[42]

EUBHAL

Tha Eubhal mo ghràidh-sa
Am bliadhna mar bha i,
Gun chaochladhna càradh,
Gu blàth agus ciùin;
Le aois cha do chnàmh i
S cha dliath i le ànradh,
Snam fhianuis gu h-àrd
Gu bheil càrnan mo rùin.

Tha grìpichean dìonach
Le còinnichs le fiasaig,
Atàmh anntthan ianlaith
S fon sgiath an luchd gaoil;
Gu h-ìsealsan ìochdar
Tha fuarain gun tìochladh,
Cha tràigh is cha tiachd iad,
Than riabh aruith saor.

Tha duillt aruith còmhla
Feadh ghlinn is le leòidean,
Cha cheannaicheadh an t-òr iad,
Tha còrr anntas fhiach;
Be miarraidhs mo shòlas
Gu sìorruidh bhith beò ann
Ag éisdeachd an crònan
Gu Obasaidh shìos.

Mun cuairt dhiot mar dhealbh dhomh,
S mi bruadar do gharbhlaich
Far am beòlach asealg mi
S an dmharbh mi chearc-fhraoich
S an geadh air an fhuaradh
Air blianagan luachrach
Gur lìonmhor mo luaidhe
S na bruachagan caomh.


[43]

Than cuan is gun tàmh air
Mu dchùlaibh acàpraid,
Muir lìonaidh is tràghaidh
Gach riut astrì;
Tha dfhìor chreagan làidir
Le driamlach mun sàiltean,
Le fiasgain is bàirnich
Afàs air an druim.

Far am beòlach mo chàirdean
S an t-samhradh air àirigh:
Bu shaoibhir a bhà iad
Buntàta agus iasg,
Le ìm is le càise,
Le uachdars le blàthaich,
Bho cheann Rubha Mhàil
Dhionnsaigh bàgh Sgor nan Cliabh.

Tha duamha gu fuaraidh
Gu falachaidh is uaigneach,
Le sòbhraichean uaine
Nam buailtean ma beul;
S an anmoch théid suas innt
Na calmain gun cluasaig
Gus an tàmh iad gu suaimhneach
Aduanan ri chéil’.

Aig sgaradh nan speuran
Mar dhòrduich E fhéin e,
Gach aon acag éirigh
N uair is léir dhaibh na neòil,
Asgaoileadh bho chéile
Feadh dhùthchannan théid iad,
Far an dfhuair iad an
Rud, than déidh airson lòn.

Tha leacach an iasgaich
Gu morghach geal grianach,
Farm bòg thug mi chiad bhreac
Air fhiaradh gu tìr,


[44]

Gach ceum bha mi dèanamh
Gam fhàgailn diugh cianail,
Is Loch Dùn an t-Siamain
Cha dìochuimhnich .

Than coileachs an fhraochchearc
Fo dgheugan le saoirsne,
Cha chluinn iadsan aonach
Nan caolchon fon tòir,
No gàire fhear sùnndach
Cur fàilte le fùdar,
S acaogadh an sùla
Air chùlaibh nan òrd.

S e dhfhàg mi cho brònach
Bhith smaointinn gach òigeir
Chaidh leam-sa troimh dmhòintich
Dhan deòin is le spèis,
Le sùgradh is sòlas
Cur fùdar ri fògradh,
S nach lùb iad am bròg leam
Nas air acheum.

Tha dùilam am màireach
Ma rium mo shlàinte,
S an t-sìdenam fhàbhar
S gach càil a bhith leam,
Gun dìrich mi àrdan
Na guailne a bfheàrr leam
S gu fàg mi gu bràth
Soiridh slàn aig do ghrunnd.

Gun crìochnaich min dàn dhut
Oirs éiginn dhomh dfhàgail,
Oir chaochail gach mànran
Is bhàsaich na suinn;
Aghrian bhagar tàladh
An iar gun do shnàmh i,
S am fèath a bha blàth
Chaidh a smàladh le gaoith.

title14
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page