[47]

LEANNAIN DHOMHNAILL RUAIDH

Chaneil fiosam fhìn,
O gu fìrinneachs gu dearbha,
an dhen triùir
Bheir mi leam far amhargaidh;
Tha Peigi Sheonaidh òg,
S tha i bòidheach is dealbhach,
S an oidhche bhiodh am fuachd ann
Bi cluasag am bargan.

Ach Mór nighean Iain
Bu mhiann leam bhith dlùth dhi:
Cuimhnich air an riasg
A tha sìos ris an ùtraid;
Bu mhath dhomh bhithga riaghladh
S gach blianagga tionndadh,
Seach bhith ris an iasgach,
Abiadhadh an t-srùpain.

Ach am Peigi nighean Fhionnlaigh
Tha mo shùil-sa gu dearbha;
Chan fhacas riamh an cùil i,
Le fear gun diù afalbh leis;


[48]

Tha i maths an t-srùladh
S aig stiùireadh na fairrge,
S tha mo chridhen tòir
Air an òr thas an fhalachan.

An uair a gheibh min t-òr
Bidh mi dòigheil gu sìorruidh,
Bidh mi ris na h-òrain,
S n t-òl bhios mi dèanamh!
Ach cuiridh mise, bhrònag,
Am fòd ort ri bliadhna,
S mus tig mi far do thòrraidh
òg théid mi dhiarraidh.

Is gleidhidh mi na caoirich,
Gach aon as fhiach dhiubh,
Ach achuid tha caol
Leis an aois dhiubh air liathadh;
Bheir mi iad dhan bhùidseir,
Dham rùn, Dòmhnall Iain;
S cinnteach leam co-dhiùbh
Gum bi dùil aigen iarraidh.

title17
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page