas. Cha d’thàinig e na b’fhaisg oirre agus fhuair i air falbh sàbhailte.
Bha boireannach á Mèalastadh an Uig mus do dh’fhalbh na daoine ás agus mhionnaicheadh i gu là bàis gur e Mac an t-Srònaich a thàinig far an robh i agus i a’ nighdearachd leatha fhéin aig abhainn Thotarail a tha an taobh an ear de Mhèalastadh. Bha an duine aice air a bhàthadh goirid roimhe sin agus bha teaghlach mór aice ri thogail ’na h-aonrachd. Bha i aig an abhainn air latha math samhraidh
’s gun duine faisg oirre. Dh’fheuch i ri prais mhór làn aodaich a thogail ach dh’fhairtlich oirre. Thàinig duine mór suas ri taobh gun fhios dhi agus thog e a’ phrais. Bhruidhinn e rithe le còmhradh na mòr-thir agus dh’innis e dhi cho duilich ’s a bha e mu cor. Chunnaic i e a’ falbh bho chnoc gu cnoc gus an deach e ás a fianuis a-mach do’n mhonadh.
Ma tha e fìor gur e a bh’ann, is e sin an aon turas air a bheil lorg a sheall e truas no coibhneas ri neach sam bith.
Chan eil fhios càite an deach e an uair a dh’fhàg e Leódhas ach bha e bliadhanichean saor mun do ghlacadh e mu dheireadh aig féill sa’ Bhlàr Dhubh. Chunnaic fear an sin e a dh’aithnich e agus thug e suas e. Dh’aidich e ri iomadh rud agus chaidh a chrochadh am Baile Dhùbhthaich mu thimcheall na bliadhna ochd ceud deug da fhichead ’s a dhà. An uair a chualas an Leòdhas gun deach a chrochadh fhuair muinntir an eilein faochadh ach cha deach a dhì-chuimhneachadh fhathast.
title | Mac an t-Sronaich |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Barabal NicFhionghuin in Gairm 97 %p |
parent text | Gairm 97 |