[70]

Faoileann

Le AONGHAS MACNEACAIL

Dhfhàg aiseag laimrig, agus os a ceann bha gileadga leantainn air sgiath, gilead a bha amagadh smuaintean an t-sluaigh air bòrd, nach urrainn siubhal ach far an giùlain an t-aiseag iad. Gun bhacadh, gun taod, bha aghilead saor gu siubhal far an togradh i.

* * *

Dithis acoiseachd ris achladach; òganach is a rùn, Aonghas agus Mairearad, leannain; dùrdan achuain fharsuingnan cluas: tha iad air an cuairteachadh le callaid aghaoil, ach am prìosanach is co an gainntiriche? Tha nithean nach tuig iadgan tarruing teann ri cheile, esan a bha adol a sheòladh cuantanna mharaiche gu crìoch a làithean, ise a bha gu bhithna banaltrum do luchd easlainte an t-saoghail. Tha iad ceangailte ri chéile, ach tha iad saor den t-saoghal. Gun cheist.

* * *

Triùir mhnathan acoinneachadh air an drochaid, air feasgar àluinn sàmhraidh; dithis dhiubh air an rathad dhachaigh bhon choinneamh-cheist. Rinn iad còmhradh air an t-sìde is air gach gearan beag a bha aca.

Thubhairt Sibeal, “Tha mi acreidsinn gu bheil an saoghal asìor thuiteam ann an slochd dorchadais; peacadh is aindiadhachd anns gach ceàrn. Tha gnùis an Diabhaill fhéin soilleir ann an dòighean an t-sluaigh. Pròis agus strìopachas. Aig an Tighearna fhéin a tha fios ciamar a thig gnothaichean gu ceann. ’S math gu bheil Maighistir MacKenzie againn. ’Se theagasg a tha deanamh feum dhomh a-measg truailleachd na linne so. ’S e thug an rabhadh a-nochd don fheadhainn nach lean ceum na fìrinn. Thug e móran faothachadh do minntinn ged a tha gràs Dhégam bheannachadh


[71]

co dhiubh, ’s mi pòsda ri fear dhe fhoirfich a bha riamh dìreach, ann aseirbhis an Athar.” Ach cha tubhairt i dhe so ris an dithis eile.

Thubhairt Griseal, “Tha mi an dòchas gun éirich sìol, air an dùsgadh le fìrinn aChruthaidhear, ’s gu sgap iad an fhìrinn bheannaichte air feadh an t-saoghails gu sguir an ùpraids an dannsa ud a tha tarruing inntinn an òigridh air falbh bho ghnùis Chriosd. Tha latha Bhreitheanais mar coinneamh, agus feumaidh daoine bhith deasaichte. Nach e Maighistir MacKenzie bha fìor-mhath a nochd. Teagasg binn. Teagasg binn. Thug e móran comhurtachd dhomh. Co aige tha fios càit am bi sinn man àm son ath bhliadhna. Cha chuala mi riamhnam bheatha ùrnaigh cho freagarrach, ’san àm mi-nàdurra so, ris an a thug Domhnall Crùbach a-nochd. Tha Sibeal glé fhortanach gu bheil leithid de dhuine aice. Bithidh mi an dochas gum faigh mo Mhurchadh fhein gràs fhathasd.” Ach cha do labhair i aon fhacal dhe so ris an dithis eile.

Thubhairt Raonaid, “Be mo mhiann-sa gu sileadh gràdh air gach neachs an domhann, gum bitheadh slàint agus saorsainn aig gach duine; a h-uile neach gun èolas air cionnta is dragh; ma tha coigreach an rathad gum faigh e furan fial. ’S e mo mhiann do gach neach a bhith sona, gun eagal, gun imcheist. Co meud anns an t-saoghal dam burrainn sinn na nithean sin uile a ghealltainn.” Ged nach do bhrist aon de na faclan ud a mach ás a h-inntinn, bha iad daonnan soilleirna h-aodann. ’Nuair a dhfhàg Raonaid iad, chagair aon de na Chiosdaidhean ris an eile—“ ’S ann dìolain a rugadh ise.”

