Roimh-radh
An 1968 chuir am B.B. C. an Alba air chois co-fharpais air son sgeulachd ghoirid an Gàidhlig. Fhuaireadh mu dhà fhichead oidhirp uile gu léir, agus mheasadh mu fhichead dhiubh sin airidh air éisdeachd air an réidio. Anns an leabhar seo, gheibhear “Briseadh na Cloiche,” an sgeulachd a choisinn a’ cheud duais, agus deich eile dhe na sgeulachdan a sgrìobhadh air son na co-fharpais. Chan fheumar a thuigsinn gur iad na deich sin a b’fheàrr am beachd nam britheamhan: chan eil annta ach taghadh pearsanta, a’ nochdadh caochladh gnè is cuspair.
’Se an sgeulachd ghoirid am meadhon-rosg as torraiche a th’againn an Gàidhlig, ’s chan eil sin do-thuigsinn. Ged a bhiodh sgrìobhaichean againn aig an robh an t-alt air nobhail a dheilbh— ’s chan eil fhios a bheil móran dhiubh sin ann—gu ruige seo bha a’ chosgais co-cheangailte ri leithid a leabhar a chur a-mach ’na bhacadh nach bu bheag, gun luaidh air bacaidhean eile. Ach bha am B.B. C. agus na h-irisean—Gairm gu sònraichte—a’ toirt na h-uiread a chothrom do na sgeulachdan goirid, agus tha grunnan sgrìobhaichean Gàidhlig ann a th’air ainm a dheanamh dhaibh fhéin leis a’ mheadhon-sgrìobhaidh seo. Tha feadhainn aca a’ togail ceann ’san leabhar seo, agus còmhla riutha tha feadhainn eile nach cualas agus nach fhacas annas an làimhe cho tric.
Tha sgeulachd ghoirid a’ ciallachadh cruthachadh de ghnè sònraichte, ’s chan e sgeulachd sam bith nach eil ro fhada, cleas feadhainn dhe na sgeulachdan a bhiodh aig na seann seanchaidhean. A thaobh sgeulachdan nan seanchaidh, ’se mar bu trice bha ’san fheadhainn fhada eachdraidhean agus ’san fheadhainn ghoirid naidheachdan. Ann an sgeulachd ghoirid, tha barrachd air iarraidh na dìreach freagairt dhan a’ cheist: “Dé thachair?” Chan e mhàin dé thachair( ’s uaireannan cha bhi móran idir a’ tachairt) a tha fainear dhan an sgrìobhaiche innse, ach gu sònraichte foillseachadh a dheanamh air suidheachadh.
Bha e uair-eigin glé fhasanta sgeulachd ghoirid a sgrìobhadh a bha cur car annasach air choir-eigin dhith aig an deireadh, ’s bha a buaidh gu mór an crochadh air a’ chlisgeadh a bha an car seo toirt air an leughadair. Anns a’ chruinneachadh seo, tha “Sin Mar a Tha” agus gu ìre nas lugha “An t-Ogha” agus “Mary Kate” an earbsa ri foillseachadh gun dùil aig an deireadh, ach ’se as prìomh chuspair dha na sgeulachdan air fad sealladh air choir-eigin air an duine fa chomhair a cho-chreutair no fa chomhair a shuidheachadh fhéin. Tha dà sgeulachd, “Am Fear a Thainig air Tìr” agus “Faoileann,” a’ tighinn air cuspair a gheibhear gu tric an litreachas an là diugh—an coigreach, an duine coimheach, an duine bho’n leth a-muigh a’ briseadh a-steach air daoine, ’s a’ cur dragh orra, ’s a’ bagairt bunaitean am beatha a chur air chrith. Tha “Ozymandias” cus nas samhlachaile buileach. Air son a’ Chluaisean, ’se th’ann creutair air leth—creutair ’na dhà leth.
Co-dhiùbh bhios car ’na h-earball no nach bi, feumaidh sgeulachd ghoirid greimeachadh bho toiseach, agus tha sin gu sònraichte fìor mu sgeulachd réidio, far nach eil, ’sa chiad dol a-mach, cothrom leughaidh no ath-leughaidh ann, dìreach éisdeachd a-mhàin. Feumaidh an sgeulachd ghoirid cuimseachadh air aon sealladh far am faod an nobhail iomadh sealladh fhighe a-steach dhan a’ phàtran. (A réir na beachd seo, faodar a radh gu bheil cnàmhan nobhail ’san sgeulachd, “Am Fear a Thainig air Tìr” ). Chan fhaod cus dhaoine bhith innte, no co-dhiùbh feumaidh aon neach seasamh a-mach bho chàch, air neo bithidh i uile gu léir ro sgaoilte ’s bàsaichidh i leis an laige. Feumaidh i thighinn gu àirde air choir-eigin, agus crìochnachadh gu ceart.
Chithear cho ealanta ’s a tha “Briseadh na Cloiche” a’ freagairt na cùise. Tha i cuimseachadh air aon duine aig aon àm sònraichte—dìreach beagan mhionaidean uile gu léir. Ach anns na mionaidean eagalach sin tha sinn a’ faighinn sealladh air sgrìob mhath de bheatha an duine, a’ faighinn deagh eòlas air fhéin ’s air a bhean ’s air an dàimh a th’eadar e fhéin ’s a bhean, ged as gann gu bheil a bhean a’ nochdadh idir.
A bharrachd air cruth is cumadh, feumaidh sgeulachd a modh-sgrìobhaidh fhéin a bhith aice, modh-sgrìobhaidh a fhreagras air
a gnè. ’S ma bhios daoine a’ labhairt innte, feumaidh an dòigh-labhairt a bhith freagarrach dhaibh—feumaidh an t-ùghdar an cluinntinn a’ bruidhinn. Tha caochladh mhodh-sgrìobhaidh anns na sgeulachdan seo, agus a thaobh dòigh-labhairt, saoilidh mi gu bheil na sgeulachdan Leódhasach gu sònraichte sgileil ann a bhith togail ’s a’ cleachdadh cainnt nan daoine.
Tha mi ’n dòchas gun cuir an fheadhainn nach cuala na sgeulachdan seo air an réidio fàilt orra air pàipear, agus nach misde iadsan a chual iad coinneachadh riutha a rithist. Ann a bhith ’gan deasachadh air son a’ chlò, rinneadh beagan sgioblachaidh air litreachadh an siod ’s an seo, ach dh’fhiachadh ri dual-chainnt gach sgrìobhaiche a ghleidheadh mar a bha i. Ma fhuair gin aca mì-cheartas, ’s ann orm-sa tha a’ choire.
COINNEACH D. MACDHOMHNAILL.
title | Roimh-radh |
writers | Kenneth Donald MacDonald |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |