[26]

ORAN A’ PHUINNSEIN

Fhearaibh a bheil cuimhnagaibh
An thàinig am puinnsean oirnn,
Nar seasamh anns na truinnsichean
S gun ann gus ar còmhdach.

O nach beag a shaoileamaid
Gun tigeadh as ùr oirnn:
An sruth tha ruith or sùilean,
S sinn acùileireachds acrònan.

Cha robh gu teanacsadh dhuinn
Ach làmh thoirt air an t-searbhadair,
S a cheangal gus nach fhalbhadh e
Gu dearbhte mu ar srònan.

Cha shaoileamaids an àm bha siod
Gu robh am bàs cho teann oirnn;
Ar leam-sa gur e meall a bhann,
N uair theann e nall air còmhnard.

Sabaids cath cha dèanamaid
Ged nochdadh iad am fianuis dhuinn;
Bha na deòir cho diachainneach,
S chan fhaicinn lias ach neònach.

Na faighinn mar bu mhiannach leam,
Don Ghearmailt gum be miarratas,
S e teine thighnn on iarmailt oirr’,
Ga leaghadh sìos gun tròcair.

title7
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page