NA CAMSHRONAICH ’S AN FHRAING
Gu robh bhuaidh le na seòid
Ghuineach gharg agus bheò,
Luchd nan gleanntannan uaine
’S nam fuarbheanna mór,
Luchd nan gàirdeanan treuna
Nach géilleadh ’s a’ mhòd
Fhad ’s a dhèanadh an guaillean dhaibh
Bualadh nan dòrn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
’N uair a chuala mi gàirich
Is màrsadh nam pìob
’S an lùdag gun tàmh
Fo’n a’ mhàl a’ dol binn,
’S ann shaoileam gun d’fhàs mi
Cho làidir ri trì,
Thug mi leum—cha robh dàil—
’S chun na sràide chaidh mì.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
Bha na mìltean de shluagh
Ruith mun cuairt as gach àit,
Mnathan ’s clann air an guaillean
’S an gruag ris an làr;
Iad a’ brùchdadh ’nan ciadan,
Ag iarraidh gun tàmh
Gàidheil Alba mu thuath
Thilleadh buan as a’ bhlàr.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
Gu robh ’n aghaidh geal fuar,
Cha robh tuar orra sìth,
Sùil mar rionnagan reòta
Leum còmhla gun sgìos;
Gu robh ’n ceum ann an òrdan
Gun òirleach dh’a dhìth,
’S dh’innseadh éirigh an sàil
Gu robh ’n t-àrdan ’nan cinn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
Cho robh dùrd tigh’nn o ’m beul
’S cha robh gleus air ceol-gàir’,
Bha iad sàmhach gu léir
Dol gu réidh ris a’ mhàirds
Gus an tàinig iad dlùth
’S an do shùl iad mo bhàids,
’S leig iad glaodh asda còmhla
Chuir feòilchrith air càch.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
Bha gach gìomanach àghmhor
Le àrdghuth a chinn.
A’ glaodhaich an Gàidhlig
’Gam fhàilteachadh fhìn,
Cha robh seòrsa ’s an Airce
De nàisean no linn
Nach robh ’g éisdeachd na cànail
Bh’aig Adhamh ri mhnaoi.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
O nach fhaodadh iad tàmh
Ghabh mi sràid leotha suas,
Cur le coibhneas na fàilt’,
Crathadh làmhan mun cuairt,
Ag ùrachadh cainnt
Air na gleanntan mu thuath
Far an d’fhàg sinn ar càirdean
’S ar màthraichean bhuainn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
’S ’n uair a ràinig sinn dlùth
Far ’n robh ùpraid a’ bhlàir,
Far ’n robh srann aig an luaidhe
Mu ’r cluasan gun tàmh,
Dh’fhàg mi slàn aca fhéin
’S beannachd Dhé leo a ghnàth,
’S shìn na fìùrain an ceum
’N coinneamh éigheach a’ bhàis.
Gu robh bhuaidh le na seòid.
title | 9 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |