[67]

THIG ’S CHA TIG

Thig an t-Earrach le mìos Màrt,
Thig an Samhradh blàth gu cur,
Thig am Foghar geal le bàrr
S thig an Geamhradh làn le tuil.

Thig an lathas thig an oidhch’,
Air gach slats achoill thig grian,
Thig ri cladach am muir-tràigh
S thig muir-làn ri sàil gach sliabh.

Thig aghaoth on deas dhan iar,
Thig á stoirm am fèath gu gann,
Thig am bogha-froiss an nial
S thig am fiadh le miadh gu mheann.

Thig an t-ian gu nid dhan ghleann,
Thig am breac dhan allt on chuan,
Thig gach aig am bheil ám,
Ach mòige thall chan fhàs i nuadh.

Cha tig spionnadhna mo cheum,
Cha tig far mo léirsinn ceò,
Chaoidh cha tig air ais mo dheud,
S cha tig an fhéills an dleum mi òg.

title29
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page