[49]

ORAN CEIT NIC UISDEIN*

An cuala sibh air feadh na dùthcha
Mar dhéirich do Cheit nic Uisdein,
Thog E leis i air a chùlaibh
S thog E cùrs air Ultach Fhinn.

Adol timcheall ceann taigh Phàdruig,
S ann a sguab E far an làir i,
S gu robh tuillna còta-bàn
Farn robh na tàil aigena druim.

Adol seachad Loch na Béiste
Rinn an t-einnsean seòrsa géillidh,
Gu robh cailleach aigà Eirinn,
Agus téilaigá Port Rìgh.

Gu robh triùir aiginnte còmhla
S e dithis a bhas an òrdan
S leis cho sanntachs a bhaDòmhnall,”
Chuir e air abhòidsa dhìth.

Seachad Loch na Làire Bàine
S ann a thilg E chun an làir i
S thuirt EMura till mi màireach
Théid thu Chàirinis gun strì.”

N uair raining i taigh Catrìona
Cha do dhaithnich iad a h-ìomhaigh
S ann a thòisich iad ri grìosadh,
Theab thu, chiall, a dhol a dhith!”

*Bha cuspair an òrain air thuras eadar Cairinis is Loch Euford agus chuir e iongnadh air daoine cho luaths a choisich i an t-astar. Bha beul-aithriss an sgìr mu dhaoine bhithgantogail air an t-sluagh.” Bhiodh na sìthichean no cumhachdan dìomhair eile atogail dhaoine a aon àite agusg am fàgail an aìte eile. Cha robh fios an e seo a dhéirich do Cheit nic Uisdein!

title18
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page