[54]

MOTOR-BOAT HEILLSGEIR

Soiridh leis abhàta a dhfhàg leinn Port Ròigh
S a chaidh leinn gu Màisgeir sàbhailte troimhn cheò;
Faoileag gheal an t-sàile fàlaireachd mu sròin,
Pliuthannan dhan phràisich oirren àite sheòl.

Adol seachad Stocaidh, cop oirre le spàirn,
Hìbheirean ag osnaichs iad gun fhois gun tàmh,
Suaile trom gu socair leigeil roc am bàrr
S nuallan aig gach oitir roladh moilsga chnàmh.

Dol timchioll na h-Easgainn feasgar greannach fuar
S ann leam fhìn bu leisg e dol a shreap ri stuaigh,
Marannan ag cleasachd, tighinn on deas gu tuath,
Sùil airson na h-Eiste, ’s eagal oirnn roimh gruaim.

Seonaidh Mórga stiùireadh, ’s gu robh shùil cho geur
Ri caiptean air criùsair dol a dhionnsaigh euchd;
Bha mises mi crùbadh ann an cùil leam fhéin,
S an crodh ris an taobhstoc air an taodadh réidh.

Chaneil yacht no criùsair no te shiùil fon ghréin
Gheibhnad uisge stiùrachs tu fo shùrd do cheum;
Bidh iad dèanamh cùrsort, ’n dùil gum bi sibh réidh;
Fàgaidh tu gun diù iads siùbhlaidh tu leat fhéin.

Copar agus cruaidhe fuaigheilte gu réidh,
Cnòintean air an uachdar gus nach gluaiss nach géill,
Clann Dòmhnaill mo luaidh ann ri guaillibh a chéil’,
Bataraidhga shuathadhs sradag uaine leum.

Ach thug mise bòidean nach seòlainn gu bràth
S nach déanainn abhòidse leis na seòid a bhà,
Ged a bha iad eòlachs a Chlann Dòmhnaill àd
Cha robh liad mo bhròige dhan chuairt-bheòil am bàrr.

title22
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page