An t-Ogha
Le EILIDH WATT
Bha Catriona ’na suidhe aig an uinneig a’ feitheamh mar a bu tric a shuidh i a’ feitheamh ri Mórag. Chan fhaiceadh i Mórag tuilleadh a’ tighinn ’na ruith a’ coimhead chun na h-uinneig agus a’ smèideadh rithe. Ach an diugh bha an t-ogha gille a’ tighinn—an t-ogha nach fhaca i fhathast—an t-ogha ris an robh i nis a’ feitheamh.
Thug Catriona sùil air an uaireadair, agus sùil mun cuairt, ged bha fios aice gun robh gach ni réidh, oir bha sùil aice ri athair an leanaibh cuideachd, an duine a thagh Mórag, an duine nach fhaca ise riamh, ged nach robh iad ach a’ fuireach ann an Lunnainn. Cha robh esan—Ally mun tuirt Mórag fhéin—a’ dol a dh’fhuireach còmhla rithe—ach bha e dol a chur seachad na h-oidhche ann an tigh Mór, a peathar. Bha ise air a bhith glé thoilichte leabaidh a dhèanadh deiseil air a shon ach bha Mór agus Màiri an nighean aice de’n bheachd gum b’ fheàrr dha fuireach còmhla riutha fhéin.
Cha robh i a’ tuigsinn Mór air uairean, ged a bha iad cho dlùth is a b’ urrainn peathraichean a bhith. Shaoil i gum b’ ann mu àm pòsadh Mórag a thàinig an sgoltadh eadorra. Saoil an robh i eudmhor nach do phòs Màiri aice fhéin Ally, oir chan e mhàin gum b’e dotair sgileil a bh’ ann an Ally ach bha e beartach. Cha robh uireasbhuidh air Mórag bho’n a phòs i, agus chan e sin a mhàin, ach bha gach goireas aig Catriona a cheannaicheadh airgiod agus a thairgeadh gràdh agus dleasdanas dhi.
Theagamh gum b’e eud a bha a’ bioradh Mór oir nuair a thigeadh i thairis air ainm Ally is ann a bha i mar gun robh balgam fala na beul. Ach cha robh Màiri mar sin idir. Bha Màiri cho dàimheil is a bha i riamh. B’e na co-aoisean a bh’ann an Mórag agus ann am Màiri. Chaidh iad chun an sgoil cuideachd, agus dh’ionnsaich iad a bhith ’nam mnathan-altruim anns an
Royal ann an Glaschu ri taobh a chéile. Dòcha gun robh Mór am beachd gun robh Ally Bàn, a bha cho buidhe bàn is a bha Mórag fhéin air son Mórag a phòsadh. Ach clann nam peathraichean, cha robh aice fhéin air a leithid. Ach mhothaich Catriona gun do stad Mór air a bhith ag éigheach Ally air Alasdair Bàn. Ach ged a bha Mór a’ toirt dha an t-ainm anns an deachaidh a bhaisteadh is e Ally Bàn a bha aig an sgìre air agus ciod e an cron a bh’ann.
Ged a chuala Catriona gu leòr mu dheidhinn Ally aig Mórag chan fhaca i riamh e. Cha robh i fiù is aig a’ bhanais oir bha an t-slighe fada agus an tìde fuar agus cha robh Mórag a’ toirt cuiridh ach do fhìor eòlaich. Gheall i dealbhan a chuir thuice agus gu dearbh rinn Mórag sin: Mórag air a sgeadachadh gu rìomhach a’ dol chun an taxi; Mórag aig an airport; Mórag agus Màiri cuideachd, Mórag agus a toileachas-inntinn a’ dealradh ’na gnùis. An uair ud cha robh caoidh aig Catriona chionn is nach robh i a’ faicinn Ally oir bha Mórag fhéin na bu dlùithe na bha i riamh roimhe, agus, mar a thuirt Mórag uair ’s i ga ceasnachadh, “Ma ’s e Ally a tha gabhail an dealbh chan urrainn da bhith air an dealbh, agus mar a tha fios agaibh chan eil mise ro mhath air an obair sin co-dhiùbh.”
Agus gu dearbh bha an fhìrinn aig Mórag oir thachair uair gun do thog Catriona dealbh far an robh Màiri agus Ally cuideachd agus is e thuirt Catriona— “Ach, o Mhórag, chan e Ally a tha’n so. Tha e cho dubh ri Innseanach. Na gabh dealbh an còrr de’n duine thruagh.” Ghabh Mórag bhuaipe an dealbh agus choimhead i oirre gu dùrachdach, agus an uair sin thuirt i thar a guallainn: “Chì sibh a nis carson nach eil mi a’ gabhail a dhealbh dhuibh. ’Nam shùilean-sa tha e gun choire gun mheang.” Agus fad’s a b’ aithne do Chatriona b’e sin a chliù aig Mórag gus an do ragaich am bàs a teanga.
A chionn is gum b’e dotair sgileil a bh’ann is iomadh fiathachadh a fhuair e a dhol a dh’Aimeireaga na a dhùthaichean céin eile. Uair a rachadh Mórag còmhla ris, agus uair a thigeadh i dhachaigh a choimhead a màthar. Ach bu bhliadhna leatha gach latha a bha ’ga dealachadh bho Ally.
Agus a nis chitheadh Catriona Mór, a piuthair, a’ deànamh air an tigh. Có bu choibhneile na Mór mur b’e Màiri a nighean? Bha
Thàinig Mór a-stigh agus chuir i fàilte air Catriona, ach an àite suidhe bha i a-null agus a-nall ag atharrachadh nì òirleach bhuaipe agus an uairsin ’ga atharrachadh leth òirlich thuice.
“Ach a Mhór nach suidh thu mionaid,” arsa Catriona, agus a sùil air an rathad.
Choimhead Mór fo’n t-sùil oirre ach cha do fhreagair i nì, ach ghluais i an t-uaireadair leth na h-òirlich ás àite. Thionndaidh Catriona ris an rathad far am faiceadh i a cliamhuinn agus a h-ogha, an dithis air an robh i nis a stéidheachadh a beatha.
“Chatriona,” arsa Mór, mar le dearmadachd, “chan fhac thusa Ally riamh?”
“Nach eil fhios agad nach fhaca mise e, Mhór. Ach chan e sin ri radh nach aithne dhomh ciod a’ ghnè dhuine a th’ ann. Nach tric a thuirt Mórag gun robh e gun choire gun mheang. Nach leòr dhomhsa gur e so an duine a thagh Mórag agus gun robh i làn thoilichte. Ach a Mhór, ciod e a’ bhurralaich a tha ort?”
“Eisd rium,” arsa Mór. “Gheall mise nach tigeadh e far m’ anail fhad ’s bu bheò mi. Ach feumaidh mise do chur ’nad robhadh. Is e duine dubh a phòs Mórag. Is e dotair ainmeil a th’ ann. Ach is e duine dubh a th’ ann. Is e Ali is ainm dha is chan e idir Alasdair. Am bheil thu tuigsinn a Chatriona? Duine dubh. Innseanach. Is e duine dubh is athair do’n ogha agad.”
Cha tuirt Catriona guth. Shuidh i gu reòta, balbh. Chan e bruidhinn gun oidheam a bh’ aig Mór. Ach nach ann oirre-se a bha an dalladh. Agus an t-ogha. Co ris an robh an t-ogha coltach?
“Is e duine dubh is athair do’n ogha agad,” arsa Mór.
“Tha Ali gun choire gun mheang ’nam shùilean-sa,” arsa Mórag.
Ach cha b’e dad de sin a thuirt Catriona anns a’ cheann thall nuair a fhuair i cothrom a teanga.
“Tha iad a’ tighinn,” ars’ ise, agus i a’ seasamh air casan ùr, clisbeach.
Thàinig iad. Bha Màiri còmhla ri Ali agus i a’ giùlain an leanabh a-stigh ann an gné do chreathail. Is e Màiri a thuirt—nuair nach do sheall Catriona air an ogha— “Tha e ’na chadal,” agus chuir i a’ chreathail air an ùrlar.
Bha iad a’ bruidhinn a-null agus a-nall ’nam measg fhéin, agus nuair a shealladh Catriona air Ali is e chluinneadh i ach Mórag ag radh— “Duine dubh. Is e duine dubh is athair do’n ogha agad.” Agus shealladh i chun an làir agus chluinneadh i Mórag ag radh— “Tha e gun choire gun mheang ’nam shùilean-sa.”
Agus an uair sin rinn an leanabh ràn gearanach. Cha do sheall neach far an robh e, ach stad an còmhradh. Cha do ghluais neach seach neach g’a ghaolachadh. Shuidh Ali, a cheann crom, agus e a’ pasgadh a làmhan eadar a ghlùinean gus an robh na h-uilt buidhe troimh ’n chraicionn dhonn.
Agus ràin an leanabh, agus cha b’e ràn fathanach a bh’ann.
“Nach dòcha gur fheàrr dhomh a thogail,” arsa Mór, a’ bruidhinn an aghaidh a togairt. “Chan eagal da,” arsa Màiri le beag diù. Cha do ghluais Ali agus cha tuirt Catriona guth. Is e so an t-ogha a bha rucadaich. Is e so an leanabh aig Mórag a bha sìor chaoineadh.
Thog Mór an leanabh. Mór a bha cho seargte, crìon. Ach cha do stad e a’ caoineadh. Is e frobairneach gasda a bh’ann, agus dh’éigh e gu sgairteil a’ crathadh a dha dhòrn. Ged a ghaolaich Mór e cha robh e aig fois.
dh’éirich Catriona agus gabh i bhuaipe an leanabh, dhlùthaich i e gu blàth ri broilleach. Shocraich e a cheann na bu tinne rithe, agus thàinig an crònan a thàlaidh Mórag gu a teanga. Bha e sàmhach. Dh’fhosgail e a bheul gu cruinn agus rinn e mianan. Dhùin e a shùilean a rithist agus leubh Catriona an teachdaireachd: “Bithidh tusa an so nuair a dhùisgeas mi. Caidil, a luaidh, caidil,” arsa Catriona.
“Nach fheàrr dhuit-sa, Ali,” ars’ ise, “cadal fo na cabair far an cadail do mhac.”
Ged a bha an t-ogha ’na chadal, cha do leig Catriona far a gualainn e.
Fad’s a bha an naoidhean a’ neadachadh ri broilleach cha chluinneadh i guth Mórag na guth a peathar, cha chluinneadh i ach an t-ogha a’ tarruing anail gu foiseil sèimh.
title | An t-Ogha |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |