NAM BITHINN MAR IAN
Nam bithinn mar ian air sgiathan ealamh
A dhèanadh cabhagach leum,
Shiùbhlainn an iar ’s cha dèanainn fantail
’S an t-sliabh na b’fhaide le céinnt.
’N uair ruiginn an cuan gu fuarainn Sasuinn,
Bu shuarach agam i fhéin,
S cha tiginn gu làr gu bràth gu anail
Gun tàrrainn fearann nan geug.
’N uair chithinn mar sgòth bhuam ceò nam beannan
’Gan còmhdach thairis gu léir,
Eubhal fo cleòc is Rònaidh ghleannach,
Le còta chanach an t-sléibh.
Lì Deas agus Tuath, le fuarain ghlana
’Nan luaths a’ tarrainn gu réidh
O’n aigeal a nuas, o ghruaim na stalla,
Is luachair falach am beul.
Gu laighinn air bàrr a’ chàrnain mhaisich
Le bàidh ’s le barrachd mo spéis,
An Eubhal mo ghràidh tha ghnàth air m’aire
’S a dh’fhàg mi fad’ as mo dhéidh:
Gun amhaircinn bhuam mun cuairt an sealladh
Bu luachmhoir’ agam fo’n ghréin,
Na lochan ’s na bàigh fo chràgheoidh ’s eala,
’S an àird a’ ghleanna, damh féidh.
’N uair dhèanainn treis tàmh ’s a thàirninn m’anail,
Gun teàrnainn thairis mun cuairt,
Timcheall nam bàgh ’s nan sràidean glana,
Le àileadh meala mu ’m bruaich.
Chan ionnan ’s mar thà ’s an àraich charraich,
Toirt slàinte ’s fallaineachd bhuam,
Le boladh a’ bhàis toirt plàigh le galair,
’S gun àite falamh gun uaigh.
Ged bhithinn gun stòr gun òr gun fhearann
Gun chòmhnuidh agam no blàths,
Ach toll ann am bruaich, gun tuar gun teine
Gun truas gun charaid gun bhàidh,
Gun léinidh mu m’ chom ’s mi lomnochd falamh,
Gun bhonn gun aran ’nam làmh,
Ach bhith mar an t-ian tha ’g iasgach cladaich,
Toirt trian dhe bheath’ as an tràigh.
’N uair thigeadh am fuachd, an cruas ’s a’ ghailleann
O’n tuath a’ frasadh le gaoth,
Gu rachainn an toll le fonn gu toilicht’
Le bollstair rainich fo m’ thaobh;
Lìonainn gu dìonach bial an doruis
Le fianaich mholaich ’s le fraoch,
Gun eagal gun fhiamh roimh shian ’s a’ mhonadh,
Is sgian mo chogaidh ’s i dùint’.
Chan fheumadh mo chluas bhith shuas ag caithris
Ri fuaim a’ chanain ’s an àm,
No idir mo shùil bhith dlùth ag amharc
Far chùl a pharapaid ann;
Mus tigeadh gas bàis a thàrradh m’anail—
A ghnàth am flanainn mu m’ cheann,
’S an rubar mu m’ bhial mar chìoch aig leanabh
’S mi dian a’ tarrainn troimh bann.
title | 10 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |