[65]

MARBHRANN DO DHOMHNALL EAIRRTSIDH HOWIE

Thionndaidh mi air mfhiaradh
An iar dhan achladh ùr
Is ghabh mi suas is sìos ann,
Ag iarraidh farn deach thù;
Sn uair thachair orm abhlianag
Do leaba dhìonach dhlùth
Gun dbhuail e mi cho cianail
S gun dshil an diar o mshùil.

Sheas mi mar a bha mi,
Ban-fhiosrach càch mo ghruaim,
Is minam chridheg ràitinn,
“ ’S em bàss a làmhs an uaigh
A rinn an caochladh làidir
S a rinn ar càirdeas fuar,
S nach éirich Dòmhnall Eairrtsidh
Chur fàiltair Dòmhnall Ruadh.”

Than teang airn robh miseòlach
An seo fon bhòrdna tàmh,
S minig bha rium gu còmhraideach
N uair bha i beòs i slàn.
S i dreag gach aon an t-òrduchadh
A mhaireas còrrs gu bràth:
An duslach gheibh e chòraichean
S cha ghabh e òrnar n-àit’.

Bu sheasmhach glan is dìleas i
Gu cìnnteachna do bheul,
Gun char gun cheilg, ach fìrinneach,
Bitheadh e bìnn no geur;
Cha lùbadh i le ìobairtean
Ged dhìti leis achléir,
S chaneil an còrr ri innsoirre:
Le dìchioll ruith i réis.


[66]

Thug mi sùil mun cuairt ann
Air uaighean luchd mo ghràidh
A bhanan cadal suaimhneach
S achnocan uaine cnàmh;
Nam biodh iad air am fuasgladh
Bho ghlasaibh cruaidh abhàis,
Bu lìonmhor pòg a fhuair mi
S an uair seos crathadh làmh.

N uair thàinig ám dhuinn tréigsinn
Gun shìn mi ceum gun sunnd,
Le aigne briste deurach
Gam éigneachadh le tùrs’.
Fuireach cha robh feum dhomh,
Or cadal fhéin cha dùisg,
Is dhfhàg mi beannachd Dhé
Aig na bhanam dhéidhs an ùir.

O marbhaisg ort a shaoghail,
Gur caochlaideach thu fhéin,
Toirt gealltanais do dhaoine
Nach fhaod thu chur an céill;
N uair bhios mi shuass mi smaoineachadh
Gum bi mo shaoirsne réidh
S ann bhios mi shìos air mfhaotainn
Le faobhar aig an eug.

title28
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page