MOLADH EUBHAL
Fhad ’s bhios muir a’ bualadh riut,
Is fhad ’s bhios stuagh ag éirigh,
Fhad ’s bhios onfhadh trom ’s a’ chuan
Bidh m’aigne buan an Eubhal.
Bidh thusa, bheinn mo ghaoil, fo d’chleòc,
’S a’ mhaduinn cheòthar Chéitean,
Is Biùrabhal is Lì fo Thuath
Ag amharc bhuap a chéile.
Ach nam b’fhiosrach do chnoic àrd
A liuthad àrmunn treubhach
A rinn tuiteam anns a’ bhlàr,
Thug sùil le bàidh ’nan déidh ort
Chan iarradh tus’ a’ ghrian gu h-àrd
A dheàlradh air do shléibhtean,
Ach sgòth ’s i dubh le bròn mu d’chuairt,
’S tu smuaintinn air na thréig thu.
Bidh gach duilleag ghorm tha fàs,
Le ceann gu làr gun éirigh,
’S an smeòrach dhonn a tha ’nad ghleann
Gun sguir i rann a ghleusadh.
Air do leacaich mhorghaich bhàin,
Air feadh do bhàghan réidhe,
Bu tric a chum mi breac an sàs,
Le dubhan bàis ’na bheul-san.
Ach ghille tha ’nad leanabh òg,
’N uair chluinn thu m’òran éisd ris,
Feuch an uair théid thu dh’an ghleann
An gabh thu ann leat fhéin e.
An uair dh’fhàsas tu ’nad laoch,
Le neart is aois a réir siod,
Chì thu saothair mo chuid làmh
Air feadh gach bàgh is ceum dheth.
Chì thu ann na càrnain iasg,
Mar ghnìomh mi ann ri chéil’ iad,
’S na sligean maoraich ann ’nan ciad,
Mar thug mo mhiar orr’ géilleadh.
Ged bhios tusa làidir òg,
Gun ghruaim no bròn ’gad cheusadh,
Le inntinn aotrom mar na h-eòin,
Gun dall an ceò do léirsinn.
Théid gach oidhche ’s là air chùl
’S cha chunntais thu ’nad dhéidh iad,
Is bidh fear ùr a’ faighinn t-àit
’S bidh bheinn mar dh’fhàg mi fhéin i.
title | 26 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |