[50]

TILLEADH DHACHAIDH

Fhir a shiubhlas thar achuain
Gu Uibhist Tuath thar sàil,
Gu tìr nam beann as àille snuadh,
Gu tìr nam bruachs nam bàgh,
Gu tìr nam fiadh, nan gèadhs nan naosg,
Far an robh mi maothnam phàisd
Gu tìr nan siad nach fiamh roimhn aog
Le faobhar anns abhlàr.

Innis dhaibh gu bheil mo chrìdh
Air feadh an glinn gach ,
Adìreadh bheann is allt gun sgìos
Geil maigne fhìn gun tàmh;
Nam faodainn dhfhàgainn frìth nan craobh
S bhiodh caochladh air gach càil,
An tuaghs an sàbh a chur a thaobh
Gun fhaobhrachadh gu bràth.

Is ged than oidhche reòta cruaidh
Le fuachd is cathadh-làir,
Gum be mo mhiann bhith dìreadh suas
Ri gualainn an t-Sròim Bàin;
Gu sìninn ceum gu sunndach bhuam
Is dhèanainn duanag dhà,
S a stigh gu Bréidhinis nam buadh
Gu fuaighinn es an dàn.

Ach tha min dùil ma bhios mi buan
Gun tig an uair nas fheàrr
S gun dèan mi seòladh thar achuan
S gu faic mi bhuam sibh fhàthst,
Na cnoics na glinns gach sìdhean fuar,
Na h-uamhannans na càirn,
Farm faic mi pàirt de luchd mo luaidh
Is uaighean luchd mo ghràidh.

title19
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page