AN EALA BHAN
Gur duilich leam mar tha mi
’S mo chridhe ’n sàs aig bròn
Bho’n an uair a dh’fhàg mi
Beanntan àrd a’ cheò,
Gleanntannan a’ mhànrain,
Nan loch, nam bàgh ’s nan stròm,
’S an eala bhàn tha tàmh ann,
Gach là air ’m bheil mi ’n tòir.
A Mhagaidh na bi tùrsach,
A rùin, ged gheibhinn bàs—
Cò am fhear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan ’eil sinn uileadh ach air chuairt,
Mar dhìthein buaile fàs,
Bheir siantannan na bliadhna sìos
’S nach tog a’ ghrian an àird.
Tha mise ’n seo ’s mo shùil an iar
On chrom a’ ghrian ’s an t-sàl;
Mo dhùrachd leig mi as a déidh
Ged thréig i mi cho tràth,
Gun fhios am faic mi màireach i
’N uair dhìreas i gu h-àrd,
Is iomairt lann gu bhith ri chéil’
’N uair ’s léir dhuinn beul an là.
Tha ’n talamh léir mun cuairt dhiom
’Na mheallan suas ’s na neòil;
Aig na shells a’ bualadh—
Cha léir dhomh bhuam le ceò;
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a’ ghunna mhòir;
Ach ged tha ’n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air Nic Leòid.
Air m’uilinn anns na truinnsichean
Tha m’inntinn ort a ghràidh;
’Nam chadal bidh mi bruadar ort,
Cha dualach dhomh bhith slàn;
Tha m’aigne air a lìonadh
Le cianalas cho làn,
’S a’ ghruag a dh’fhàs cho ruadh orm
A nis air thuar bhith bàn.
Tha mi’n seo ’s an fhàsach
Air sliabh a’ bhlàir ’s mi leòint’:
’S e ’n nàmhaid rinn mo shàradh
’S a chuir saighead cràidh ’nam fheòil;
An gaol thug mi dh’an mhàldaig,
A’ ghruagach àluinn òg,
A nochd chan fhaod mi àicheadh
Nach e chuir ceàrr mo dhòigh.
Cha b’urrainn mise innseadh dhuibh-se
Cliù na h-ìghneig òig;
Cha b’urrainn bàrd a sgrìobhadh
Ged a b’innleachdach a dhòigh;
Aon nì tha mi cinnteach as,
Mas e ’s gun till mi beò,
’S ann leam-sa bhios an dìleab ud
Ged dh’fheumainn strì nan dòrn.
Mar chanach geal na mòintich
Tha ’n òigh is àille snuadh:
Mar ròs a’ fàs an gàrradh
A bilean blàth ’s a gruaidh;
Tha cainnt a beòil cho càirdeil
’S gun tàladh i gach sluagh,
’S ’n uair bhios tu sgìth ’s tu sàruichte
Nì bàidh-se d’àrach suas.
Teanga ghlan na fìrinne
O’n chrìdh tha dìreach réidh,
Gun fhoill gun cheilg gun àrdan,
Gach nì as fheàrr na chéil’;
Is ma tha buaidh measg chàich oirr’
Cha toir i tàire th’éil’,
Mar dhuilleach craoibh a dh’fhàsas
Air àilleagan nan geug.
Am fear a gheibh air làimh thu
Gur àghmhor e ri bheò;
’S e nach fhaod a ràitinn
Gun deach e ceàrr ’na dhòigh;
’S ann leis-san bhios am bàrr
Dhe’n a’ bhainne bhlàth ri òl,
’S gur glan a’ chuisl’ on tàinig e,
A ùth na bà ’s a’ chrò.
Mas e ’s gu bheil e ’n dàn dhomh
O’n bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi ’n t-àite
’S an deachaidh m’àrach òg,
Bidh sinne ’s crathadh làmh againn
Is bilean blàth toirt phòg,
’S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
Le fàinne chur mu d’ mheòir.
Ach ma thig an t-àm
Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs,
’S ’s an uaigh gun teid mo shìneadh
Far ’eil na mìltean chàch,
Mo bheannachd leis a’ ghruagaich,
A’ chaileag uasal bhàn,
Gach là a dh’fhalbh gun uallach dhi,
Gun nàire gruaidh ’na dhàil.
Oidhche mhath leat fhéin a rùin,
’Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a chùl
’S do dhùsgadh sunndach slàn.
Tha mise ’n seo ’s an truinnsidh fhuair
’S ’nam chluasan fuaim a’ bhàis,
Gun dùil ri faighinn as le buaidh—
Tha ’n cuan cho buan ri shnàmh.
title | 12 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |