EARRANN 11914–1920
[12]ORAN DO’N CHOGADH
Gur i seo againn a’ bhliadhna
Chuir na ciadan mìle ’n éiginn:
Naoi ciad diag ’s a ceithir diag
Bidh cuimhn’ oirr’ fhad ’s bhios grian ag éirigh.
Is ann air a’ cheathramh là
De August chaidh am blàr seo éigheach—
Cogadh rìoghachdan an t-saoghail,
A’ tarrainn fhaobhar ri chéile.
’S ann Di-Luain a fhuair sinn dearbhadh
Gu robh ’n argumaid air dùsgadh;
Gu robh coltas làithean searbh ann,
Nach robh ainm orr’ ann an cùnntais;
Gu robh Gearmailtich gu cealgach
A’ tigh’nn gu marbhteach dh’ar n-ionnsaigh;
’S nach fheumt’ fuireach ris an anmoch,
Ach glé mhoch ar n-airm a rùsgadh.
Beagan mhionaidean na h-uarach,
Beagan uaireannan a thìde,
Bha sinn deiseil air son gluasad,
’S bu tric smuain tigh’nn oirnn—an till sinn?
Gu robh Gàidheil nam beann fuara,
Mar bu dualach dhaibh o’n sìnnsreadh,
’M fuil ag goil aig meud an uabhair
’N uair a chual’ iad gu robh strì ann.
’N àm bhith dol air bord Di-Ciadain
Bha ’n cianalas oirnn a’ seòladh
Gun dùil ri tilleadh gu siorruidh,
Mar bu mhiannach leinn, gu’r n-eòlas.
’S bu lìonmhor aon bha ’s an fhianuis,
Mun do chrom a’ ghrian Di-Dòmhnaich
A thuit cadal maireann buan air,
’S nach éirich gun gluais sinn còmhla.
Ach ged thuit dhinn àireamh chiadan
Phàigh sinne na fiachan móra:
Air son aon fhir dh’fhàg sinn sianar
’Nan laighe ’s an t-sliabh gun deò annt’.
Ach ged dh’fhàg cha d’fhuair sin dhùinne
Na fir shunndach aotrom òga,
Bha ’nan sìneadh air gach taobh dhinn,
’S nach freagradh a h-aon dhiubh ’n t-òrdan.
O ach fhir a dhùisg an argmaid,
’S beag tha dh’fharmad agam fhéin riut;
Is daor a phàigheas a’ Ghearmailt
Na thuit air Albainn gun éirigh:
Theid ur leagadh sìos le luaidhe
’S leis a’ chruaidh gu ruaigear geur sibh;
Theid ur starradh ’s cha bhi truas ribh
A leth suaraichead ur n-euceairt.
Gu bheil luaidhe, cruaidh is nàmhaid
Romhaibh anns gach àit am bì sibh;
Tha gach aon an dùrachd bàis dhuibh
’S tha a’ bhlàth siod air ur cinn-se.
Tha na Ruiseanaich ’gur smàladh
Is ’gur cur an sàs am prìosan;
’S cha robh guth agaibh ri ràdha
Gun d’ràinig mo chàirdean fhìn sibh.
’N uair a ràinig luchd na Gàidhlig
Cha robh fàbhar ann no sìth dhuibh,
Cha robh dad ann ach ur tàrradh
Is ur cur gu bàs no ’m prìosan.
’N uair a fhuair iad ann an seàirrds ribh,
’S cothrom air an làmh a shìneadh,
Gu robh fuaim na cruaidh ri ’r cnàmhan,
Is iad ’gur casgairt ’nur mìltean.
Ruaig iad sibh ’s cha b’ann dh’ur deòin e,
Ged bha ann dhibh còmhlan làidir;
Bha na mìltean ann leibh còmhla
Le ’n gunnachan mór ’gur smàladh:
’S e na Camshronaich ’gur spòltadh,
Sifoird ’s Gordonaich gu h-àraidh,
Chum do chrùn an diugh, a Sheòrais,
Bho Uilleam ’s bho chòir a làmhan.
Ach bha sinne ann ar n-éiginn
Ag cur feum air luchd na Gàidhlig,
Na diùnlaich ’s na fiùrain threuna,
’S gun ach glé bheag dhiubh ’s an àireamh.
Chaidh am fuadach as an dùthaich
Mar dhaoine gun diù thar sàile,
Dhèanadh cuideachadh ’s an uair leinn,
Anns na làithean truagha thàinig.
Cha dèan cearcan-fraoich no naoisg e,
Tha ’nan laighe ’n aodann fàsaich;
Cha dèan féidh le ’n cabair chaol e;
Cha dèan caoirich mhaola bhàn e.
Cuiribh iadsan fo’n cuid fhaobhar;
Leigibh iad gu aodann nàmhaid,
Fiach an toir iad buaidh ’s a’ Ghearmailt,
Fiach an dearbh iad an làmh-làidir.
’S e dh’fheum’maid an seo ach fìùrain
A bhiodh ionnsaicht’ agus eòlach
Mar a dh’obraicheadh iad fùdar
Is mu’n ghunna stiùireadh dòigheil;
A chaogadh an t-sùil gu gleusda
’S a thogadh an réinns gu seòlta,
Leigeadh peileir caol ’na leum as
Le teine ’na dhéidh ’ga fhògairt.
Nam biodh aig na gillean uasal,
Mar bha uair anns an Roinn Eòrpa,
Cead air gunna ’s cead air luaidhe
’S cead air ruagaireachd na mòintich,
Cha bhiodh na làithean-s’ cho truagh dhuinn,
Cha bhitheadh a’ bhuaidh cho mór oirnn;
Cha bhiodh urad anns an àm dhinn
’S fearann na Frainge ’gar còmhdach.
Ged bha achd na rìoghachd cruaidh oirnn
Cha leig sinn a’ bhuaidh le càch oirr’;
Ma nì gunna caol is luaidh’ e,
Le bèigeileid fhuair ’ga sàthadh;
O cha strìochd sinn fhìn gu siorruidh
Gus an leagar sìos gu làr sinn;
Gheibh sinn bàs ’nar deise rìoghail
’S cha ghabh sinn prìosan o’r nàmhaid.
Tha roinn fhathast de luchd Gàidhlig
Dol dh’an bhlàr, s bidh bhlàth ri innseadh;
Aithnichear ’nan ceum air stràide
Càite ’n d’àraicheadh ’s an tìr iad;
Innsidh sealladh-sùl nan àrmunn
Có thug bainne blàth na cìch dhaibh:
’S ann an Gàidhealtachd nan àrdbheann
A tha màthraichean fo mhìghean.
Sguiridh mise nis de m’ bhàrdachd;
Chan ’eil stàth dhomh bhith ’ga innseadh;
Tha fios agaibh féin mar thà air
Eachdraidh gach blàr tha sgrìobhte;
Có iadsan thug buaidh aig Alma
’S aig geatachan àrd nan Innsean;
’S g’eil fhathast beò de fhriamh nan àrmunn
Na phàigheas a chàin do Chìosar!
title | 1 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |