[45]

DH’AN T-SEALGAIREACHD

Thug mi bòidean gun tillinn
S gu seòlainn an linne,
S nach robhn còrr ri mo thilleadh
Ach bilean na h-uaghach.

Far am bòg mi le mghunna
Toirt agheòidh far amhunaidh,
S damh na cròice o shiubhal,
Le fuil air aghualainn.

Toirt an ràcains na tunnaig
Nall far Oban na Curra,
Feadh na làthcha an cuilean
Asiubhal is buar roimh’.

S ann mus fàsadh i soilleir,
Mochs an latha, bu toigh leam
Bhith aig sàil Beinn na Coille,
S na coilich ag gluasad.

Feargam fàilteachadh uileadh,
Thalls an Aird chluinnte ghuth-san,
Fear air bhàrr Chnoca Dubha,
S fear aig an t-Sruth Luachrach.

S tric a dhfhàg iad mi duilich,
S gun en dàn dhomh bhìth fuireach
Ris achàrnan air muilinn,
S an t-eun dubh ri duanaig.

title15
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page