[17]

CHA B’E GUNNA MO NAMHAID

Cha be gunna mo nàmhaid
Och a bàbhaist mo dhùsgadh,
Ach acheilearachd bhòidheach
Bhaig na h-eòin an Corùna.

Ho shiubhlainn ho .

Ach acheilearachd bhòidheach
Bhaig na h-eòin an Corùna,
Aig an uiseags an smeòrach
S druid acrònan a brùndail;*

Is aig mhàgail na lachainn
Anns amhaduinn bu chiùine;

Is aig gogail agheòidh ghlais,
S e thogadh Dòmhnall a shunnd ris.

An éirigh gréine bu toigh leam
Goire coileach na fraochchirc.

Is mac an fhéidh achuil donnaich
Am Beinn na Coille nan caorach.

An uair bhiodh oidhcheannan reòtann
S ann leam bu bhòidheach a bhùirich.

Atoirt làmh air aghunna
Bhiodh an cuileans a shùil rium;

E ri miodal mun cuairt dhiom
S a chridhe bualadh le sùgradh;

Miann na falana nàdur
S tlachd de fhàileadh an fhùdair;

Fear bu robaiche cluasan,
S trics an uair miga ionndrainn.


[18]

Is cha biongnadh le càch e
Nam bfhiosrach àd air ar sùgradh.

An uair a bhitheamaid còmhla
Air feadh na mòintich is sùrd oirnn,

Le mo ghunnanam achlais
S mi cumail fasgaidh on driùchd air,

Gus am faicinn fear cabrach
Le chuid mheanganan ùr air.

Sinn ag amharc le chéilair
mar gheibheamaid dlùth ris,

Air feadh chnocan is ghlaicean,
Air feadh chlachan is fhraochaibh.

Gus an saoilinn gun dèanainn
Leis achiad achùis air.

Reitheadh, air gleusadh nam brag,
An t-òrd a tharrainn gu chùlaibh,

Is far bharran nan geugan
Fear na h-euchda a stiùireadh;

S bhiodh an cuilean ag éisdeachd
S e feitheamh leum air mo chùlaibh.

An uair a leiginn an t-sradag
Don an deannan bha sunndach,

Bhiodh mac an fhéidhs ena shìneadh
Le osna thinn agus bhrùite,

Agus lotana amhaich
Far an damhairc min t-sùil air.

Siod mar chuir mise seachad
Iomadh latha gu sunndach,


[19]

Agus oidhchenam chaithris
Feadh nam beannanan cùbhraidh:

N uair bhiodh càchs iadnan cadal
Bhiomaide machna ar dùsgadh.

Is beag a shaoilinn an uair ud
Gu robhn cruas seo gamionnsaigh.

S e gaol na mosgaid a dhfhàg
Fo ghlas-làmh aig aChrùn mi

An gaol a thug minam òige
A bhithn còmhnuidhga stiùireadh.

Achn uair rinn misa pòsadh
Nochd rium bròn air a cùlaibh,

S thàinig muladnam fhianuis,
Is chan iarramaid fhaotainn;

N uair fhuair min tochradh o Sheòras
Leis an ògbhannaich chaoil ud;

Bras is copar is feòdar,
Luaidhe, cordite is fùdar.

Botal olana pòcaid
Gus bhithn còmhnuidhga sgùradh;

On a thug mi na bòidean
Gun dèanainnMóraga ghiùlan

Gus an tuiteamaid còmhla,
Air neo dhan stòdhar a tionndadh.

*Tha ceithir sreathan anns gach ceathramh. Tha an da shreath mu dheireadh anns gach ceathramh air an seinn aig toiseach an ath cheathramh.

title2
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page