* * *

Ceithir bodaich acrac ri cheile aig geata achlaidh. Tha na craobhan iubhar aig cùl abhalla toirt fasgadh dhaibh bhon ghaoth ear-thuath, ged a tha na meangan afàs lom, is an duilleach ruadh ag iomain gu h-aotrom gu talamh mun cuairt orra.

CALUM: e?

FEARCHAR: Co ás a thainig e?

MURCHADH: Càit a bheil e nis?

DOMHNULL CRUBACH: ?


[72]

CALUM: Am faca sibh e?

FEARCHAR: Am faca duine sam bith e?

MURCHADH: Chunnaic Dàidh e.

(Be Dàidh am mac a boige aig abhàillidh).

DOMHNULL CRUBACH: ?

CALUM: Co ris a tha e coltach?

FEARCHAR: Den aois a tha e?

MURCHADH: Bheil e sean?

DOMHNULL CRUBACH: Co air a tha sibh abruidheann?

CALUM: Chunnaic Seòras làrach teine bhon Chreag Ard.

(Seòras an treas mac aig abhàillidh).

FEARCHAR: Am faca?

MURCHADH: Cuin?

DOMHNULL CRUBACH: Co air a tha sibh ... ?

CALUM: Bha faoileann ris an teine.

FEARCHAR: Faoileann?

MURCHADH: Robh sgeul air-san?

DOMHNULL CRUBACH: ?

CALUM: Bheil a leis fhéin, eil fios?

FEARCHAR: Thubhairt Pàdruig gu bheil an fhaoileann air teadhair aige.

(Se Pàdruig, dara mac abhàillidh).

MURCHADH: Càite bheil e fuireach? Tha fios nach ann air an raon?

DOMHNULL CRUBACH: ? ? Nach innis sibh, an ainm an ... ?

(Tha fear atighinn gu tuisleach a nuas an rathad gan ionnsaidh).

CALUM: Ach tha sud?

FEARCHAR: Nach ann air than coltas.

MURCHADH: Tha ega dhalladh!

DOMHNULL CRUBACH: Anndra! ’Se Anndra a thann.

(Tha sùim mhór aig abhàillidh do nàiseantachd is naoimh-dùthcha, bhon bha esan fhreiceadan aig Buckingham Palace. Se Anndra an gille bu shine aige. Tha egan ruigheachd).

CALUM: Càit an robh thu an diugh, Anndra? Chan eil féill ann?

FEARCHAR Nach tu ghabh an smùid, Anndra?

MURCHADH: chanas abhean, ’ille, nuair a ruigeas tu dhachaidh?


[73]

DOMHNULL CRUBACH: Isd sibh, isd sibh le ar magadh. Mas e an deoch a tha air, chan e cùis magaidh a thann. (Tha e air stad mun coinneamh, afulaisg mar thriallaire fann. Chan urrainn dha bruidhinn airson mionaid na dhà. An sin tha na faclan adòrtadh as a bheul, gagach, tuilteach).

ANNDRA: An deoch? Chan eil an deoch ormsa. Chunnaic mi, chunnaic mi e, bha e bhon (gabhail anail) bhon Chreag Ardga gharadh fhéin ri teine nuair a chaidh mi mach agus faoileann ri thaobh air teadhair, falt fraochail dearg is feusag mhór (anail a rithis) mar lasraichean borba còmhdachadh aodainn; chan fhac e mi air an rathad a-machsann nuair a bha mi tilleadh bhon àiridh a chunnaic e mi (anail) bha ena shìneadh ann am pocadearg ris an teine— ’s an fhaoileann ri thaobh air teadhairsheall e orm is thubhairt ebha shùilean dubhthubhairt ele guth sgairteach, “Is mis athair do pheacadh!” ... ’Sen Donas fhéin a thann!

DOMHNULL CRUBACH: A dhuine bhochd, a dhuine bhochd.

MURCHADH: Bheil thu cinnteach gur e sin a thubhairt e?

FEARCHAR: An tàinig e as do dhéidh?

ANNDRA: Chan eil fios agam. Theich mi. Gu s urrainn dhuinn a dheanamh?

DOMHNULL CRUBACH: ’S ann aig an Tighearna tha fios.

CALUM: Chan eil fhios bha e ciallachadh?

* * *

Cailleachga garadh fhéin ri teine mòine, acrith le fuachd na smuaintean a tha aruith troimh a h-inntinn. “Carson a tha iad adeanamh sin? Carson a tha iad adol chun na gealaich? Bheil thu fhéin asmaoineachadh gum bu chòir dhaibh…? Nach eil fios aca gun do chruthaich Dia an talamhs na speurans na h-uile ni tha unnta ann an sia latha. De tha iad asmaoineachadh a gheibh iad a-mach ma ruigeas iadghealach? Cha dean e feum sam bith dhaibh. Co às a tha iad asmaoineachadh a thainig aghealach. Cha dean e feum sam bith dhaibh. Cha dean e feum sam bith dhaibh. Cha dean. tha anns aghealach is aghrians na reultan ach soluis a tha dol mun cuairt an talamh, toirt soilleireachadh dhuinn. Sin a tha anns aBhìobull. Tha am Bìobull ag ìnnse dhuinn.”


[74]

Tha an saoghal nas sine na tha sibh asmaoineachadh, a sheanmhair, agus is esan a tha cuairteachadh na gréine. ’S chan eil anns aghrian ach reul i fhéin a-measg muilleanan de rionnagan eile.”

Chan eil fhiosam. Chan eil mise tuigsinn foghlum an lathan diugh. An dfhuair iad sealladh air an duine uamhasach ud air amhonadh? Bfheàrr leam gu falbhadh e. Tha fios gu bheil e fuar anns an aimsir so. Thubhairt fear an TV gu bheil sneachd air an rathad.”

* * *

Thàinig ùr-fhàs air na craobhan is air an raon: bha lus a chrom-chinn adannsa gu bragail anns gach gàradh. Cha do thill Aonghas is Mairearad gu oir achladaich. Bha ise ann an tigh piuthar a màthar, air taobh an ear na dùthaich, far nach robh eòlaich eile aig am biodh fios gu robh i trom le leanabh. Thog esan air gu muir dhomhain fo òrduchadh athair, Domhnull Crùbach. Chaochail a sheanmhair goirid an déidh na bliadhn ùire, ag aideachadh aig achrìoch gu robh i afaicinn taobh thall na gealaich. Anns abhaile bheag bha moran gearain a-measg an t-sluaigh gu robh an duine grànda ud mu sgaoil fhathasd. Bha e ri fhaicinn bho uair gu uair asiubhal amhonaidh. Aig toiseach aGhiblinn, rinn na fir deasachadh airson sealg, le maidean troma, gobhlagan, spealan agus aon ghunna. Mu dheireadh rinn iad air amhonadh, còrr is fhichead dhiubh. Nan tigeadh tubaist air aon bha iad gu bhith cinnteach gum bitheadh feadhainn eile ann a bheireadh cuideachadh dha.

Aig toiseach agheamhraidh, bha iad cinnteach gum be an Diabhol fhein a bha afeall-fholach fon Chreag Ard. Ach leis nach tàinig duine sam bith gu cron bho a làimh air fad oidhcheannan dorcha agheamhraidh, bheachdaich iad mu dheireadh gur ann leis an t-saoghal so fhéin a bha e. An sin smaoinich iad gur e cionntach air teicheadh a bhann. Ghlacadh iadsan e.

Ràinig iad aChreag Ard ach cha robh sgeul air an fhear charach. Thionndaidh cuid chun na coille a bha eadar aChreag Ard agus bruaich na h-aibhne, is thog an còrr orra suas don bheinn, asgapadh a-mach. Cha do mhair an rannsachadh fada.


[75]

Thainig achuid a chaidh sìos air bùth caolach air oir na coille. Dheubh iad air an companaich. Nuair a bha iad cruinnichte mun cuairt, nochd an coigreach a-mach ás abhùth. Bha iad lìonta le fiamh is teagamh. Cha robh iad a nis cho cinnteach gur e prìosanach mu sgaoil a bhann. Mar be an Diabhol fhein, dhfhaodadh gur e buidseach a bhann, ’s cha robh sin móran na bfhearr. Chaill iad an treunachas. Bhruidhinn e.

Tha mi afaicinn gu bheil mo làthair an so acur dragh oirbh.”

thu?” So Domhnull Crùbach.

FEARCHAR: “Agus tha thu deanamh an so?”

Co ás a thainig thu?” Cha robh Calum gu bhith sàmhach.

Cha tubhairt Murchadh guth, oir cha robh enam measg. Dhfhuirich esan aig dachaigh, agearain drùim goirt, ach cha do chòrd gnothaichean ris nuair a chunnaic e na bha aca de airm.

Ceistean, ceistean, fhearaibh. Nach sibh a tha air a dhol gu ceistean. Cha robh leithid de cheistean riamhsa bhaile so nuair bha mise nam leanabh. Tha sibh afoighneachd mi. Innsidh mi dhuibh. Rugadh minur measg, ged nach aithnich sibh mi. Tha iomadh aimsir seachad bhon chaill mi an t-ainm a thug mo mhàthair dhomh. Thuit e dhìom mar sheann chòta. Freagairidh mi ri Mac na Mara a nis. Sgiùrs sibh mo mhàthair air falbh bho chionn iomadh bliadhnanuair a dhfhàs sibh sgìth dhithged a bha cuid dhibh glé eòlach oirre. Bha piuthar agam cuideachdleth-phiuthar bu chòir dhomh a ràdh.”

Thainig tuigse gu fear na dhà.

“ ’Se breugan tha agad,” labhair Domhnull Crùbach. Shìn Anndra a-null gu Calum is bha cagarsaich eatorra. “Seadh,” arsa Calum, “agus carson a thubhairt thu ri Anndra bochd gur tusa athair a pheacadh nuair a chunnaic thu an uiridh e?” Rinn an coigreach gaìre. “Cha mhise Mephistopheles idir. ’S e thubhairt mi ris gu robh sinnn ar bràithrean fon pheacadh (ged nach eil sinn càirdeach). ’Nur measg tha feadhainngam thuigsinn. Nach mi chuir aghaoth fo na h-itean agaibh. Na bitheadh eagal oirbh, tha mi afalbh a dhaithghearr.”

Carson a bha faoileann agad air teadhair?”

De rinn thu rithe?” thug fear eile an dara ceist dha. “Bha i


[76]

ciùrrta, le peilear anns an sgiath. Dhaltruim agus leighis mis i, ’s nuair a bha i slàn, thug mi saorsnachd dhith a rithis.”

An e buidseach a bhann? Cha robh na balaich òga cinnteach. Ach is tric a thuigeas athair nach amais a mhac air. Fhuair Mac na Mara freagairt bho Dhomhnull Crùbach, foirfeach na h-eaglais, oir dhaithnich an Criosdaidh bha ma choinneamh.

Breugan. Mharbh thu i.” ’S e breugan a bfhearr leis achluinneil aig an am ud.

Tha móran fìrinn nach do dhinnis mi fhathasd.”

Cha chluinn sinn fìrinn bhuaithe gu bràth,” dheubh am foirfeach, “ach breugan buidsich!”

“ ’Se breugan a thaige,” agusBuidseachagus a rithis, “Murtair,” dheubh iad uile.

Thug Domhnull Crùbach buille air le maide trom agus leighis achas a bha crùbach bho chionn iomadh bliadhna. Bha a h-uile gleadhar atoirt neart is slàinte dha. Dhfheuch fear eile air achoigreach le gòbhlag. Thuit na buillean air gu grad, cruaidh, ’s bha deargadh ann an sùil gach fear.

Buidseach!” ghlaodh iad. Bha deargadh air an raon.

Murtair!” dheubh iad.

Sgaoil an deargadh a-measg meangan nan craobh. Dhfhàs na spéuran dearg agus bha an saoghal dearg gu léir. Dhéirich sgòthan dorcha bho oirean an t-saoghail gus an do dhubhaich iad na h-iarmailtean air fad, agus bha an saoghal dorcha.

An ceann uine mhór, nuair a thill soillearachadh, thill fir abhaile dhachaigh, le ceuman slaodach sgìtheach.

* * *

Dhéirich i bho oir na mara, adearrsadh saghréinna beannag shocair shneachdail. Dhìrich i don adhar gus an robh i na bàirde na na sgòthan. Dhìrich i mar gum bitheadh i aleantainn slighe Icaruis, gus an dràinig i dorus na gréine. Chaidh i a-mach á sealladh.

titleFaoileann
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
parent textBriseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile
<< please select a word
<< please select a page