[32]

ORAN NA SEILGE

Chaneil dùilam bhon fhuair mi ùinair
Nach dèan mi cùisean a chur an liad;
Na làithean sùnndach tha air mo chùlaibh
Nach fhaic mo shùil-sa nas dhiubh lias:
An uair a bòg mis mi leum le sòlas,
Mun dfhuair mi eòlas air bròn no sian,
Bidh siod an còmhnuidh atighinnnam chòmhdhail,
Gam fhàgail neònach is leòintan ciall.

An uair a dhfhalbhainn air oidhche reòta
S an sneachda tòchdadh, tighnn oirnn bhon tuath,
Adol dhan mhòintich a chumail còmhdhail
Ri mac agheòidh ghlais, cha sòrainn fuachd;
Mis na sgàthan air chùl nan àrdchlach
Nam shìneadh sàmhach, ’snam làmh mo luaidh,
An uair chaogainn sùil ris an fhear nach diùltadh
An t-sradag shiùbhlach a stiùireadh luath.

An t-sradag mheanbh ud a stealladh dearg
Dhan an deannan fheargach bha marbhteach dlùth,
Cha ghabh e rian a chur air le iarraidh
Be nàdur riamh bhi gun chiall gun tùr:
Air lasadh shìos dhas an ionad dhìonach,
A mach troimh bhial ann am briobadh sùl;
S ann leam bu mhiannach a bhithga riaghladh
S bhith leigeil sìos ris an teine cùil.

Ri oidhche reòtas an iarmailt còmhnard,
Gun mheall gun sgleò no gun sgòth gu h-àrd,
Na reultan bòidheach aclisgeadh còmhla
S aghealach ghlòrmhorna còta slàn,
Bu mhór an sòlas leam fhìn bhith beò ann
Is agam seòrsa de bhreòcladh slàint’,
S mi dol an òrdan ri damh na cròice,
Is agam còir air an dòigh no dhà.


[33]

Na gleanntan uaines na beanntan fuara
Afreagairt shuas dha ri fuaim a bheòil,
Aig neart an fhùdairn uair las e sunndach,
Le sradaig chùil thàinig dlùth bhon òrd.
Bhiomaiden uair sin air chrith le uamhas
Gum biodh mun cuairt oirnn gu luath an tòir,
S nan cuirten sàs sinn air taobh nan àrdchnoc
Gum biodh am màireach glas-làmh mar dòrn.

An t-sealgs an t-iasgach bha sinne dìon dhaibh
Am measg fuil is crèadh ann an sliabh na Fraing,
Cha bhlais ar bial-ne air sgath gu sìorruidh
Tha laghan dèante nach fhiach sinn ann:
Ach dha na h-uaislean a bhair achluasaig
S aphlangaid shuarachs i suas mun ceann
Bhiomaiden uair sin a muigh aig uamhas
S am peileir luaidhe mar cluais le srann.

Ach tha min dòchas gun cùmhnar beò dhinn
Na thogas tòrachd is còir nam beann
An uair thig na fiùrain lem briogais-ghlùine
Nach deach a null air ar cùl dhan Fhraing;
N uair thig iad dlùth dhut dèan caog-an-t- sùil riu,
S ged bhiodh ann triùir dhiubh na crùb do cheann,
Oirs mór an tàmailt, ma chluinn am bàrd e,
Gun dtheich fear Gàidhlig air sgàth nan Gall.

Ghillean, falbhaidh sinn fo ar n-armachd,
Gun eagal eanchainn toirt marbhnar ceum,
Chun nan àrdbheann a shiubhal fàsaich.
S bheir mise deàrrsach air damh an fhéidh.
S ma thig na buachaillean thagan uallach
Gu faigh iad uaigh ann am bruaich dhaibh féin;
Theid cabar royal aig ceann gach seòid dhiubh
S gun tràigh sinn stòp bho nach beò na dheug.

title11
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page