EARRANN 21920–1945
[38]ORAN A’ GHUANA*
A h-uile taobh a sheallas mi
Cho fad ’s a tha ’nam fhianuis,
Chi mi fear is eallach air
Aig dachaidh Dhòmhnaill Iain,
Dannsadh ris na ballachan
’S ag éigheach, “Tha mo bheannachd dhut;
Cha téid sinn dha na cladaichean
A ghearradh srad am bliadhna.”
Guma fada maireann
A bhios ceannaiche nan ciadan,
A thug an stuth a Glasacho
’S a rinn a cheannachd fhiachar;
Am pàirceannan mhic Alasdair
Bidh coirce toirt na gealaich dhinn
Is Ruairidh dol am falach ann
A ghearradh shlatan iasgaich.
Thuirt Murchadh ri Peigi,
“ ’S beag a dh’eagal a bhios òirnne,
Ma gheibh sinn dad a shìol,
Nach bi ’m bliadhn’ againn cònnlach;
Théid an taigh a thughadh
Is cha mhuran bhios ’na ròpan
Ach coirce fada liath
Théid a shnìomh le mo dhòrn-sa.”
Gun tuirt Aonghus Ailein,
“A nis fhearaibh déanaibh tionndadh;
Déanaibh dubh an talamh
’S cha bhi gainn’ air ’ur cuid bhrùidean;
Is tric a bha mi cantail ruibh
Is dhalladh sibh mo shùilean,
Ach chì sibh gur i ’n fheamainn
Rinn an talamh ’na cùis-bhùrda.”
Thuirt Tormad mo nàbuidh
“Guàna cha dèan e
An talamh chur gu fàs dhuinn
Am pàirceannan riasgmhor;
Tha muinntir an àit’ seo
Aig Sàtan ’gan riaghladh,
’S iad ’nan leabaidh bhlàth
Agus càch ’s iad ’gam pianadh.”
Thuirt Gilleasba Camshron,
“Gu dearbha cha b’fhiù i;
Is iomadh latha garbh
Chuir mi sgealb far mo rùdain,
A’ gearradh nan clach gorma
’S i anabarrach drùidhteach,
An sruth ’ga toirt air falbh bhuam
’S an stoirm ’ga mo lùbadh.”
Thuirt Anna Ros ri Uilleam
’S i toirt turrag air a fiaradh,
“Ged gheibhinn dheth na tunnaichean
Cha chuirinn-sa mo mhiar air.
B’fheàrr leam a bhith cumail
Duine dubh mur biodh e fiadhaich,
Aig am biodh an t-airgead
’S a cheann’cheadh an sìol leis.”
Gun tuirt Aonghus Ruairidh,
“ ’S e bhuain cnag na cùise:
An uair a gheibh sinn suas e
Bidh cruachan ro-dhùmhail;
Ach leagaidh sinn an iodhlainn
’S nì sinn tuilleadh a chur ùr rith’,
Is an tobht’ aig Aonghus Ruadh
Nì i suas an taobh cùil dhi.”
Thuirt Mairghread ri Ailein
’S e ’cur ghreallagan ri chéile,
“Is fheàrr dhut sgur a threabhadh,
Cha dèan Seonaidh car ach céilidh;
Is an uair a thig am foghar
Bidh thu, bhobaig, ’nad dhil-déirce,
’S mura dèan thu pòsadh
Bidh ’n t-eòrna gun fheum dhut.”
Thuirt Ruairidh na Càrnaich,
“Tha ’n àth’ againn ro ìseal;
Feumaidh sinn gun dàil
Tuilleadh àird’ a chur innte;
Théid mi oidhche Luain
Dh’aindeoin uamhas ’s dròch shìde
Far ’eil Dòmhnall Ruadh,
’S nì e fuasgladh le cinnt oirnn.”
Bha Aonghus ’ga dhreannadh
Ris an teine mar a b’àbhaist,
A’ brodanachadh pìoba,
’S a bìogail tòirt spàirn air:
Thachais e mu fhiasaig
Is ghrìos e ri Màiri
Comhairl’ thoirt air Ruairidh
Mus gluaiseadh e ’n àtha.
Thuirt Anabla ’s i ’snìomh,
“ ’S beag tha rian aig do sheanchas;
Ma thig Dòmhnall Ruadh
Nì e suas i mus fhalbh e;
Ged a tha e seòlta
’S a dhòghannan cealgach,
Tha e math air òrd
’S nì e còrnairean calma.”
*B’ann an 1920 a thainig tobhar gallda dh’Uibhist an toiseach. B’e Dòmhnall Iain Moireasdan, Dòmhnall Iain Iain ’ic Mhurchaidh, an ceannaiche thug do sgìr Chàirinis e, agus ’se daoine as a’ choimhearsnachd aige tha air an ainmeachadh anns an òran.
title | 13 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |