BOGHA NAM BODACH
le Iain MacArtair
Chaith mise a’ chiad shia bliadhna de mo bheatha ann an taigh mo sheanar ann an Suardail an Rubha, air mo photaireachd ’s air mo bheathachadh mar aon mhac caillich agus aon mhairt muilleir, is an uair a thàinig mi gu ìre bhith falbh nan cladaichean, bha aon àite ann a bhiodh na balaich an còmhnuidh a’ comharrachadh a-mach. B’e sin Bogha nam Bodach, geodha mór farsaing os cionn na tìde mhara, eadar a’ Chearc is Bràighe an Rubha, le cladach goirid gainmhich air a bheulaibh. Tha cuimhne agam fhathast air iad a bhith bruidhinn air na bodaich bho’n tug an geodha ainm, is iad a’ seanchas cho sgàthach mar gu robh eagal orra gu robh tanaisg nam bodach ri fachlais orra ann an uaigneas, is iadsan ag innse mu’n bhàta Spàinnteach a chaidh ás an rathad, is mar a thàinig an sgioba an deidh mort is marbhadh gu cladach Shuardail, le ionmhas mór airgid a chuir iad air folach anns a’ gheodha. Ged nach robh an sgeul cho coimhlionta aig na balaich, cha robh iad fada ceàrr. Seo, mata, mar a thachair an uair ud, anns a’ bhliadhna ochd ceud deug is aon thar fhichead.
B’e bàta na sgeula Jane, bàta-siùil trì-chrannach, ceithir fichead tonna ’s a deich a chuideam, a bhuineadh do Iùdhach, Moses Levy, a bha ’na cheannaiche air oir-thir a’ Mhuir-Mheadhoin. Their cuid gur ann á Gibraltar is cuid eile gur ann á Malta a dh’fhalbh i, is chan eil e gu móran difir, ach bha luchd air bòrd innte cho annasach, saoilidh mi, is a chaidh a riamh an toll soithich. Chaidh leacan móra céir innte an toiseach is an uairsin tocsaidean móra de ola-chruinn-ola a bha Levy a’ dol a thoirt tarsainn gu Bahia ann an ceann a deas America. Ach b’e aobhar a’ bhuairidh is an aimhreit an luchd airgid a thug e air bòrd. Bha Levy a’ dol a thoirt leis ochd mìle deug thar fichead dolair Spàinnteach, ’nam buinn airgead geal. Cha robh leithid a rud is àite-falaich no àite-dìon air bòrd san latha ud do shuim airgid cho mór is cho tomaideach a seo, is cha robh air ach gun deidheadh a chur ann an tocsaidean móra a dheidheadh do’n toll còmhla ris a’ chéir is an ola-chruinn-ola.
Bha sgioba seòlaidh a’ bhàta pailt cho eugsamhlach ris a’ charaguth a bha san toll — dithis Shasunnach, Tomas MacIain, an sgiobair, agus Padruig Heaman am mate; cóignear Albannach, Iain MacPhàdruig, Strachan, Mac a’ Ghobhainn agus dithis eile mar làmhan; Innseanach, Eadailteach, gille-bìdh òg á Malta agus ceann-feadhna nam peacach — Francois Gautiez, an còcaire.
A réir aithris cha robh duine treidhbhireach air bòrd as a’ phrasgan seo ach an sgiobair agus an t-Albannach Iain MacPhàdruig a-mhàin. B’e esan an aon duine de na làmhan ris am b’urrainn an sgiobair am bàta earbsa.
Cha robh fhios aig duine beò mu dheidhinn an airgid ach aig an sgiobair a-mhàin agus aig Levy fhéin a bha ’na chois air bòrd, ach, mar a shùilicheadh duine, is an t-uallach a bh’air, cha robh iad fada bho thìr an uair a leig e ris do’n mhate mu dheidhinn ach dh’àithn e dha gun innse do mhac màthar agus a shùil a chumail air toll na soithich. Mar a thurchair ’se an còcaire Frangach, Gautiez, a bha an còmhnuidh air faire còmhla ris a’ mhate is nach ann a dh’innis am mate Heamon dha sgeul an ionmhais a bha air bòrd is bho’n mhionaid sin cha robh inntinn a’ chealgaire seo aig fois. Lean e air druim a’ mhate gus an tug e an dara taobh e ann an cuilbheartan a chuireadh ás do’n sgiobair agus Levy is gun roinneadh iad an uairsin an t-airgead eatorra. An uair a bha chuim aca deis chuir iad an comhairle ris a’ chòrr de’n sgioba ach cealgach is mar a bha iad cha robh iad air a shon idir — co dhiùbh cha robh iad airson gum biodh iad air am filleadh a-steach sa’ chùis. Mhothaich am Frangach gu robh a chuid bu mhotha aca maoth-bhlàth ach a-mhain MacPhàdruig a thug sgollaich de’n teanga dhoibh is a thuirt riutha nach biodh cuid no gnothach aige ris a leithid a ghnìomh. Dh’fheumadh an sùil a bhith air MacPhàdruig. Thug na cealgairean oidhche no dhà a’ seulachadh na cùise gus mu dheireadh an tug iad a chreidse orra fhéin nach robh rian nach deidheadh leotha, is nach robh bhuapa nis ach feitheamh na mionaid anns am biodh cùisean fàbharach agus a bhiodh am bàta fada bho thìr.
Thàinig an dearbh mhionaid seo mu dheireadh thall air oidhche uaignich. Bha iad cóig latha seòlaidh a-mach anns a’ Chuan a Siar. B’e MacPhàdruig a bh’air a’ chuibhle is bha an sgiobair agus Levy air a dhol a chadal. Ghlas am Frangach na h-Albannaich ’nan seòmar is le gunna frasach loisg e air an sgiobair is Levy ’nan leapannan is mharbh e iad gun chrith. Aig a’ cheart àm leum am mate air MacPhàdruig bho chùlaibh is mhort e e le slacan fiodha. Thilg iad an
Chun an seo bha cùisean air a dhol leotha ro mhath. Bha an sgiobair is Levy is an aon-duine coguiseach roimh an robh eagal aca ann an grùnnd a’ chuain is chan iarradh na bh’air fhàgail móran slìbidh gus an toirt an dàrna taobh an uair a chitheadh iad na bha stòras aca gu roinn a-measg a chéile. Mar sin leig iad mu sgaoil an fheadhainn a bha glaiste, is ghabh am mate ùghdarras a’ bhàta. Chuir iad am bàta mun cuairt is rinn iad cùrsa air na h-Eileanan an Iar.
B’e chiad chala bhuail iad Bàgh-a’ -Chaisteil ann am Barraidh. Chaidh am mate air tìr fo ainm Caiptean Rodgers agus cheannaich e leasachadh bìdh agus te de na h-eathraichean móra fosgailte a bh’aig na Barraich ag iasgach an sgadain is an langa, is a sin sheòl iad suas an Cuan Sgìth. B’e bha ’nam beachd, am bàta chur ás an rathad an uair a gheibheadh iad a-mach á fradharc fearainn is a-steach do’n Mhaoil. Thòisich an t-ullachadh airson na h-ama sin. Cha robh mìr canabhais air bòrd — eadhon na siùil — nach deach a shracadh ach am biodh pocannan gu leòr aca anns an cuireadh iad na dolairean Spàinteach a bha sna tocsaidean móra an toll na soithich.
A-muigh sa’ Mhaoil chaidh an t-eathar a chur air bhog is a lionadh le na pocannan airgid is beagan bìdh is mus do chrom iad fhéin innte, tholl iad am bàta ann an grunn àiteachan ach an deidheadh i fodha.
B’e am Frangach a dhealbh o thùs an innleachd ris an robh iad a’ cumail agus b’e bha’n dùil nan seòd gun iomaireadh iad tarsainn a’ Mhaoil gus am buaileadh iad oirthir na h-Albann is gun deanadh iad an slighe fhéin á sin. Ach tha sruthan a’ Mhaoil camagach, meallta, is ’se a thachair gun deach an ruagadh sìos fearann nan Loch ann an Leódhas is cha do stad iad gus na bhuail iad tìr ann am Bogha nam Bodach ann an Suardail. Cha b’e sruth mara ’na aonar a bh’aig an luchd-foill ri cothachadh ris a-nis. Cha deach am bàta fodha na bu mhotha; ged a ghabh i muir is gu robh i sìos mu’n deireadh, lean i iad tarsainn a’ Mhaoil, a-steach do’n Loch a Tuath gus an deach i air tìr an Tolastadh.
Bha croit no dhà ann an Suardail aig an àm ach bha a’ chuid bu mhò de’n talamh àitich ’na thaca fo thuathanachas bantraich, a’
Chuir an taigh-chuspainn dithis sìos, Ruairidh MacIomhair agus an cléireach aige Coinneach MacChoinnich a bha pòsda aig te de chlann-nighean na taca. Cheasnaich iad an sgioba is cha do chuir iad teagamh sam bith anns an fhianais a thug iad, is bha iad riaraichte nach b’e cùiltearan uisge-beatha a bh’annta co dhiùbh. Thill iad air ais a Steòrnabhagh mu chóig mìle astar air falbh, ach cha robh iad air a dhol glé fhada air an t-slighe an uair a rug an gille-bìdh òg orra is anail ’na uchd. Dh’iarr e orra gu dùrachdach a dhìon bho’n sgioba is dh’innis e dhoibh facal air an fhacal mar a bha air tachairt bho chaidh iad gu muir. Cha robh iad fada ann an uair a thàinig am mate agus am Frangach. Rug iad le anmuinn air a’ bhalach is rinn iad sgeula bhriagha, bhreugach air mar a bha e air a dhol far a chinn, ach dhiùlt MacIomhair an gille thoirt dhoibh is thug iad leotha e suas am baile.
La-arna-mhàireach chuir an taigh-chuspainn còmhlan fhear sìos a Shuardail le spaidean. Chladhaich iad sa’ ghainmhich, fhuair iad an t-ionmhas is chaidh an sgioba a chur an gréim. Chaidh an t-airgead a thoirt suas chun an taca is an ath latha dh’fhalbh na cairtean leis suas a Steòrnabhagh. Chan fhacas chun an siud fhéin is tha e iongantach gum faic tuilleadh anns an eilean againn sealladh cho iongantach ri seo, cairtean lomalàn airgid air an rathad a Steòrnabhagh is cha robh duine cuagach a ghluaiseadh le bat’ aige mar a bha san òran nach robh muigh a’ faicinn an t-seallaidh. Cha robh an t-ionmhas idir cho coimhlionta a’ ruighinn an taigh-chuspainn is a bha e a’ tighinn á gainmheach Bogha nam Bodach.
Chaidh an sgioba a chàireadh ann an taigh-òsda a’ Mol-a- Deas le maor-sìthe gan cumail am braighdeanas gus an tigeadh an siorraidh, Iain MacChoinnich, á Sìldig an Geàrrloch.
Lean a’ chùirt iomadach latha. Leig am Frangach, Gautiez, air nach robh smid Beurla aige, agus e an dùil nach biodh duine air eilean cho iomallach a bhruidhneadh an cànain aigesan, ach fhuair e bioran. Thurchair gun robh fear Seumas Reid anns an taigh-chuspainn air a bhith ann an Canada ìochdrach airson grunn bhliadhnachan is bhruidhneadh e am Frangais cho fileanta ris fhéin.
Chaidh aithris na cùirte a chur gu prìomh fhear-lagha na h-Albann an Dun-Eideann is chuir esan bàta beag a dh’iarraidh an sgioba is an t-airgead is thug i leotha iad le chéile gu Lìte.
Aig an àrd-chùirt an Dun-Eideann chaidh an sgioba gu léir fhiachainn airson an aramach-mara bha seo agus mort nan triùir nach do thill, ach thionndaidh iad gu léir air a’ mhate is air am Frangach, ag agairt gur iadsan an dithis bu choireach ris na thachair is nach robh gnothach sam bith acasan ris, ach gun tàinig orra a dhol leotha. Cha robh rian dol ás a-nis aig a’ mhate agus am Frangach is chaidh an dìteadh agus an crochadh air cladach Lìte airson a’ ghnìomh oillteil a rinn iad.
Ach is olc a’ ghaoth nach séid an seòl chuid-eigin. Thug boireannaich Tholastaidh iomadh ionnsaigh suas a Steòrnabhagh le cléibh làn de leacan céir a bhiodh iad a’ reic air feadh a’ bhaile, agus bha dolairean Spàinnteach gu leòr a’ togail ceann an Steòrnabhagh airson iomadach bliadhna an deidh seo: aig aon àm bha iad cho pailt is gum faigheadh duine iad gu cumanta ann an iomlaid. B’fhiach iad trì is sia sgilinn an uairsin o chionn ceud gu leth bliadhna air ais ach dé b’fhiach iad an diugh nam biodh duine air a bhith cho geur-shuileach ’s a bhi air an tasgadh seachad do’n fheadhainn a thigeadh ás an deidh? Ach is math dh’fhaoidte gu bheil e anns an fhreasdal mar anns an lagh nach deanar prothaid ás an olc.
title | Bogha nam Bodach |
internal date | 1977.0 |
display date | 1977 |
publication date | 1977 |
level | |
reference template | Iain MacArtair in Gairm 98 %p |
parent text | Gairm 98 |