AISLING AN T-SAIGHDEIR
Hó hì hóireannan,
Gu robh an t-àm éirigh.
Hó hì hóireannan.
Chunnaic mise ’n raoir bruadar,
’S tric mi smuaintinn ’na déidh oirr’;
Damh donn nan gleann luachrach
Suas a tuath air Loch Euford
Feadh chlachan is bhruaichean—
Mi ’s an uair a’ tigh’nn réidh ris.
’N uair a fhuair mi air m’uilinn
Chuir mi ’n gunna r’a ghleusan;
Rinn mi stiùireadh gu fàilidh
Mach thar bhàrran nan geugan;
Leig mi ’n t-sradag dh’an fhùdar,
’S gun do dhùisg e le éigh mi.
Cha robh sgial air fear cabrach—
Eigheach caiptein ratreutadh.
Gu robh Ghearmailt air brùchdadh
Air ar cùlaibh ’na ceudan.
Bha mo bhruadar-sa neònach
Ge b’e dòigh anns an leught’ i.
Chaidh mo dhùsgadh an cabhaig
’S fhuair mi tarrainn air éiginn.
Fhuair mi mach as an tràl ud
Mus do thàirneadh gu chéil’ e.
Chuir iad cuid ann am fang dhinn
Chaidh gu campaichean Cheusair.
title | 8 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |