AM FIANUIS UIBHIST
’N uair nochd rium cùl nam beanntannan
Is gleanntannan an fhraoich
Gun tug mi sùil gu teann orra
Le cleamhnas is le gaol;
Bha Eubhal ’s ceò mu’n cheann aice
’S gach allt a’ ruith le gaoir,
Is Biùrabhal gun d’shanntaich mi
’S an àm sin bhith r’a taobh.
Bha Lì fo Dheas ’s a cruaidh chreagan
Le guaillean fad o chéil’,
Bha muir m’a sàil ’ga cuartachadh
’S gach stuagh a’ ruith a chéil’;
A null m’an cheann a tuath aice
Bha nuallan aig na féidh,
’S Loch Euford is sruth cuachach air
A’ mireag luath mu bheul.
Ged bha mi ruith a chùrs’ aice
’S mi aig an stiùir an sàs,
’S ann dh’fhairich mi cho drùidhteach e
Mo chùl bhith ris an àit
Far ’n robh mi òg gu cùramach
Air feadh gach lùb is tràigh—
An long ’s i air mo ghlùin agam
’S mi cur a siùil an àird.
O chloich gu cloich ’ga fuaradh-se
Is crith le fuachd air m’fheòil,
Is m’fhéileadh chun nan cruachanan,
Gach dual a bh’ann ’na lòn.
Bha cruinn de sheileach uain’ innte
Is raineach ruadh ’na bhòm,
’S bha buill de shnàth na cluaimh’ agam
’Na chuachan innt’ air bòrd.
Air sgaradh dhe na speuran dhuinn
Mun d’éirich oirnn a’ ghrian
Bha fearann Leòdhais réidh againn,
’S a ceum-se dol dh’an iar;
Bha suaile trom ag éirigh leinn
Gu h-éibhinn mar bu mhiann,
’S na gunnachan air ghleus againn
Gu cur na raiders sios.
Ach soiridh leis na h-àirighean,
Gach cnoc is bàgh is bruaich;
Tha cor an t-saoghail nàdurra
A’ dol gun tàmh mun cuairt.
Ma bhios mi beò ’s gu sàbhail mi
’S e ’n dàn dhomh a bhith buan,
Gu seòl mi chun an àite sin
Le fàilte thar a’ chuan.
title | 23 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |