[20]

THA MI DUILICH, CIANAIL DUILICH

Tha mi duilich, cianail duilich,
Tha mi duilichs cianail thà mi
Bhon a chunna mi le mshùilean
Sealladh tùrsach mo chuid bhràithrean.

Gillean Gàidhealtachd na h-Alba,
Feadhainn tha marbh isnan clàraibh
Anns an fhàsaichs iadnan sìneadh,
An nearts an clì air am fàgail.

A luchd nan éilidhean tartain,
A luchd nan gartanan sgàrlaid,
S duilich leam nach fhaod sibh dùsgadh,
Sìbh-se luchd nan glùinean àluinn.

Tha mo chridhe brùite cianail,
Tha mo shùil on diar air tràghadh,
S nach aithnich mi sibh airur n-ìomhaigh
Bhon a riaghladh leis abhàs sibh.

Thar leapannan fliuchs gur fuar iad,
S cruaidh ur cluasagan gun chàradh,
Le uisge tàmh air an uachdar,
S duilich leam an uair a thàrr sibh.

S trom an cadal thair na fìùrain
Chuireadh orm-sa sunndach fàilte,
Lem bu mhiann a bhithnam chòmhradh
Cur mun cuairt nan òran Gàidhlig.

Chì mi roinn eile mun cuairt dhiubh,
Crois air a cur suas aig pàirt dhiubh,
Ainm an laoichn siod oirre sgrìobhte,
Dhèanadh innseadh dhuinn gun dfhàg e.

Chì mi brògan agus aodach,
Chì mi aodainn agus làmhan
Nochdte an talamh na Frainge
Farn do chaill mi mo chuid bhràithrean.


[21]

Siod far am bin latha brònach;
Na faicibh neònach dhòmh-sa ràitinn,
N uair a thilleas na bhios beò
S en roinn ro-mhòr bhios air am fàgail.

Achn uair théid an t-sìth a dhùnadh,
Gunnaichean gach aon dhiubh sàmhach,
Teine dealaichte bhon fhùdar,
Naimhdean cùl ri cùl amàirdseadh

Facal dhiubh gur anns an uair ud
Théid an t-saighead chruaidhs amhàthair,
Anns an athair, anns aghruagaich
Dhfhàgadhs an uair seo gun bhràthair.

Siodn uair bhios an cridhe cianail,
Siodn uair théid an sgian a shàthann,
Siodn uair ghealaicheas an ciabhag
S ann le diachainnean abhlàir seo.

Ach misneachd do gach fear is dhibh,
Is leughaibh gu léir na h-àithntean
S seallaibh Ris-san a rinn éirigh
Ged a cheusadh E le nàmhaid.

Tha sibh dol gu léirnan déidh-san,
Chaneil fear no rim fàgail,
S ma ghabhas sibh an tha saor dhuibh
Gheibh sibh saorsas chi sibh fàthst iad.

Chì abhantrach a fear-pòsda,
Chì an t-òganach a mhàthair,
Tachraidh peathraichean le sòlas
Mar bu deònach leo rim bràithrean.

An uair chì iad maduinn Chéitein
Eòin air géigs an gleus gun tàmh ann,
Neònach mur a tog iad fianuis
Leam-sa gura fìor am bàrd mi.

Fhads a bhitheas misair mfhaotainn
Anns an t-saoghal seo air mfhàgail
Bidhnam chridhe beòsnam shùilean
Sealladh tùrsach mo chuid bhràithrean.

title3
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page