DH’FHALBH NA GILLEAN GRINN
Dh’fhalbh na gillean grinn
Fo’n cuid armaibh,
’S ann rium fhìn a chòrdadh
A bhith ’n còir nam balachan.
Dh’fhalbh na gillean grinn
Fo’n cuid armaibh.
Gun d’leum iad an truinnse,
Ruith an cùrsa dìreach,
’S dh’fhosgail teine cìnn oirnn
Le ìnnleachd na Gearmailt.
’S ged a leum iad sunndach,
Dol mar fhiadh ’s a’ bhùireadh,
Chaog a naimhdean sùil riuth’
’S rinn iad dhiubh-san targaid.
’S gu robh fir mo rùin-sa
Tuiteam air gach taobh dhiom
’S bha mo chridhe caoineadh
Ged bha ’n caoch ’nam eanchainn.
Cuid dhiubh laighe sàmhach,
Roinn feadh shloc a’ cràladh,
’S mòran ann an spàirn dhiubh,
’G iarraidh àite teanacsa.
Ach ’n uair fhuair sinn dìreadh
Am bruthach a’ mhill sin
Leum sinn uile dìgean,
’S gach fear dhinn air fhalachaig.
’N uair a fhuair sinn dlùth dhaibh
Far an robh na cùilean
’S mìltean dhiubh a’ crùbadh,
Dhùisginn iad le damnadh.
Sgrios sinn iad dh’an t-siorrachd,
Fear an ear ’s an iar dhiubh,
’S cha robh mac am fianuis
Mun do chiar an t-anmoch.
Dhubh an oidhch’ oirnn cianail
’S shil i oirnn gu fiadhaich,
’S cha b’urrainn dhuinn sian
A dhèanamh ach bhith cearbach.
Sheas sinn mar a bha sinn
Ann an criadh ’s an clàbar,
’S bha ’n t-uisge cho àrd dhuinn
Ann ri barr a’ gharmain.
’S ’n uair a thuig ar nàmhaid
An tinnead mar bha sinn,
Dh’fhosgail iad gach càil oirnn
Rinn an làmh a dhearbhadh.
Thionndaidh iad le’n compaist
An gunnaichean trom oirnn,
’S thiodhlaic iad ’s a’ pholl sinn
’S ar com air a sgealbadh.
Dealanach an fhùdair
Lasadh os ar cionn-ne
’S tàirneanach ri chùlaibh,
Brùchdadh ar fuil fheargach.
Dh’fhalbh na gillean grinn
Fo’n cuid armaibh,
’S ann rium fhìn a chòrdadh
A bhith ’n còir nam balachan.
Dh’fhalbh na gillean grinn
Fo’n cuid armaibh.
title | 6 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |