CUILEAN DHOMHNAILL RUAIDH*
’S mairg nach dèanadh àrach
Cuilean na deagh mhàthar,
Nach rachadh dh’an fhàsach
Chur air nàbuidh call.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
Théid e Bheinn na Coille
Dh’iarraidh chearc is choileach,
’S a bhristeadh an lagh’,
Ach coire chan ’eil ann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
Théid e chun na mòintich
Air sàilleabh a’ gheòidh ghlais,
’S leagaidh e ’n damh cròic’,
An còrr mur bi e ann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
An uair bhios càch gu suaimhneach
’Nan laigh’ air an cluasaig,
Bidh thusa ’s Domhnall Ruadh
Mu bhruaichean Loch an Fhaing.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
Cluinnear feadh na dùthcha
Osna throm an fhùdair,
Luaidhe ghlas ’ga smùideadh,
Dol a null le srann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
Bidh ’n cuilean a’ spàgail
Mach air feadh na làthcha,
A’ tighinn leis an ràcan
Air an t-snàmh a nall.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
’S e bhios luath ’s a’ ghleann.
*B’i Mairghread nighean Ailein, piuthar seanar Dhòmhnaill Ruaidh, a rinn a’ chiad chuid dhe’n òran seo agus chuir e fhéin an corr ris. ’Si Mairghread a rinn an t-òran “Ghille dhuinn ’s toigh leam thu.”
title | 16 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |